Madainn
Iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus lorgaidh sibh; gnogaibh agus thèid fhosgladh dhuibh. (Mata 7: 7)
Athair ghràsmhoir, chan eil e furasta dhomh ùrnaigh a dhèanamh no faclan a lorg. Tha fios agadsa air mo smuaintean, agus tha fhios agamsa gu bheil gràdh agad dhomh. Nad ghràdh bheir thu gach nì air a bheil feum agam. Cùmaidh tu bhuan rudan a bhios mi ag iarraidh a dhèanamh cron orm. Nad ghràdh tha thu a’ diùltadh. Nad ghràdh tha thu a’ toirt seachad. Is iongantach do ghràdh. Teagaisg dhomh do thoil.
Amen.
Feasgar
Agus seall, tha mise còmhla ribh an‑còmhnaidh, gu deireadh na linne. (Mata 28: 20)
Tha a’ ghrian a’ dol sìos. Tha an oidhche a’ tighinn. Tha flùraichean a’ dùnadh. Tha gach eun agus gach beathach a’ tilleadh dhachaigh.
O Ìosa, thoir do na h-uile a tha sgìth a-nichd fois agus beannachadh do ghràidh. Bi dlùth do na tha a’ fulang. Dìon na tha a’ siubhal ann an càr, ann an trèana, am bàta no am plèana. Stiùir iad sàbhailte dhachaigh.
Maith dhomh mo pheacaidhean. Thoir dhòmh fois inntinn agus cadal sàmach.
Amen.