Taing dhut, a Dhè, airson nan rudan a thachair aig Àm na Càisge:
Dihaoine, nuair a bha Crìosd air a cheusadh air ar son;
An t-Sàbaid, nuair a thàinig e air ais on bhàs.
Taing dhur airson a’ chumhachd a chì sinn na aiseirigh o na mairbh.
Cuidich sinn ach am faic sinn na beannachdan
a tha againn a chionn gun do dh’èirich Ìosa a-rithist.
Lìon sinn le aoibhneas airson nan sochairean a fhuair sinn
air sgàth Chrìosd a tha beò agus a tha còmhla rinn a h-uile latha.
Amen.