Tiodhlac an Spioraid

A Thighearna Ìosa, mar a thàinig Spiorad Dhè sìos agus a laigh e ortsa, gun robh an aon Spiorad a’ laighe oirnne,
A’ buileachadh na tiodhlacan seachd-fhillte aige.
An thoiseachd, ceadaich tiodhlac an tuigse dhuinn,
troimhe a shoillsicheas do reachdan ar n-inntinnean.
Anns an dara àite, ceadaich comhairle dhuinn, troimhe a dh’fhaodas sinn leantainn na do chas-cheumannan air slighe na fìreantachd.
Anns an treas àite, ceadaich misneachd dhuinn,
troimhe a chathas sinn bhuainn ionnsaighean an nàmhaid.
Anns a cheathramh àite, ceadaich eòlas dhinn,
troimhe a ni sinn breithneachadh eadar maith agus olc.
Anns a chòigeamh àite, ceadaich dhiadhachd dhuinn,
troimhe a gheibh sinn cridheachan a tha truacanta.
Anns an t-siathamh àite, ceadaich eagal dhuinn,
troimhe a leumas sinn air ais bhon olc agus a bhios sinn umhail ris a mhaith.
Anns an t-seachdamh àite, ceadaich ghliocas dhuinn, airson gum blais sinn gu coileanta milseachd beatha-bhuileachaidh do ghràidh.

Bonaventure (1217-1274)