Lùcas, Pàirt 2 – Ìosa Slànaighear an t-Saoghail 

Diardaoin

 Gum feumadh aithreachas is mathanas pheacaidhean a bhith air a shearmonachadh na ainm-san dhan a h-uile nàisean, a’ tòiseachadh o Ierusalem.
Lùcas 24:47

 An-dè smaoinich sinn air Lùcas mar eachdraiche; an-diugh chì sinn e mar dhiadhaire ’s mar shoisgeulaiche. Dè an teachdaireachd a th’ aige? Tha seo: gur e Ìosa Slànaighear an t-saoghail, a tha a’ ruigsinn a-mach chun a h-uile neach a dh’aindeoin cinneadh, dùthaich, inbhe, aois no gnè. Mar sin, a dh’aon ghnothach, tha Lùcas a’ cur aithris mu choitcheannas faisg air toiseach a dhà leabhar.

 Lùcas 3:6 – “Agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.”

Gnìo. 2:17 – “gun dòirt mise a-mach dhem Spiorad air a h-uile feòil.”

 Agus na Shoisgeul tha e a’ dèanamh oidhirp mhòir gus Ìosa fhoillseachadh ’s e a’ gabhail a-steach nam muinntir sin a tha sòisealtas gu tric a’ dùnadh a-mach.

 Seach gum b’ e dotair a bh’ ann, tuigear gun cuireadh Lùcas cuideam air tròcair Ìosa airson nam muinntir a bha tinn ’s a’ fulang. Ach bha e fo chùram cuideachd a thaobh bhoireannach is chloinne, nam bochd is dhan taobh-san air an robh uireasbhaidh, luchd-cìse is pheacaich, ’s gu sònraichte Shamaratanaich is Chinnich. Anns gach suidheachadh tha Lùcas a’ cur cuideam nas làidire orrasan na th’ air a dhèanamh le na soisgeulaichean eile.

 Seach gum b’ e Cinneach a bh’ ann fhèin, b’ e duine a bh’ ann an Lùcas aig an robh fàire fharsaing. Cha bhi e uair sam bith ag ainmeachadh uisgeachan Ghalile mar chuan, oir tha e fhèin air seòladh air a’ Mhuir Mhòr (a’ Mhuir Mheadhan-thìreach), agus tro choimeas chan eil e ag ainmeachadh Ghalile ach mar loch.

 Sna Gnìomharan tha Lùcas a’ clàradh na trì tursan mhiseanaraidheach a ghabh an gaisgeach aige, Pòl – a’ comharrachadh nan amannan nuair a bha e fhèin an làthair mar chompanach do Phòl. Tha na Gnìomharan a’ clàradh adhartas buadhachail bho Ierusalem, prìomh bhaile nan Iùdhach, chun na Ròimh, prìomh bhaile an t-saoghail. Ge b’ e càit an deach iad, rinn iad aithris air slàinte (a tha co-dèanta de mathanas is dhen Spiorad) mar rudan a bha rim faotainn ann an Crìosd dhan a h-uile neach. Agus tha Lùcas a’ clàradh an nì a dhearbh Peadar:

 Agus chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm sam bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine, leis am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh.

Gnìo 4:12

Barrachd leughaidh: Lùcas 24:44-49

Fàg freagairt