Teisteanas Phòil   

Diardaoin

 Gun tàinig Crìosd Ìosa dhan t-saoghal gus peacaich a shàbhaladh.
1 Timòteus 1:15

 Cha b’ ann a-mhàin bho na prìomh dhaoine san sgeulachd a thàinig na caochladh bheachdan a thugadh a thaobh teachd Chrìosd. Tha sinn gam faicinn cuideachd ann an linn nan abstol nas fhaide air adhart, mar eisimpleir, a’ tighinn bho na h-abstoil Pòl is Eòin. An-diugh tha sinn ag èisteachd ri Pòl: “Tha am facal seo dìleas agus airidh air gabhail ris anns a h-uile dòigh, gun tàinig Crìosd Ìosa dhan t-saoghal gus peacaich a shàbhaladh, ’s mise am prìomh fhear dhiubh” (15). Tha Pòl ag ràdh gu bheil an cunntas aigesan mun t-soisgeul airidh air earbsa (“Tha am facal seo dìleas”), coitcheann (“agus airidh air gabhail ris anns a h-uile dòigh”), eachdraidheil (“gun tàinig Ìosa Crìosd dhan t-saoghal”), a’ saoradh (“gus peacaich a shàbhaladh”), agus pearsanta (“’s mise am prìomh fhear dhiubh” a chionn, aon uair ’s gun dìt an Spiorad Naomh sinne mun pheacadh, gu bheil sinn a’ trèigsinn a h-uile coimeas grod eile).

 Chan urrainn dhòmhsa uair sam bith na faclan seo a chluinntinn no a leughadh gun a bhith a’ smaoineachadh air Tòmas Bilney, no “Bilney Beag” mar a chanar ris air sgàth cho beag ’s a bha e a thaobh àirde. Air a bhòtadh a-steach mar Charaid de Thalla na Trianaid, Cambridge, bha e a’ sireadh sìth. Cha b’ urrainn dha sin a lorg ge-tà. Ach mu dheireadh thall sgrìobh e:

 Thachair gun do mhothaich mi dhan t-seanachas seo aig an naomh Pòl. Bheothaich an aon t-seanachas seo, tro theagasg Dhè agus obair-san air taobh a-staigh mo chridhe – a bha ro-làimh leònte le dìteadh ciont mo pheacaidhean, agus a bha faisg air dòchas a chall – gu ìre cho mòr, eadhon sa bhad, is gun do dh’fhèin-fhiosraich mi air an taobh a-staigh dhìom fhèin faireachdainn de chofhurtachd mhìorbhaileach is de shìth, gu ìre cho mòr ’s gun do rinn, “na cnàmhan a bhris thu gàirdeachas” (Salm 51). Às dèidh seo, thòisich an sgriobtar air a bhith fada na bu tlachdmhoire dhomh na mil no a’ chìr-mheala.

 B’ e an t-iompaiche a b’ ainmeil a thàinig gu Crìosd fo theagasg Bhilney, Tòmas Latimer, a thàinig gu bhith na shearmonaiche air an robh meas aig daoine san Ath-leasachadh Shasannaich. Bha spèis mhòr aig Latimer dhan dòigh san do leig Bilney sìos a bheatha airson a chreideamh shoisgeulach; thug e iomraidhean air na shearmonan mar “an Naomh Bilney.”

 Barrachd leughaidh: 1 Timòteus 1:12-17

Fàg freagairt