Reachdan eile

C.M. LAOIDH 29

1 Cia tostach, sèimh, an leaba ’n uaigh,
A ghabhail suain is clos;
Thèid crìoch air dragh luchd-aing’achd innt’,
’S gheibh daoine sgìth làn fhois.

2 Innte cha chaoidh am prìosanach,
Nì ’s mò mar fhuair e chlaoidh:
Cha dochainn smachd luchd-ainneart bhuirb,
’S is balbh guth ’mhìllteir dhaoi.

3 Tha lag is làidir, beag is mòr,
Co-shint’ ’s an uaigh le chèil;
Tha nàimhdean sàmhach taobh ri taobh,
Is luchd na còmhstri rèidh.

4 Co-ionann caidlidh iad air fad,
Fo ghlasan teann a’ bhàis,
Gun uair an gairmear iad le Dia,
Na fhianais Là-a’-bhràth.

5 O bitheamaid an làth’r an Uain,
Trath theicheas talamh ’s nèamh,
Is fàilticheadh am britheamh sinn
Gu ’àros glòrmhor, naomh.

C.M. LAOIDH 34

1 O Dhuine th’ air do bhreith le mnaoi,
Cia tearc is truagh do làith!
Bhon duslach thàinig thu, is thèid
Gud dhuslach fhèin gun dàil.

2 Mar mhaoth-lus fàsaidh tu fo bhlàth,
Is gheibh thu bàs, gu beachd;
Mar fhaileas teichidh tu gu luath,
’S cha bhuan air thalamh neach.

3 Dhè mhòir, na smachdaich ann ad fheirg
An tomhas goirid, faoin,
De làithean diombuan, anshocrach,
Thug thu do chlann nan daoin’.

4 Ged chrìonas lus chan fhaigh e bàs;
Thig ’fhàs ri h-ùine nìos;
’S ged sheargas craobh ’s a’ gheamhradh fhuar,
Nì ’n t-earrach nuadh i rìs.

5 Ach aon uair ’s gum faigh duine bàs,
Cha phill a làith gu bràth;
A bheatha cha dèan earrach nuadh,
’S air ’uaigh cha ruig an là.

6 Amhluidh mar shruth a ruitheas bras,
’S nach tìll air ais r’ a shliabh,
Tha làith, is bliadhnidh, ’s lìnn dol seach,
’S cha thìll ri neach an triall.

7 ’S an uaigh, trath laigheas duine sìos,
Caidlidh e ’n dìon a’ bhàis,
’S cha dùisg e tuilleadh gus an tèid
An cruinne-cè na smàl.

8 O biodh an uaigh na leaba-thàimh
Dhomh fhèin gu là mo Thriath,
’S an èirich mi gu h-aobhach suas,
Le naomh-shluagh maiseach Dhia.

9 ’S an dòchas ait, le faighid mhòir,
Feithidh mi òrdugh Nèimh,
A thig ’s an àm a shònraich Dia,
’S an triall mi thuige fhèin.

C.M. LAOIDH 72

1 Airson ro mhèud nan gràsan saor’
Tha teachd gach là as ùr
Bho làmhan Chrìosd, d’ Fhear-saoraidh caomh,
Ciod, ’anaim, ’dh’ ìocas tù?

2 Mo thruaigh, o chridh’ mar th’ agam fhèin,
Ciod dh’èireas ’bheir dha cliù?
Mo nithe ’s fhèarr tha salach, breun,
’S mo chuid gu lèir chan fhiù.

3 Gidheadh, seo ìocaidh mise dha
Airson a ghràsan fìal’,
Dlùth-ghlacam cupan naomh na slàint’,
Is gairmeam air mo Dhia.

4 ’S e ’n t-ìocadh ’s fheàrr o neach mar tàims’,
Cho gràineil is cho truagh,
Do bhrìgh mòr fhialaidheachd a ghràis,
Bhith ghnàth ag iarraidh uaith.

5 An ùmhlachd chubhaidh thoirt cha tàir,
’S is adhbhar-cràidh mo bheus;
Gidheadh ’s e m’ uaill gu lèir is m’ àgh,
Gu bràth bhith ’n comain Dhè.

C.M. LAOIDH 107

1 Ge diamhain, ’s taitneach a bhith luaidh
Air ionad-suain a’ bhàis,
’S mun ghlòir tha cuartachadh nan naomh
A ghairmeas Dia nan Gràs.

2 Bheir osann dhìblidh iad gu sìth,
’S gann dh’ionndrainear iad uainn,
Mun gabh an t-anam toileach sgiath
Gu cathair-rìgh an Uain.

3 Biodh creideamh ’n dùil gum faic a shùil
An astar tro na neòil,
Ach thar a’ bhrat cha ruig ar n-iùl,
’S cha chluinn ar cluas an ceòl.

4 Is e na ’s aithne dhuinn gu lèir,
Gur beannaicht’ iad gu bràth,
’S gun d’ fhuadaich Crìosd gach bròn, is deur,
Is peacadh, bha gan cràdh.

5 Air clàrsaichean nan tèudan òir,
Gun sgìos a’ seinn a chliù;
O leanamaid, a Dhè na glòir’,
An eisimpleir gu dlùth.

6 Oir cumaidh ’n creideamh, ’n gaol, ’s an eud,
An cuimhneachan a-bhos,
‘S, a Thighearn, ann an thròcair, èist
An iarrtais as ar los.

7 Oir ’s iads’ a bhuannaich, sinne chaill,
Gan ionndrainn thar a’ chòir;
Ach leighis fhèin gach beàrn mar gheall,
A’ tiormachadh ar deòir.

8 ’S do rèir mar fhuair Elias gràs
Nuair chaidh Eliah suas,
Cuir cuibhrionn dùbailt o do làimh,
Nar measg, gun dàil, a-nuas.

C.M. LAOIDH 120

1 Chan adhbhar-nàire leamsa Crìosd,
No ’chùis a dhìon, gu beachd;
A crann a cheusaidh nì mi uaill,
Gèilleam gach uair dha reachd.

2 Ìosa, mo Dhia! is eòl dhomh ’ainm,
Is earbam às gu bràth;
Cha nàraich esan m’ anam truagh,
Oir tha m’ uil earbs’ à ghràs.

3 Daingean is buan mar chathair Dhia,
Gach cian tha gealladh Chrìosd;
O, ’s tèaraint’ m’ anam-sa na ’làimh,
Gu là a theachd a-rìs.

4 San là sin fàiltichidh e m’ ainm,
An làthair ’Athar chaoimh,
Is sealbh san Nuadh lerusaleim,
Dham anam bheir le ’naoimh.

7.7.7.7. LAOIDH 145

1 Nuair, le bròn, ar cinn tha crom,
Nuair tha sinn ri sileadh dheur,
Nuair tha sinn fo mhulad trom,
Ìosa, mhic na h-Òighe, èist.

2 Ghiùlain thus’ ar nàdur fann;
Shil nar nàdur iomadh deur;
Chrom le bròn gu tric do cheann;
Ìosa, mhic na h-Òighe, èist.

3 Nuair bhios coronach a’ bhàis
’Seirm air sgàth ar n-anma fhèin,
Nuair a bhios sinn anns a’ chàs,
Ìosa, mhic na h-Òighe, èist.

4 Chrom thu fhèin sa bhàs do cheann;
Dhòirt thu d’ fhuil air a’ chrann-cheusd’;
Laigh thu fhèin san leaba theann;
Ìosa, mhic na h-Òighe, èist.

5 Nuair tha ’n cridhe bàitht’ nar com,
’Cuimhneach’ air ar peacadh breun;
Nuair le geilt tha ’n spiorad trom,
Ìosa, mhic na h-Òighe, èist.

6 B’ aithne dhutsa nàir’ is tàir,
Air son ciont’ nach bu leat fhèin;
Chrom thu fodhpa gus an iàr;
Ìosa, mhic na h-Òighe, èist.

10.10.10.10. LAOIDH 148

1 Sìth, lànachd sìth, an saoghal aingidh, truagh?
Tha fuil an Uain a’ labhairt sìth bhith-bhuain.

2 Sìth, lànachd sìth, le uallach cùraim shìth?
Toil Ìos’ a choileanadh, sin fois is sìth.

3 Sìth, lànachd sìth, is bròn mar thuiltean àrd’?
Tha fèith fo fhasgadh Carraig mhòr nan Àl.

4 Sìth, lànachd sìth, ’s ar càirdean gaoil an cèin?
An Ìos’ tha iadsan tèaraint’ mar sinn fhèin.

5 Sìth, lànachd sìth, ’s gach ceum dhar triall fo neul?
’S e Ìos’ an còmhnaidh ar fear-iùil ’s ar reul.

6 Sìth, lanachd sìth, is sgàil a’ bhàis mun cuairt?
Thar uile chumhachd bàis fhuair Ìosa buaidh.

7 Is leòir leinn e: is geàrr a bhios ar strì,
’S bheir Ìos’ e fhèin dhuinn lànachd iomlan sìth.

C.M. LAOIDH 152

1 ’S beannaicht an ceangal gràidh nach leig
Dhuinn dealachadh o chèil;
Ach ged is èiginn sgaradh ’n tràths’,
Mealaidh sinn càirdeas Dhè.

2 Cha dealaich sinn gu bràth nar crìdh’,
Oir ’s aon sinn ann an Crìosd;
Le teas-ghràdh dèanamaid a thoil,
Gu là a theachd a-rìs.

3 O b’ fhearr gun stiùireadh e ar ceum
Na shlighe fhèin ’s gach càs,
Gun mhiann air nì sam bith fon ghrèin,
Ach Crìosd is meud a ghràis.

4 O gluaiseamaid nas dluith’ do Dhia,
Is gheibh sinn sòlas uaith –
Gach gràs tha fèumail dhuinn a-bhos;
’S an t-iomlan gheibh sinn shuas.

8.7.8.7. LAOIDH 158

1 Tha sinn ’feitheamh aig an abhainn,
Sinn ri faire air an tràigh;
Dìreach feitheamh fear-an-aisig,
Thig gar sireadh-ne gun dàil.

2 Ged tha ceò os cionn na h-aibhne,
’S ged nì ’h-uisgean beuchd is gàir,
Tha sinn ’cluinntinn laoidh nan ainglean,
’Tha iad ’seinn taobh thall na traigh’.

3 Agus fhuair sinn boillsgeadh deàlrach
Dhen ùr-bhaile ghlòrmhor shuas,
Le a thùran àillidh, soillseach,
Is le ’shruithean sèimh, neo-bhuairt’.

4 Iomadh seircein gràdhach ghairm e;
Dh’fhàg iad sinne brònach, trom,
Ach le Crìosd chì sinn a-rìs iad,
Nuair a thèid sinn fhèin tron tonn.

5 Nuair tro ghleann nan sgàilean thèid sinn,
Le a thonnan dorcha, fuar,
Anns a’ bhaile ghlòrmhor, àlainn,
Nì sinn tàmh an làth’r an Uain.

6.7.8.7. LAOIDH 167

1 ’Ìosa, thog mi mo chrann-ceusaidh;
Dh’fhàg gach nì gu teachd nad dhèigh;
Bochd is diblidh, air mo thrèigsinn,
Sealbh cha mhiann leam ach thu fhèin.

2 Sgriosar orm gach cuspair glòrmhor
’Dhùisg mo rùn no ’lìon mo chridh’;
’S leam sna nèamhan oighreachd oirdhearc –
’S leam mo Dhia; ciod bhios gam dhith?

3 Cuirear cùl rium leis an t-saoghal;
Chuir e cùl ri m’ Shlàn’ghear gràidh!
Meallaidh briathran ’s coslas dhaoin’ mi;
’Ìos’, cha mheall thu mi gu bràth!

4 Dearcadh orm do shùil gu bàigheil,
’Dhè a’ ghliocais, treun an neart;
’S beag leam fuath an t-saogh’l no ’chàirdeas;
Nochd do ghnùis, ’s gach nì bidh ceart.

5 Thugadh daoin’ orm dragh no àmhghar,
Ann ad uchd-sa gheibh mi dìon;
Thigeadh deuchainn ghoirt is cràdh orm,
’S mils’ bhios nèamh dham anam shìth!

6 O cha drùigh orm bròn no dòrainn,
Fhad ’s nach sgarar uam do ghràdh;
O bu truagh lem chridh’ an sòlas
Far nach biodh tu fhèin a làth’r.

7 Glac, O m’ anam, do shlàint’ iomlan,
Èirich suas thar geilt is truaigh;
Seall tha d’ obair deas mud thimchioll,
Slighe rèidh gu cath ’s gu buaidh.

8 Cuimhnich cò d’ Fhear-teagaisg naomha;
Cò rinn dìot a leanabh gaoil;
Cò a cheusadh gus do shaoradh,
Oighre nèimh! ’s leat làn nach traoigh!

9 Suas air sgiathan creidimh ’s ùrnaigh!
Greas an àird o ghràs gu glòir;
Dia e fhèin le ’làimh gad stiùireadh
Dhachadh gu a shòlais mhòir.

10 ’S goirid bhios do thriall air thalamh,
’S geàrr a bhios do shaoth’r fon ghrèin;
Dòchas ait bheir gèill do shealladh,
Osnaich ’s deòir do chliù ’s do sheinn.

X.M. LAOIDH 179

1 Rid thaobh-sa, Ìosa, seasam fhèin;
Nad sheirbhis fanaidh mi a-ghnàth;
Air falbh cha toir mi uiread ’s ceum;
Gach rè bidh grèim agam dhed làimh.

2 Beatha mo bheatha ’s tu gu lèir,
Smior m’ amna agus m’ uile chàil;
Mar shnodhach ’dìreadh suas on fhreumh,
Tre mheur na craoibh gu ruig a bàrr.

3 Fan thusa dlùth dhomh ’n teas an là,
dlùth nuair chromas sìos a’ ghrian,
Air feasgar nuair a shineas sgàil,
’S an oidhche dhubh mun t-saogh’l ag iadh’.

4 O càirich air mo cheann do làmh,
Trath tha mi airtneulach ’s gun chlì;
Is beothaich mi, rim chrìdh’ ag ràdh,
“Dham dhachaigh àird bheir mis’ thu ’n sìth.”

5 Bi dlùth, ’s nad chaomh-uchd tog mi suas,
Nuair bhios mi ’crith ro fhuachd a’ bhàis –
Fuachd mar an oidhche reòdhta, chruaidh,
Aig eadar-sgarachdainn nan tràth.

6 Nuair dhùineas duibhre thiugh mun cuairt,
Bi fhèin nad sholus air mo cheum,
Gus orm gum baoisg a’ mhadainn shuas,
Mar ’dhachaigh dhàsan ’bha ’n tìr chèin.

S.M. LAOIDH 220

1 ’Chrìoch àraid rium tha ’n earbs’ –
Glòrachadh Dhè ro mhòr;
Anam neo-bhàsmhor, shìos fo fheirg,
A dheasachadh son Glòir’;

2 Gun dèanainn feum am là,
’S gun lionainn m’ àit’ gu ceart; –
A dhèanamh toil mo mhaighstir ghràidh,
Cuiream gun tàmh mo neart.

3 Am chridhe cuir beò-eud,
Nad shlighe fhèin gach là;
O deasaich mi fa chrìch mo rèis,
Thoirt cunntais ghèir nad làth’r.

4 Ri faire ’s ùrnaigh, Dhè,
Cum fhèin mi le do ghràs;
Cinnteach na dh’earbadh rium mur glèidh,
Gur dìol gach rè dhomh bàs.

9.9.9.9. LAOIDH 286
(le sèist)

1 Nì sinn còmhlach san Eden tha shuas,
Anns an tìr a tha beannaicht’ gu bràth;
Bidh gach bròn agus deuchainn air chùl
Nuair a ruigeas sinn Lùchuirt an àigh.

Anns an Eden ga h-àrd,
Anns an Eden gu h-àrd,
Nì sinn còmhnaidh gu sìorraidh na ghràdh,
Anns an Eden ro àillidh gu h-àrd.

2 Nuair a thèid sinn dhan Eden gu h-àrd,
Nuair a ruigeas sinn Pàrras nam buadh,
Na thug bàs uainn de naoimh anns an t-saogh’l
Bheir dhuinn faoilt’ ann am flaitheanas shuas.

3 Feachd nan naomh as gach àit’ is gach àm,
Na fàidhean ’s na martaraich mhòr’;
Is a’ chlann ’chuir sinn tostach san ùir,
Nì iad luaidh air a chliù ann an Glòir.

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 325
(le sèist)

1 Mar fhaoin-sgàil’ tha mo là
Ro bhras gu bàs dol sìos;
Bheir Dia ’tha beò gu bràth,
Bhon uaigh mo dhuslach nìos.

O ’n fhirinn naomh,
Gun tog e mi!
’S mo shùilean chì
Mo Shlàn’ghear naomh.

2 Mo chorp san ùir na shuain,
Feithidh san tig an uair
’S am brist mo chadal buan,
’S fàgaidh mi ’n leabaidh fhuar.

3 Le ’n trompaidean dhen òr,
Àrd-ainglean Dhè nì fuaim,
’S gu grad le h-aoibhneas mòr,
Bristidh mi glas an tuaim.

4 ’S tric ’thuirt mi, ’s deur am shùil,
“Am bàs, is fuath leam è;”
Cuiream mo gheilt air chùl,
’S mo bheatha ’n làimh mo Dhe!

5 Failt ort, ma-thà, O Uaigh!
’S tu doras nèimh’ dhomh fhèin!
Thug Crìosd tro ’bhàs ort buaidh,
’S shaor mi o thruaigh ’s o phèin.

8.7.8.7.D. LAOIDH 365

1 Sìth is sonas biodh dhan teach seo,
Sìth dha na tha ’n seo a’ tàmh;
Sìth tro mhaitheanas a’ pheacaidh;
Sìth mar eàrlas grinn na slàint’;
Sìth on tì a bheir gu fìalaidh;
Sìth neo-aithnichte dhan t-saogh’l;
Sìth o nèamh bhios maireann siorraidh;
Sìth a thig o Dhia ’s o ’ghaol.

2 Phrionns’ na Sìth, bi thusa ghnàth leinn,
Is gabh còmhnaidh ann ar cridh;
Misnich sinn led làithreachd ghràsmhoir;
Thigeadh nis do rìogh’chd an sìth;
Suas gu flaitheas tog ar dòchas,
Deònaich dhuinn mar sheilbh, gu bràth,
Slàinte iomlan agus ghlòrmhor,
Ann ad ionad naomh gu h-àrd.

L.M. LAOIDH 366

1 Là an àigh san d’ roghnaich mi
Thu fhèin, mo Dhia ’s mo Shlàn’ghear mòr!
Is math ’thig gàirdeachas dham chrìdh’,
’S le aoibhneas nì e uaill is glòir.

2 O bòid an àigh, mo cheangal ’rinn
Ri Fear-mo-ghaoil, mo Chèile caomh’!
Na ’theampall molam e gu binn,
Nuair chuartaicheas mi ’altair naomh.

3 Tha ’n gnìomh do-labhairt a-nis rèidh!
’S le Dia gu saor mi – ’s leamsa Dia;
Tharraing e mi is lean mi e,
’S gu toileach ghèill do ghuth mo Thriath.

4 Gabh fois a-nis, mo chridhe truagh,
’S an ionad so gabh fois gu sèimh;
Co ’n tì nach cuireadh duslach uaith,
Trath thairgteadh aran dha o nèamh?

5 Na nèamhan chual’ a’ bhòid, is chì
Ga h-ùrachadh gach là dhem shaogh’l;
’S aig crìoch mo thurais fàgaibh mi
Mo bheannachd-bàis dohan cheangal ghaoil.

C.M. LAOIDH 399

1 Sìor-Bheannaichibh Iehòbha mòr,
O ainglean treun an neart,
Tha ’dèanamh ’iarrtais mar is còir,
’S a’ gèilleachdainn dha reachd.

2 Gach uile shluagh a bhuineas dha,
Beannaichibh Dia a-nis;
A sheirbhisich len coileanar
Gach nì is toileach leis.

3 Uil’ oibre feadh a thighearnais,
A rinneadh leis an Triath,
An Rìgh Iehòbha beannaichibh:
O m’ anam, beannaich Dia!
(Salm 103:20-22)

Ceangail sinn daingeann, Dhè,
Ceangail sinn daingeann,
Le bannan nach fhaodar a sgaoileadh;
Ceangail sinn daingeann, Dhè,
Ceangail sinn daingeann,
Ceangail sinn daingeann an gaol.

Chan eil ann ach aon Dia,
Chan eil ann ach aon Rìgh,
Chan eil ann ach aon Bhodhaig;
Air sgàth sin, tha sinn a’ seinn:

Cruthaicht’ gu glòir thoirt do Dhia,
Saorte le’ Mhac as mòr luach,
Glante, le còir a bhith naomh,
Oir choisinn E fhèin dhuinn a’ bhuaidh:

Is sibhse an teaghlach aig Dia,
is sibhse an gealladh nach aom;
Tha sibhse ion-mhiannaicht’ le Ìos’ –
Is fìon sibh tha glòirmhor is ùr.

Bob Gillman © 1977 Kingsway’s Thankyou Music [MP 54]
Eadar-th. An t-Urr. Ruairidh MacDhòmhnaill, Seinn an Duan Seo

Ìosa, ’s iad d’ fhuil is d’ fhìreantachd
Mo thrusgan brèagh ’s mo ghlòir, gu beachd,
Fon tog mi ’n àird gu h-ait mo cheann,
Nuair loisgear suas an saogh’l ’s na th’ ann.

’S an là sin seasaidh mise, Dhè,
Le aoibhneas àrd am measg do threud;
Cò dhìteas mi, no dhiùltas sìth,
’S mi giùlan fìreantachd an Rìgh?

An uair a dh’èireas mi on uaigh,
A thagar oighreachd shuas le d’ shluagh
M’ aon bhunait daingeann ann ad làth’r
’S iad fuil an t-Slàn’gheir is a bhàs.

An trusgan grinn bidh ùr gu bràth,
An dèidh don t-saogh’l dol às na smàl;
’S ged dh’fhàilnicheas an cruinne-cè,
An trusgan grinn bidh ùr gach rè.

O dùisg na mairbh led ghuth a Dhè,
’S cuir aiteas-crìdh air d’ fhòg’raich chèin;
An trusgan brèagh ’s an glòir, gu beachd,
Ìosa, ’s iad d’ fhuil is d’ fhìreantachd.

Ludwig von Zinzendorf (1700-1760), Eadar-th. gu Beurla John Wesley (1703-1791).
Eadar-th. An Dtr Dewar, Gaelic Hymn Book

O nach domhain gràdh gràsmhor Ìosa:
mòr, gun chrìochan, lìonmhor, saor;
cuan làidir, aibh’seach làidir,
tighinn thugam làn de ghaol:
Fo mo chasan, fad’ mun cuairt orm
sruth a’ gluasad – lìont’ le gràdh,
gam thoirt dhachaigh, is air m’ adhart,
gu m’ fhois shìorraidh shuas gu h-àrd.

O nach domhain gràdh gràsmhor Ìosa:
sgaoil a chliù bho thìr gu tìr,
’s E tha gràdhach, uile gràdhach,
rud a gheallar leis – ’s E a nì.
Nì E dìon air a chloinn-san
dhan do dhòirt E fhuil naomh fhèin,
nì E dhaibhsan eadar-ghuidhe
aig a chathair fad A rè.

O nach domhain gràdh gràsmhor Ìosa:
rùn nas fheàrr na aon a-bhos;
cuan lìonmhor, làn de ghràsan,
’s cala sìtheil, làn de dh’fhois.
O nach domhain gràdh gràsmhor Ìosa:
seo an nèamh de nèamhan dhòmhs’.
ga mo thogail suas a’ Ghlòire
far am faic mi Aghaidh fòs.

Samuel T. Francis (1834-1925) [MP 522]
Eadar-th. Iain D. Urchardan