Dimàirt
Agus thòisich [Ìosa] a’ teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang … agus a bhith air a chur gu bàs agus às dèidh trì latha èirigh a-rithist.
Marcas 8:31
Is e crann-ceusaidh Chrìosd cridhe Soisgeul Mharcais. Aon uair ’s gun do thuig an t-aon duine dheug cò a bh’ ann an Ìosa is gun do dh’aidich iad esan mar am Mesiah, thòisich e air an teagasg mun chrann. B’ e puing-tionndaidh a bh’ ann ann am ministrealachd Ìosa ’s mar sin cuideachd ann an Soisgeul Mharcais. Ron àm seo bha iad a’ moladh Ìosa mar shearmonaiche ’s mar neach-teagasg tarraingeach a bu toigh le mòran. Ach cha robh e air tighinn gu bhith na Mhesiah dhen t-sheòrsa sin. Mar sin bhon àm seo air adhart theagaisg e a dheisciobail gu follaiseach mu mar a dh’fheumadh e fulang ’s mu a bhàs cuideachd. Tha Marcas a’ clàradh gun do rinn e ro-innse ma bhàs trì diofar thursan eile. Gu dearbha, tha faisg air an treas pàirt de Shoisgeul Mharcais air a choisrigeadh dha fhulangas.
Tha brìgh teagasg Ìosa ri lorg san abairt aige “gum feumadh Mac an duine mòran rudan fhulang.” Carson a dh’fheumadh e fulang? Càit a bheil toiseach a thuigse gum feumadh e fulang? ’S ann a chionn gum feum na Sgriobtaran a bhith air an coileanadh. Carson mar sin, “Mac an duine”? Tro bhith a’ cleachdadh a’ ghnàthais-cainnte Eabhra airson aon dhen chinne-daonna, bha Ìosa a’ toirt aithris air Daniel 7. Na thaisbeanadh-san tha aon “mar mhac an duine” (is e sin, aon dhen chinne-daonna) a’ tighinn air na sgòthan ’s a’ tighinn dlùth ri Aosta nan Làithean (Dia). Tha ùghdarras an uair sin air a thoirt dha agus cumhachd rìoghail airson gun dèan na h-uile dhaoine seirbheis dha, agus cha tèid an rìoghachd aige a sgrios gu sìorraidh (Dan. 7:13-14).
Ghabh Ìosa an tiotal (Mac an Duine) dha fhèin ach dh’atharraich e an dreuchd aige. A rèir Dhanieil, dhèanadh na dùthchannan uile seirbheis dha. A rèir Ìosa, bha esan air tighinn airson seirbheis a dhèanamh, cha b’ ann airson gun deigheadh seirbheis a dhèanamh dha. Gu dearbha, rinn Ìosa an rud nach robh neach sam bith eile air a dhèanamh: cheangail e an dà ìomhaigh bhon t-Seann Tiomnadh – seirbheiseach Isaiah a dh’fheumadh fulang agus Mac an Duine aig Daniel a tha a’ riaghladh. Oir an toiseach feumaidh Ìosa ar peacaidhean a ghiùlan agus ’s ann an uair sin a-mhàin a dh’èireas e airson a dhol a-steach na ghlòir.
Barrachd leughaidh: Marcas 8:27-9:1