Madainn
“Mar a tha an t‑Athair air mise a ghràdhachadh, mar sin ghràdhaich mise sibhse.” (Eòin 15: 9)
Tha a’ ghrian air èirigh, a’ toirt dhuinn latha ùr.
A Dhè, cuir solas do ghràidh nam chridhe:
gràdh do mo chompanaich,
gràdh do mo nàimhdean,
gràdh do na h-uile;
gràdh coibhneil, gràdh gun eagal,
gràdh thug Ìosa dhomhsa,
gràdh thug thusa dhàsan,
gràdh a mhaireas gu sìorraidh.
Amen.
Feasgar
Feuch, air fear-coimhead Israeil
cadal chan aom no suain;
‘S e Dia d’ fhear-coimhead, ’s e do sgàil
Air do làimh dheis gu buan. (Salm 121: 4 – 5)
A Dhè, m’ Athair nèamhaidh, ged a tha mise sgìth agus cadalach, cha tig sgìos no cadal air do ghràdh-sa. Nam chadal glèidh mi sàbhailte. Bi nad fhear-coimhead air an fheadhainn a dh’fheumas fuireach nan dùisg a’ cuideachadh agus a’ cofhurtachadh chàich.
Amen.