Moladh is Ùrnaighean a’ dol gu Dia am Mac

O m’ fhìonain uasail, tha mi a’ guidhe ort sùgh a thoirt dhòmhsa do gheug; airson gum bòrc is gum fàs mi na do neart agus na do shùgh, na mo ghnè; sìolaich annamsa fìor neart tro do neart-sa.
Jakob Böhme (1555-1624)

Anam Chrìosd, naomhaich mi.
Bodhaig Chrìosd, sàbhail mi.
Fuil Chrìosd, misgich mi.
Uisge bho chliathaich Chrìosd, glan mi.
Ìosa mhaith, cluinn mi.
Air taobh a-staigh do lotan, dèan m’ fhalach,
Agus na leig leam gu sìorraidh a bhith air mo dhealachadh bhuat.
Bhon nàmhaid olc, dèan dìon orm.
Ann an uair mo bhàis, dèan gairm orm,
Agus iarr orm tighinn thugad fhèin,
Airson – le do naoimh [agus le d’ ainglean] –
gun tèid agam air do mholadh gu bràth sìorraidh.
Amen.
Anima Christi.  Thathar ag ràdh gum b’ e Ignatius Loyola a sgrìobh seo

Ìosa, A aoibhneis nan cridheachan gràdhach,
Thusa, A fhuarain na bheatha, Thusa, A sholais dhaoine, bhon àrd-shòlas as fhèarr a bhuilicheas an saoghal,
tha sinn a’ tionndadh neo-làn thugads a-rìs.
Bernard Chlalirvaux (1090-1153)

Ìosa, tha an dearbh smuain dhìot fhèin
Le mìlse a’ lìonadh mo bhroillich;
Ach nas mìlse fada d’ aodann fhaicinn,
is suaimhneas a ghabhail na do làthaireachd.
Bernard Chlalirvaux (1090-1153)

A Thighearna Ìosa Crìosd, lot m’ anam le do ghràdh
airson gum bi mi an còmhnaidh ga do mhiannachadh fhèin,
as e aran nan aingeal
agus coileanadh nam miannan as doimhne a th’aig an anam.
Gun robh mo chridhe an còmhnaidh acrach air do shon,
agus ga bhiadhadh ortsa,
airson gum bi m’ anam air a lìonadh le mìlseachd do làthaireachd.
Gun robh m’ anam tartmhor air do shon fhèin,
as a bun na beatha, a ghliocais, an eòlais, an t-solais,
agus uile shaoibhreasan Dhè ar n-Athair.
Gun robh mi an còmhnaidh ga do shireadh agus ga do lorg,
a’ smaoineachadh mu do dheidhinn,
a’ bruidhinn riut agus a’ dèanamh a h-uile ni
airson onair agus glòir d’ ainm naomha.
Bi an còmhnaidh, nad dhòchas, nad shìth,
nad theàrmann agus nad chuideachadh dhomh
anns a bheil mo chridhe air a fhreumhachadh
airson nach bi mi air mo dhealachadh bhuat gu sìorraidh.
Bonaventure (c. 1221-1274)

A Dhè uile-chumhachdaich,
a tha air gràs a thoirt dhuinn aig an àm seo
airson ar tagraidhean chumanta a dhèanamh riutsa le aon rùn;
agus a tha a’ gealltainn, an uair a tha an dithis no an triùir air an cruinneachadh còmhla na d’ Ainm,
gun ceadaich thu an tagraidhean;
Coilean a-nis, A Thighearna, miannan agus tagraidhean do sheirbheisich, mar a fhreagras dhaibh;
A’ ceadachadh eòlas na Fìrinn dhuinn anns an t-saoghal seo,
agus anns an t-saoghal a tha ri thighinn a bheatha shìorraidh.
Amen.
Iain Chrysostom (c 347-407)

A Thighearna Ìosa Crìosd , threòraich ar cridheachan thugad fhèin; ceangail ri chèile iad ann an gràdh nach dealaichear, airson gum fuirich sinn annad, agus thusa annainne, agus airson gum fan an coicheangal sìorraidh eadarainn cinnteach gu bràth.
O leòn ar cridheachan le gathan teine do ghràidh lotach.
Leig leotha gearradh tro ar n-uile leisge, airson gum fàs sinn slàn agus fallain. Nar leigeadh gun robh neach-gràdhachaidh againn ach thusa a-mhàin; nar leigeadh gun sireadh sinn aoibhneas no cofhurtachd ach thusa.
Miles Coverdale (1488-1568)

A Thighearna Ìosa Crìosd, thuirt thusa gum bu tu
an t-Slighe, an Fhìrinn, agus a Bheatha.
Cuidich leinn airson nach tèid sinn air seachran bhuatsa,
oir is tusa an t-Slighe;
airson nach bi sinn amharasach mu do dheidhinn
Oir is tusa an Fhìrinn;
airson nach cuir sinn ar cuideam air aon sam bith eile ach thu fhèin,
Oir is tusa a Bheatha.
Tha thusa air teagasg dhuinn: dè a chreideas sinn, dè a nì sinn,
dè a bhios sinn an dòchas, agus far an gabh sinn ar suaimhneas.
Thoir gràs dhuinn airson do leantainn-sa, an t-Slighe,
airson a bhith ag ionnsachadh bhuatsa, an Fhìrinn,
agus airson a bhith beò annadsa, a Bheatha.
Desiderius Erasmus (1467-1536)

 

Tha sinn ag adhradh riutsa, a Thighearna Ìosa Crìosd as ro-naomha, an seo agus nad uile Eaglaisean a th’anns an t-saoghal gu lèir,
agus tha sinn ga do bheannachadh;
a chionn, tro do chrann-ceusaidh naomh,
gu bheil thu air an saoghal a shaoradh. Amen.
Naomh Francis (1181-1226)

O, a ghràidh shìorraidh,
Tha m’ anam a cuir feum ort agus ga do thaghadh gu sìorraidh.
O, thig A Spioraid Naoimh,
Agus cuir ar cridheachan nan teine le do ghràdh.
A bhith a’ gràdhachaidh – no a’ bàsachadh.
A bhith a’ bàsachadh – agus a bhith a’ gràdhachaidh.
A bhith a’ bàsachadh ris a h-uile gràdh eile
Airson a bhith beò ann an gràdh Ìosa,
Airson nach bàsaich sinn gu sìorraidh.
Ach gus am bi sinn beò na do ghràdh sìorraidh,
O, a Shlànaigheir ar n-anman,
Tha sinn a’ seinn gu sìorraidh,
‘Bi beò, Ìosa.
Ìosa as gràdh leam.
Tha gràdh agam air Ìosa,
Ìosa a tha beò agus a’ riaghladh gu bràth is gu sìorraidh.’
Amen.
Francis de Sales (1567-1622)

Cò a tha coltach riut, Ìosa, A Ìosa mhilis?
Is tusa solas nam muinntir a tha caillte gu spioradail.
Is tusa beatha nam muinntir a tha marbh gu spioradail.
Is tusa saorsa nam muinntir a tha air am prìosanachadh le ciont.
Is tusa glòir nam muinntir aig a tha fuath dhaibh fhèin.
Is tusa fear-glèidhidh nam muinntir nach urrainn gluasad air sgàth eagal.
Is tusa fear-treòrachaidh nam muinntir a tha fo iomraill tro mhealltaireachd.
Is tusa prionnsa nam muinntir a tha ag iarraidh a bhith air an treòrachadh.
Is tusa sagart nam muinntir a tha a’ sireadh fìrinn.
Johann Freylinghausen (1670-1739)

Is beannaichte a tha do ghràdh-sa airson na cinne-daonna,
mo Thighearna agus mo shlànaighear Ìosa Crìosd.
Carson a tha thu gam thrèigsinn?
Is thusa a-mhàin a tha gun pheacadh, agus tha d’ ainm a’ sealltainn coibhneas agus gràdh dha na cinne-daonna.
Seall truas dhòmhsa, oir is tusa a-mhàin
a tha a’ gràdhachadh na cinne daonna.
Griogair an Dealbhadair (d. 325)

“Bha mi acrach, agus thug sibh dhomh biadh,”
thusa a chuir aodach orrasan a bha lomnochd;
“Bha mi tartmhor, agus thug sibh dhomh deoch,”
Thusa a ghabh coigrich a-steach;
“Bha mi ann am prìosan, agus thàinig sibh am ionnsaigh,”
thusa a tha a’ smaoineachadh air na h-uile nithean a tha math.
Sleuchte, tha mi a’ tuiteam mu do choinneamh, A Shlànaigheir,
Dèan airidh mise air na faclan seo;
Glèidh mi an còmhnaidh ann an sìth,
Dìleas ri d’ Fhacal.
Grigor Magistros (c. 990-1059)

A Ìosa, am maith as ro-mhaith,
Cha do rinn mise maith sam bith mu do choinneamh;
Ach ceadaich gun dèan mi toiseachd-tòiseachaidh
Air sgàth do mhaitheis-sa.
Nikodemos a’ Bheinn Naoimh (18mh linn)

Thugadsa, O Ìosa, tha mi a’ stiùireadh mo shùilean;
thugadsa mo làmhan,
Thugadsa mo ghlùinean iriosal;
Thugadsa tabhainnidh mo chridhe ìobairt;
Thugadsa mo smuaintean,
as e a-mhàin a tha a’ faicinn mo smuaintean;
Thugadsa mi fhèin – mi fhèin agus m’ uile tha mi a’ tabhainn;
Thugadsa tha mi a’ bàsachadh;
Thugadsa a-mhàin tha mi beò.
Walter Raleigh (1552-1618)

Ìosa, sealbhaich mo chridhe,
Agus thoir mise gu do ghràdh.
Is tusa m’ uile mhiann.
Las teine na mo bhroinn,
Airson gun sealbhaich mi do ghràdh,
’s gum faic mi d’ aghaidh ann an sòlas
Nach stad gu sìorraidh,
Ann an nèamh gu chrìch gu bràth.
Richard Rolle (1290-1349)

Crìosd ann an sàmhchair,
Crìosd ann an cunnart,
Crìosd ann an cridheachan na h-uile aig a bheil gràdh dhomh,
Crìosd ann am beul caraid neo coigreach.
Uchd-èideadh Phàdraig (c. 389 – c. 461)

 

Ìosa, a Mhic Muire
Dèan tròcair oirnn,
Amen.

Ìosa, a Mhic Muire,
Dèan siochain rinne,
Amen.

Rinn agus leinn
Far am faide am bi sinn,
Amen.

Bi mu thùs ar slighe,
Bi mu crìoch ar saoghail,
Amen.

Bi aig mosgladh ar beatha,
‘S aig dubhradh ar làithean,
Amen.

Bi rinn agus leinn,
A Dhè mheinich nan dul,
Amen.

Coisrig sinn
Còr agus crann,
A Rìgh nan rìgh,
A Dhè nan dul,
Amen.

Coisrig sinn,
Còir agus cuid,
A Rìgh nan rìgh,
A Dhè nan dul,
Amen.

Coisrig sinn,
Cridhe agus crè,
A Rìgh nan rìgh,
A Dhè nan dul,
Amen.

Gach cridhe agus crè,
Gach latha dhut fhèin,
Gach oidhche nan rèir,
A Rìgh nan rìgh,
A Dhè nan dul,
Amen.
Carmina Gadelica

Bu cho fus a dh’Ìosa
An crann crìon ùradh
‘S an crann ùr a chrìonadh,
Nam b’e a rùn a dhèanamh.
Ìosa! Ìosa! Ìosa!
Ìosa! Bu chòir a mholadh.

Chan eil lùs an làr
Nach eil làn d’a thoradh,
Chan eil cruth an traigh
Nach en làn d’a shonas.
Ìosa! Ìosa! Ìosa!
Ìosa! Bu chòir a mholadh.

Chan eil creubh san fhairge,
Chan eil dearg san abhainn,
Chan eil càil san fhailbhe,
Nach eil a’ dearbhadh a mhaitheas.
Ìosa! Ìosa! Ìosa!
Ìosa! Bu chòir a mholadh.

Chan eil eun air sgèith,
chan eil reul san adhar,
Chan eil sian fon ghrèine,
Nach tog sgeul a mhaitheas.
Ìosa! Ìosa! Ìosa!
Ìosa! Bu chòir a mholadh.
Carmina Gadelica