Tadhal nan Draoidhean

Didòmhnaich

Tha sinn air tighinn a thoirt adhraidh dha.
Mata 2:2

Air 6 Faoilleach bidh na h-eaglaisean siarach a’ comharrachadh Fèill an Taisbeanaidh, foillseachadh Chrìosd dha na Cinnich; bidh an eaglais shearach Cheart-chreideach a’ comharrachadh an latha seo mar an Nollaig acasan.

A rèir choltais b’ e sagartan-speuradaireachd bhon t-seann ìmpireachd Phersianaich a bh’ anns na Draoidhean. Tha mar a thadhail iadsan air Ìosa a’ co-chòrdadh ann an dòigh bhrèagha ri tadhal nam buachaillean. Cha b’ urrainn dhan dà bhuidheann a bhith na bu diofraichte bho chèile na bha iad. A-thaobh cinnidh b’ e Iùdhaich a bh’ anns na buachaillean, agus b’ e Cinnich a bh’ anns na Draoidhean. A thaobh foghlaim bha na buachaillean sìmplidh ’s gun teagasg, agus b’ e sgoilearan a bh’ anns na Draoidhean, daoine glice bhon àird an Ear. Gu sòisealta bhuineadh na buachaillean dhan chuibhreann dhen t-saoghal aig nach robh, nuair a bha na Draoidhean (a rèir nan tiodhlacan prìseil a thug iad leotha) beairteach.

A dh’aindeoin nan cnapan-starra seo (a thaobh cinneis, foghlaim, is sòisealtais), a tha a’ sgaradh dhaoine bho chèile sa chumantas, bha na Draoidhean air an aonadh le na buachaillean nan adhradh dhan Tighearna Ìosa – agus iad nan ro-ruitheairean dhe na milleanan de Chinnich eile a th’ air tighinn gu bhith a’ dèanamh adhraidh dha.

Mar a tha iomarrachd a’ dol am meud, tha e a’ fàs follaiseach gu ìre nas motha ’s nas motha gu bheil creideamhan eile cinneachail, air an cuingealachadh ri daoine is cultar sònraichte, agus ’s e Crìosdalachd a-mhàin nach eil mar sin. Tha fàisg air 80 sa cheud de Chrìosdaidhean an t-saoghail an-diugh nach eil geal agus nach buin dhan àird an Iar. Gu deimhinnte chan e creideamh an duine ghil a th’ ann an Crìosdalachd. Tha mi fhèin air an cothrom ’s an t-sochair sin fhaighinn, a bhith ag adhradh còmhla ri oileanaich à Afraga anns na h-ionadan- foghlaim aca, còmhla ris an Inuit ann an tundra na h-Antartaig, còmhla ri mìltean de shluagh Choirìa anns na h-eaglaisean mòra aca fhèin, agus còmhla ri daoine à Amaireaga a Deas le an nàdar Laideann ’s an giotàran Spàinnteach.

’S e seo an tarraing choitcheann a th’ aig Ìosa, ge b’ e dè an cinneadh. Thug an tarraing sin na buachaillean bho na raointean acasan agus na Draoidhean bhon àird an Ear. Tha e fhathast ag obrachadh mar mhagnait. Tha e a’ tarraing dhaoine bhon a h-uile seòrsa cultair. ’S e sin aon dhe na dearbhaidhean as làidire a th’ ann a dh’innseas gur e Ìosa Slànaighear an t-saoghail.

Barrachd leughaidh: Mata 2:1-6

Fàg freagairt