Lùcas Pàirt 1 – Ìosa an Neach Eachdraidheil  

Diciadain

 Chunnaic mise iomchaidh e cuideachd – on a rannsaich mi a h-uile rud gu mionaideach on toiseach – eachdraidh òrdail a sgrìobhadh dhut.
Lùcas 1:3

 Sgrìobh Lùcas dà leabhar mu thoiseach Crìosdalachd, b’ iad sin an Soisgeul aige agus Gnìomharan nan Abstol. Na ro-ràdh, a tha a’ còmhdachadh an dà leabhair, tha e a’ cur cuideam air cho airidh ’s a tha na tha e a’ sgrìobhadh air earbsa. Oir tha e uile-gu-lèir soilleir nach b’ e faoin-sgeul sam bith a bh’ ann an Crìosd ach neach eachdraidheil. Mar sin tha e a’ suidheachadh an tagraidh aige ann an còig ceumannan loidsigeach (ee 1-4).

 Sa chiad àite “na rudan a chaidh a choileanadh nar measg-ne” (e. 1). B’ iad sin tachartasan ministrealachd Ìosa.

 San dara h-àite, chaidh na tachartasan sin fhaicinn le luchd-fianais a “dh’earb … rinne iad” (e. 2).

 San treas àite, fhuair Lùcas a bha na aon dhiubh sin an cothrom seo: “rannsaich mi a h-uile rud gu mionaideach on toiseach” (e. 3).

 Sa cheathramh àite, sgrìobh Lùcas sìos toradh a chuid rannsachaidh, a’ toirt dhuinn “eachdraidh òrdail” (e. 3) sgrìobhte dheth.

 Sa chòigeamh àite, bhiodh luchd-leughaidh ann – Theophilus, an neach-taic cliùiteach aige nam measg – a lorgadh bunait dhaingeann airson an creideimh ann an Soisgeul Lùcais.

 Ach cuin a rinn Lùcas a rannsachadh? Oir cha robh esan na aon dhen dà dhuine dheug, no na fhear-fianais. Ach na b’ fhaide air adhart chuir e seachad dà bhliadhna ann am Paileastain nuair a bha Pòl sa phrìosan ann an Caesarea (Gnìo. 24:27). Ciamar a chuir e a thìde seachad? Chan urrainn dhuinn ach tomhas. Chan eil rian nach do shiubhail e fad is meud na dùthcha a’ cruinneachadh stuth dhan t-Soisgeul aige agus cuideachd dhan sgeul thràth aige, na Gnìomharan, a bha suidhichte ann an Ierusalem. Gus sin a dhèanamh bhiodh e air tadhal air na làraichean a bha ceangailte ri ministrealachd Ìosa, ’s e a’ faighinn eòlas (mar Chinneach) air a’ chultar Iùdhach, agus a’ dèanamh agallamhan ri luchd-fianais. Oir tha Lùcas ag innse sgeul Muire, a’ gabhail a-steach nan rudan dhlùth-chàirdeil a chuartaich breith Ìosa. Chan urrainn ach gun tàinig iad sin bho Mhuire fhèin. Tha seo uile a’ neartachadh ar cinnt ann an eachdraidh earbsach sgrìobhaidhean Lùcais.

 Barrachd Leughaidh: Lùcas 1:1-4

Fàg freagairt