Categories
2015 Ard Sheanadh

Gàidhlig aig An Ard Sheanadh :)

nothing

 

Tha sinn uabhasach toilichte innse dhuibh gun tèid Seirbheis Ghàidhlig a chumail aig Ard-Sheanadh na bliadhna-sa airson a’ chiad turas bho 1969!  Tha an t-Urr. Aonghas Moireasdan na Moderàtor am-bliadhna agus tha ùidh mhòr aige ann an gnothaichean Gàidhlig na h-eaglaise a bhrosnachadh. Tha sinn an dòchas, mar sin, gun tig piseach mòr air làthaireachd a’ chànain taobh a-staigh na h-Eaglaise Nàiseanta.

Tha An Sgeul Mòr an dùil tòrr a bharrachd cheanglaichean a chur ris an làrach a dh’aithghearr agus gum bi earrannan bhon leabhar aig John Stott, “Tron Bhìoball, Tron Bhliadhna” ri leughadh an seo a dh’aithghearr.  Cumaibh sùil air an làrach agus air na duilleagan Facebook is Twitter againn!

Ard-Sheanadh 2015

Fàg freagairt