A’ freagairt Facal Dhè

L.M. LAOIDH 3

1 Ìosa, ’s iad d’ fhuil is d’ fhìreantachd
Mo thrusgan brèagh ’s mo ghlòir, gu beachd,
Fo ’n tog mi ’n àird gu h-ait mo cheann,
Nuair loisgear suas an saogh’l ’s na th’ ann.

2 ’S an là sin seasaidh mise, Dhè,
Le aoibhneas àrd am measg do threud;
Cò dhìteas mi, no dhiùltas sìth,
’S mi giùlan fìreantachd an Rìgh?

3 An uair a dh’ èireas mi on uaigh,
A thagar oighreachd shuas led shluagh,
M’ aon bhunait daingean ann ad lath’r,
’S iad fuil an t-Slàn’gheir is a bhàs.

4 An trusgan grinn bidh ùr gu bràth,
An dèidh dhan t-saogh’l dol às na smàl;
’S ged dh’fhàilnicheas an cruinne-cè,
An trusgan grinn bidh ùr gach rè.

5 O dùisg na mairbh led ghuth, a Dhè,
’S cuir aiteas-crìdh air d’ fhòg’raich chèin;
An trusgan brèagh ’s an glòir, gu beachd,
Ìosa, ’s iad d’ fhuil is d’ fhìreantachd.

L.M. LAOIDH 5

1 A naoimh fo bhròn, do Chrìosd thig dlùth,
’S an gealladh gràsmhor cluinnidh tu;
Ars’ Ìosa fhèin, dham buin gach feart,
“A rèir do làithean bidh do neart.”

2 Na leig led chridhe fann a ràdh,
“Cionnas a sheasas mi an là?”
Oir thuirt an Triath dhan dual bhith ceart,
“A rèir do làithean bidh do neart.”

3 Tha thusa lag, ’s do nàimhdean treun,
’S ma bhios an cogadh buan is geur,
Teichidh do nàimh ro Rìgh nam Feart,
Oir mar do làithean bidh do neart.

4 Ma chlaoidhear thu le fòirneart dian,
Biodh d’ earbs’ an Crìosd is gheibh thu dìon;
An deuchainn theinntich chì thu ’m feast,
A rèir do làithean bidh do neart.

5 Nuair ghiùlaineas tu an crann-ceusd’,
Àmhghar is iargain anns gach ceum.
Dubh-bhròn is easbhaidh tròm is goirt,
Ghnàth ’rèir do làithean bidh do neart.

6 Nuair thig am bàs e fhèin dhut dlùth,
Nì Crìosd, do Shlàn’ghear, dhut an t-iùl;
Gheibh d’ anam às le Rìgh nam Feart,
’S a rèir do làithean bidh do neart.

L.M. LAOIDH 11

1 Mo Dhia, cia anmhor dhomh do ghràdh;
Do thiodhlacan tha ùr gach là;
Do thròcair phailt tha teachd a-nuas,
Mar fhrasan sèimh air feur gu luath.

2 Sgaoilidh tu dorchadas nan speur,
Is glèidhidh tu do phoball fhèin;
Gach là is oidhche tha thu leo’;
’S e d’ fhacal tha gan cumail beò.

3 Bheirinn, a Dhè, dhut suas gach buaidh,
’S gach là an taobh a bhos dhen uaigh,
Oir tha do thiodhlacan thar smaoin,
Do ghineal aingidh clann nan daoin’.

L.M. LAOIDH 19

1 A-nis, dhan tì a shaor a shluagh,
Biodh òran-molaidh air a luaidh;
Hosanna! biodh a chliù ga sheinn,
Is meud a ghraidh air feadh gach linn.

2 Tha ’n talamh is an cuan gu lèir,
A’ ghrian, a’ ghealach, is gach reul,
An domhan is gach nì a th’ ann,
Nochdadh a bhuadhan anns gach àm.

3 Ach ann an Ìosa, seall, tha ’ghlòir,
A’ deàlradh os an cionn gu mòr;
Nas mò na dheàrrsas grian nan speur,
An treis’ a neart, os cionn gach reul.

4 Gràs! O cia binn an sgeul do dhaoin’!
Tha m’ anam ait san t-Slàn’ghear chaoin;
O ainglean, àrdaichibh an fhuaim,
Is freagradh nèamh, is fonn, is cuan.

5 O bitheam shuas os cionn nan speur,
Ga mhealtainn ann an àros Dè,
’S an ionad anns am nochd e ’ghlòir,
’S an seinn sinn ’ainm air clàrsaich òir.

8.8.6.D. LAOIDH 26

1 Cia milis dhòmhsa gràdh mo Dhia!
O sgaoil e ann am chridh gu fial,
A Dhè, le d’ Spiorad Naomh.
Tha m’ anam ’plosgartaich gu dian,
Air m’ fheòil tha ciocras agus miann,
An dèigh do ghràidh ro chaomh.

2 ’S e ’n gràdh tha dol os cionn gach smaoin,
An doimhneachd mhòr do chlann nan daoin’,
A dh’fhoillsich Crìosd na bhàs;
Tha ainglean ’sealltainn air gu geur,
A dh’fhaicinn ’àirde, ’s ’fhad, ’s a leud,
Ach seo chan fhaic gu bràth.

3 ’S eòl duitse mhàin an gràdh seo, Dhè,
A dhoimhneachd mhòr ’s ann dhut is lèir;
O lìonadh e mo chridh’!
Air seo tha m’ anam uile ’n tòir;
Biodh seo na chuibhrionn dhomh, ’s is leòir,
Air feadh gach lìnn gu sìor.

4 Oir nì sam bith a tha fon ghrèin,
Cha choimeas mi ri d’ ghràdh, a Dhè,
No nì ’s na nèamhan àrd’;
Cha toir an domhan ’s na bheil ann,
No nì a bheir do làmh dhad chlann,
Dhuibh sòlas gun do ghràdh.

5 O sgaoil e ann am chridh’ gu fial;
O deònaich dhomh thu fhèin, mo Dhia,
Is gheibh mi fois gu bràth.
Air m’ fheòil tha cìocras agus miann,
Tha m’ anam ’plosgartaich gu dian;
O lìon e le do ghràdh!

8.5.8.3. LAOIDH 28

1 Bheil thu tùrsach, bheil thu claoidhte,
Airtneulach, ’s fo phràmh?
“Thig am ionnsaigh-sa,” ars’ Ìosa,
“’S bi aig tàmh.”

2 ’M faic mi comharr’ air gu m’ stiùireadh,
Gus nach claon mo cheum?
“Làmhan, casan, ’s taobh, a’ nochdadh
Leòn is theum.”

3 A bheil coron rìoghail, uasal,
Togte suas ma cheann?
“Tha, gu fìor, ach ’s crùn dhen droighionn
’Chì thu ann.”

4 Ciod mo dhuais ma nì mì ’ghabhail
Mar fhear-iùil mo cheum’?
“lomadh doilghios, deur, is deuchainn,
lomadh beum.”

5 Chaoidh ma leanas mi gu teann ris,
Ciod mo bhuannachd uaith?
“lòrdan seachad, clos air saothair,
’S crìoch air truaigh.”

6 Dh’ionnsaigh ’n tèarmainn seo ma thèid mi,
’N diùlt e m’ iarrtas geur?
“O cha diùlt trath mhaireas talamh,
Cuan, is speur.”

7 Cìocrach, dìleas, earbsach, saoth’reach,
Bheil dhomh ann bonn-stà?
“Seall, tha ainglean, naoimh, is fàidhean,
’G èigheach, Thà!”

8.6.8.6.8.8.8.6. LAOIDH 30

1 Nuair thachras sinn bidh sibh ag ràdh,
Ciod an sgeul? Ciod an sgeul?
Ciod tha ’n diugh a’ gabhail àit’?
Ciod an sgeul? Ciod an sgeul?
’S ann agams’ tha ’n deagh sgeul r’a luaidh,
’S an obair mhaith ’rinn Crìosd dha shluagh;
Air bàs ’s air ifrinn thug e buaidh –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!

2 Air Calbhari fhuair Ìosa bàs –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
A shaoradh saogh’l fo chiont’ bha ’n sàs –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
’Fhuil phrìseil dhòirt e ’n sin gu làr,
’S an sin ar peacadh mheasadh dha,
Ach dh’èirich e le buaidh on bhàs –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!

3 A-suas gu nèamh le buaidh chaidh Ìos’ –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
Is shuidh e ’n sin na chathair-rìgh –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
Na chathair rìoghail bidh e ghnàth,
Gus an ath-thill e Là-a’-bhràth,
Le feachd nan nèamh leis air gach làimh –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!

4 ’Obair tha soirbheachadh ‘s gach àit’ –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
Tha mòran pheacach faotainn slàint’ –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
’S Nuair gheibh an an’ma blas dha ghràs,
Àrd-sheinnidh iad Hosanna dha,
A’ cur an cèill a chliù gach là –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!

5 Shaor Ìosa mise mar an cèudn’ –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
Tha ’n fhianais agam annam fhèin –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
’S on thug e saorsa dhomh o dhìt’,
’S gu faire ‘s ùrnaigh theagaisg mi,
Tha mi an sonas is an sìth –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!

6 ’S urrainn dha slàint’ a thoirt dhut fhèin –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
Is cridhe nuadh ’thoirt mar an cèudn’ –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
Ma tha fìor aithreachas nad chrìdh’,
Ma tha thu ’creidsinn ann an Crìosd,
Gheibh thu làn shaorsa nis o dhìt’ –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!

7 Is innis dhaibhsan bhios ag ràdh,
Ciod an sgeul? Ciod an sgeul?
Gu bheil thu ’g ùrnaigh nis gach là –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!
Gu bheil thu nis ’s a’ chuideachd àigh,
A-nis fo stiùireadh Dhè nan Gràs,
’S an t-slighe chun na tìr is fheàrr –
Sin an sgeul! Sin an sgeul!

7.6.7.6.D. LAOIDH 38

1 Ierusaleim ro oirdheirc,
Le bainne ’s mil gun dìth,
Do mhaise ’luaidh no smuaineach,
Chan urrainn beul no cridh’.
An t-àgh tha ’n sin gar feitheamh
Chan fhios dhomh, O chan fhios,
Ciod loinnearachd na glòire,
Is sòlas ’dol thar meas!

2 Ro ait tha cùirtean Shioin,
Le ceòl is òrain bhinn;
An sin tha sluagh nam mart’rach,
Is ainglean deàlrach, grinn.
Tha ’m Prionns’ an còmhnaidh ’tàmh ann;
Tha ’n solas-là bith-bhuan;
Na naoimh tha mealtainn àilleachd
Is fàile glan nan cluan.

3 An sin tha cathair Dhaibhidh,
’S, o chùram saor ’s o chlaoidh,
Cluinn èigheach àrd nan aoidhean,
Is caithream-bhuaidh nan saoi;
‘S an dream thug buaidh gu treubhach,
Le Ceannard treun nam feachd,
Tha sgeadaichte gu sìorraidh,
Le trusgain gheal’ mar shneachd.

4 On dùthaich àillidh, shona,
Is dachaidh bhuan nan naomh!
On dùthaich àillidh, shona,
Is miann gach cridhe chaoimh!
Ìosa, nad thròcair stiùir sinn
Gu tàmh is fois ’s an Tir,
’S bidh glòir don Mhac, don Athair,
’S don Spiorad Naomh, gu sìor.

C.M. LAOIDH 41

1 A Dhia, Nuair ghuidheamaid le deòin
Air son nan slògh gu lèir,
Èist ruinn, is beannaich Tìr nam Beann –
’S i ’s annsa leinn fon ghrèin.

2 Ar n-aithrichean tha ’n seo ’s a’ chill,
Ar dìlsean tha aig làimh,
’S ar clann nam fiùrain ’fàs r’ ar taobh –
Seo tìr ar gaoil ’s ar dàimh.

3 O dìon ar còrsa o gach nàmh,
Cuir sìth is bàigh measg sluaigh;
Biodh lànachd anns na bailtean-mòr’,
Is pailteas pòir ’s gach cluain.

4 Riut fhèin, le eòlas, fìrinn, ’s gràdh,
O tàlaidh sinn gu dlùth,
Is seinnidh beanntan agus glinn,
Le caithream bhinn, do chliù.

5 A Dhia nan slògh, fo sgàil do sgèith,
Ar tìr fhèin earbaidh sinn;
Bi thus’ nad thèarmann dhi na ’feum,
’S nad charaid rè gach linn.

L.M. LAOIDH 43

1 ’S e nis an t-àm bhith rèidh ri Dia,
’S e nis an t-àm thoirt gèill don Triath;
Am feadh a mhaireas là nan gràs,
Faodaidh gach neach dol às on bhàs.

2 ‘S i seo an uair thug Dìa gu caomh,
A sheachnadh truaigh ’s a dhol do nèamh;
Seo cothrom àigh tha dian dhol seach –
Dèanar deagh bhuil dhe leis gach neach.

3 M’ anam, gabh cùram nis na thràth,
A chùm ’s nach faic thu truaigh gu bràth;
Oir saothair, seòl, no obair ghlic,
Cha dèanar leat gu bràth fon lic.

4 ’S an uaigh, d’ a bheil sinn uile ’triall,
Maìth’nas chan fhaigh, ’s cha d’ fhuaradh riamh;
Gun chaochladh mairidh cor gach neach,
Gu àm d’ a bhinne teachd a-mach.

C.M. LAOIDH 55

1 Ìosa, ar Triath, ’chaidh suas is shuidh
Aig deas-làimh d’ Athar fhèin,
An Sìon aithnichear do neart,
Dhan toir do nàimhdean gèill.

2 Cia mòr na miorbhuile a nì
Do Shoisgeul glòrmhor fhèin!
lompaichear sluagh gu lìonmhor leis,
Mar dhealt air bhàrr an fhèir.

3 Do mhionnaich Dia Iehòbha Mòr –
’S neo-chaochlaideach tha ’rùn –
Gu bràth gum mair do shagartachd,
’S mic Aaroin thèid air chùl.

4 Tha Ìos’, ar Sagairt, beò gu bràth,
A thagar cùis a shluaigh;
Tha Ìos’, ar Tighearn’, ’dòrtadh nuas
A bheannachdan gach uair.

5 Àrdaichidh Dia a cheann le glòir,
Dìonaidh e ’chathair-Rìgh,
Buailidh na fheirg na prionnsachan
’S am poball nach gabh sìth.

C.M. LAOIDH 61

1 Mo shùilean togam suas ri nèamh,
Bho ’n faigh mi dìon is neart;
Mo thèarainteachd tha teachd gach uair,
A-nuas o Dhia nam Feart.

2 Bheir e fainear nach tèid mi thaobh
Bho shlighe naomha fhèin,
’S nì e mo dhìon o chunnairt dhlùth’,
Dham shùilean fhèin nach lèir.

3 Nì esan tharam faire chaomh,
’S chan aom air suain gu brath;
Fo sgàil a sgèith bheir e dhomh dìon
Is sìth gach oidhch’ is là.

4 Is lionmhor cunnart anns gach là,
Is gàbhadh anns gach oidhch’;
Ach uath’ air fad nì Dia nan Gràs
Mo shàbhaladh a chaoidh.

5 Saoraidh e m’ anam o gach olc,
Nam dhol ’s am theachd gach là;
Is bheir e tèaraint e fa-dheòidh,
Gu glòir’ gun chrìch na làth’r.

C.M. LAOIDH 70

1 Carson, O m’ anam, tha thu trom,
’S fo amharus a-ghnàth,
’S do smaointean ’ruith neo-fhaighidneach,
Air uilc ’tha fad o làimh?

2 Dèanadh do chreideamh tost a chur
Air d’ uile smaointean bras’;
’S e Dia a dh’òrdaich thu bhith ’n seo,
An Dia ’tha glic is math.

3 Is cuiridh esan crìoch, na thràth,
Air d’ àmhghar ’s air do leòn;
Oir bheirear leis fainear do chaoidh,
Is saorar thu o bhròn.

4 Ged bhios do thrioblaidean ro mhòr
Earb thusa-ghnàth à Dia;
’S i ’làmh a chuireas crìoch ron mhuir,
’S an doinionn bheir gu fiath.

5 ’S carson a tha thu, ’anaim, trom,
’S fo amharus a-ghnàth,
’S do smaointean ’ruith neo-fhaigidneach,
Air uilc ’tha fad o làimh?

L.M. LAOIDH. 73

1 ’S e Dia mo bhuachaill is mo dhìon;
Cha bhi mi ann an dìth gu dearbh;
Bheir orm gun laigh mi sìos gu ciùin,
Air cluaintean ùrail, glas’, nach searg.

2 Ri taobh nan aibhnichean ’s nan allt
Tha ’ruith gu mall le sruithean sèimh’,
Nì e mo threòrachadh gach àm,
Airson ’s nach bi mi fann gun fheum.

3 Tha ’g aiseag m’ anma dhomh air ais,
’S, air ceum na fireantachd gun bheud,
Bheir orm gun imich mi a-ghnàth,
Air sgàth dheagh ainme ghràsmhoir fhèin.

4 Ged shiùbhlainn tro ghleann sgàil a’ bhàis,
Aon olc gu bràth chan eagal leam,
Oir tha thu mar-rium ’s tha do lorg
’S do bhata ’furtachd orm san àm.

5 Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh;
Le h-ola ghràsmhoir dh’ung mo cheann;
’Cur thairis tha mo chup, gun tàmh,
Aig meud an làin a chuir thu ann.

6 Is leanaidh math is tròcair rium,
Ri fad na h-ùine bhios mi beò;
Is còmhnuicheam an àros Dè,
Gu sìorraidh feadh gach rè an Glòir.

C.M. LAOIDH 75

1 Cia milis ainm an t-Slàn’gheir chaoimh,
’An cluas a’ chreidmhich bhochd!
Caisgidh e bròn is leòn nan naomh,
Gun eagal orr’ ro lochd.

2 An spiorad brùite nì e slàn,
A’ fuadach cràidh on chridh’;
Mar mhàna nì e ’n t-acrach làn,
’S bheir tàmh dhan ast’rach shìth.

3 Ainm mhìorbhuilich! mo charraig threun,
Mo thèarmann anns gach càs,
’S tu m’ ionmhas furtachd anns gach teinn,
Trid iomlanachd do ghràis,

4 ’S ann uait gheibh m’ ùrnaigh freagradh gaoil,
Ged thoill mo chionta smachd;
’S a dh’ aindeoin gamhlas Prionns an t-Saogh’l,
Aidichear mi mar mhac.

5 Ò Ìosa, mo Bhuachaill, ’s Fear mo Ghràidh,
Mo Shagairt, m’ Fhàidh, ’s mo Rìgh;
Mo Thriath, mo Bheatha, is m’ Fhear-iùil,
Gabh cliù o d’ thruaghan sgìth.

6 Ge meata m’ oidhirpean an tràths’,
Ge fann mo ghràdh ’s mo ghlòir,
Nuair bhios mi maille riut gu h-àrd
Molaidh mi mar is còir.

7 Gu sin biodh plosgartaich mo chrè
A’ cur an cèill do ghràis,
’S biodh d’ ainm na cheòl dhomh fad mo rè,
’S na stèidh aig àm mo bhàis.

11.11.11.11. LAOIDH 77

1 Chan iarrainn-se fuireach air thalamh gu bràth;
Nan tigeadh an cuireadh ’s mi dh’ fhalbhadh gun dàil;
’S leòir làithean ar turais, ge tearc iad is geàrr,
Làn aoibhnis is mulaid, làn sòlais is cràidh.

2 An diùltainn-se imeachd, mar ghealtaire truagh,
Le naoimh air an t-slighe dhan dùthaich ud shuas?
Am fanainn ’s an t-saoghal air aineol, leam fhèin,
’S mo dhaoine dhan dachaigh a’ greasad gu leir?

3 Chan iarrainn-se fantainn gu bràth air an t-saogh’l,
Le laigse gam leantainn ’measg fhaileasan baoth’;
Mar chalman air faondradh thar luasgadh nan tonn,
Gun suaimhneas ri ’fhaotainn, gun bhunait fom bhonn.

4 Cha luaith’ tha mi ’saoilsinn gun d’ thàinig an fhèith,
’S na neòil a bhith’ sgaoileadh ro aghaidh na-grèin’,
Is bogha mo dhòchais a’ deàlradh ’s an speur,
Na chaillear iad còmhla an duibhre gun reul.

5 O ’s mise nach fanadh gu bràth air an t-saogh’l,
Am peacadh gam ghonadh gun tàmh air gach taobh;
’N taobh staigh dhiom tha truaill’eachd gam leagail ’s an ùir,
’N taobh mach dhiom tha buaireadh gach latha as ùr.

6 Tha sòlas a’ mhaitheanais measgte le deòir,
Is cupan na slàinte le ball-chrìth ga òl;
Tha ’n trompaid a’ sèideadh àrd chaithreim is buaidh,
Ach m’ anams’ tha ’g èigheach an uaigneas, “Mo thruaigh!”

7 Chan iarrainn-se fantainn air thalamh a-ghnàth;
Ron uaigh cha bhi geilt air mo chridhe no sgàth;
Laigh Ìosa, mo Shlànaighear, innte gun fhiamh,
’S chan fhuar a bhios leamsa caomh-leaba mo Thriath.

8 ’S Thig bristeadh na fàire gu m’ dhùsgadh a-suas,
Thig armailtean deàrrsach nan ainglean a-nuas,
Is mosglaidh na slòigh tha san duslach nan suain,
Gu èirigh ’thoirt còmhdail le chèile dhan Uan.

9 Cò roghnaicheadh fantainn ’s an t-saoghal r’ a bheò?
Bhon Tigheam an còmhnaidh air choigrich ’s an fheoil,
Air falbh o ar n-oighreachd tha taisgte air nèamh,
’S na h-aibhnichean aoibhnis tha sruthadh gu sèimh!

10 An siud tha na naoimh de gach linn agus àit’,
’Cur failt’ air am bràithrean an àros a’ ghràidh,
Le ainglean, dhan Àrd-Rìgh, a’ togail nan dàn,
Oir le soillse a làithreachd tha ’n gàirdeachas làn.

1 1 Na h-òrain tha ’g èirigh gu h-èibhinn ’s gu binn,
Tha saor-dhaoin’ an Tigheam le caithreim a’ seinn,
’S gu sàmhach a’ fosgladh nan geatachan òir,
Faic an Rìgh ’tha na ’mhaise a’ deàlradh le glòir.

12 Nam faighinn-se sgiathan ’s mi ghreasadh a-suas,
Gu tuiteam aig casan m’ Fhir-shaoraidh ’s mo Luaidh;
Ach feitheam a theachdaireachd – òrdugh an àigh!
Halleluiah! Amen! – Leis an Tighearn gu bràth!

C.M. LAOIDH 81

1 Faic saibhreas iongantach a’ ghràidh
Thug Dia ar slàinte dhuinn;
Peacach is truaillidh ged a bha,
Clann dàsan rinneadh dhinn,

2 Falaicht tha ’n t-urram seo an tràths’,
’S ro àrd à sealladh dhaoin’;
Mar seo air Crìosd e fhèin san fheòil,
Neo-eòlach bha an saogh’l.

3 Is àrd ar n-inbhe cheana ’n seo,
Ach ’s àirde ’bhios sinn shuas;
Gidheadh an inbhe sin cha lèir
Do neach fon ghrèin ’s an uairs’.

4 Ach ’s lèir dhuinn seo, gum faic sinn Dia,
Ar Triath, seadh gnùis ri gnùis,
’S gun iompaichear gu ’choslas sinn
Trath mhosglas sinn on ùir.

5 Gach neach ’g a bheil an dòchas seo,
Na chòmhradh is na ghnìomh
Bidh e sìor-naomh, ’s a chrìdhe glan
Ceart amhail a bha Crìosd.

6.3.6.6.6.3. LAOIDH 83

1 Tha gliocas àrd a’ gairm,
Bi an àm, bi an àm!
Tha gliocas àrd a’ gairm,
Bi an àm!
Nis socraich d’ uile rùn,
Gach peacadh chur an chùl;
Tha ’n oidhche tarraing dlùth,
Bi an àm!
Tha ’n oidhche tarraing dlùth,
Bi an àm!

2 A pheacaich aosmhoir, lèith,
Bi an àm, bi an àm!
A pheacaich aosmhoir, lèith,
Bi an àm!
Tha d’ ùine ’ruith gu dian,
Do shamhradh uile thriall,
’S thèid sìos, gun dàil, do ghrian,
Bi an àm!
’S thèid sìos, gun dàil, do ghrian,
Bi an àm!

3 Na diùlt nas fhaide slàint’,
Bi an àm, bi an àm!
Na diùlt nas fhaide slaint’,
Bi an àm!
Grad thill le ceuman luath
Gu Slànaighear nam buadh,
Mu ’n dòirt e ’chorraich bhuan
Air do cheann;
Mu ’n dòirt e ’chorraich bhuan
Air do cheann.

4 O thus’ tha aotrom, luath,
Bi an àm, bi an àm!
O thus’ tha aotrom, luath,
Bi an àm!
An fhuil ged las nad ghruaidh,
’S fad às, nad bheachd, an uaigh,
Do là-sa thig, is d’ uair,
Bi an àm!
Do là-sa thig is d’ uair,
Bi an àm!

5 O thus’ a chlaon air falbh,
Bi an àm, bi an àm!
O thus’ a chlaon air falbh,
Bi an àm!
Do shlighe pheacach trèig,
Is tilg air Crìosd thu fhèin;
Tha d’ anam an cruaidh fheum,
Bi an àm!
Tha d’ anam an cruaidh fheum,
Bi an àm!

C.M. LAOIDH 84

1 Cuimhnich do Dhia an làithean d’ òig’
Is cuir do dhòchas ann,
Mu ’n tig na làithean breòite, tinn,
’S an cinn do bhuadhan fann.

2 A-nis, gun dàil, le d’ uile chrìdh’,
Bi sìnt’ ri lagh do Dhia;
’S do Chruithear cuimhnich fòs an tràths’,
Mu ’m fàs thu aosmhor, liath.

3 Oir ’s goirid uat tha leaba bàis,
’S a sgàil tha cheana dlùth,
Is d’ aoibhneas talmhaidh tuitidh sìos,
Cho ìosal ris an ùir.

4 Smaointich a-nis le tlachd ’s le miadh
Air Dia dhan dual gach cliù;
Is buadhan d’ anma ’s buill do chuirp
Thoir seachad dha gu dlùth.

8.6.8.6.4. LAOIDH 85

1 Till dhachaigh, till, O ànraich fhaoin,
Tha d’ Athair caomh gad ghairm;
Na buanaich air do shlighe chlaoin
Ag itheadh phlaosg gun tairbh’:
O till, O till!

2 Till dhachaigh, till, O ànraich fhaoin,
’S e guth d’ Fhir-shaoraidh ’th’ ann;
Cluinn Cèile ’n Uain, ’s an Spiorad Naomh,
’S gu baile-dìdein teann:
O till, O till!

3 Till dhachaigh, till, O ànraich thruaigh,
’S e ’n caothach cruaidh dhut dàil;
Chan fhaighear aithreachas ’s an uaigh,
’S neo-bhuan tha là nan gràs:
O till, O till!

C.M. LAOIDH 87

1 Carson a dhòirtear leat a-mach
Do chaoidh gun dùil ri iochd?
Ceart mar nach tugadh Dia fainear
Cùis neach air bith dha shliochd.

2 Esan a chruthaich talamh ’s nèamh,
A bheil a thèarmann gann?
No ’m faod an làmh a dhealbh gach nì
Fas sgìth, gu bràth, no fann?

3 Math, glic, is uile-chumhachdach,
Tha ’n Triath a tha gar dìon;
A shlighe ged nach lèir do neach,
Is ceart e anns gach gnìomh.

4 ’S mòr fàth ar misnich, uime sin,
Fo cheannsal Dhia nan Sluagh;
Dhan fhirean lag bheir esan neart,
’S dhan anfhann bheir e buaidh.

5 Caillidh na daoine sean an treòìr,
’S an òigridh fhèin an lùgh;
Ach mheud ’s a dh’fheith ri Dia nan Gràs,
Tha slàinte dhuibhsan dlùth.

L.M. LAOIDH 92

1 Fad às o shaoghal dorch’ an deòir
’S a bheil ar còmhnaidh bhos,
Tha rìoghachd sgiamhach, shìorraidh, mhòr,
’S i làn de ghlòir ’s de dh’fhois.

2 Cha bhi ann là is oidhch’ mu seach,
No grian le teas ro dhian;
Ach o shùil Dhè thig deàrrsadh ’mach
Is deàlraiche na ghrian.

3 Acras no tart an sin cha bhi,
No uireasbhaidh nì ’s mò;
Tha màna nèamhaidh ann gun chrìch,
Is uisge fior-ghlan, beò.

4 Cha bhi aon ghearan ann gu bràth,
Air tinneas, cràdh, no claoidh;
Tha slàint’ neo-bhàsmhor ann fo bhlàth,
Is sonas àrd a chaoidh.

5 An sin bidh eòlas agus gaol
A’ dusgadh ciùil ro bhinn;
Is togar ann dhan Trianaid naoimh,
Àrd mholadh feadh gach linn.

6 A Dhè, thoir orms’ gun strìochd mi tràth
Dhad Shoisgeul gràsmhor caomh,
Airson ’s, tre Chrìosd, nuair thig am bàs,
Gum meal mi d’ àros naomh.

8.5.8.5. LAOIDH 103
(le sèist)

1 ’Bhràithrean, faicibh shuas a’ bhratach,
’Luasgadh anns a’ ghaoith;
Cuideachadh a’ teachd am fradharc,
Buaidh bidh air ar taobh!

“Glèidh an Dùn, tha mise tighinn,”
Seo tha Ìosa ’g ràdh;
Thoir air ais am fios gu flaitheas,
“Nì sinn sin tre ghràs.’”

2 Faicibh feachdan borb’ a’ tighinn,
Sàtan air an ceann,
Gaisgich thrèun’ mun cuairt a’ tuiteam,
Misneach a’ fàs gann!

3 ’Bhratach ghlòrmhor seallaibh, sgaoilte,
’S gaoir na trompaid chruaidh!
Gheibh sinn, ann an ainm ar Ceannaird,
Thar gach nàmhaid buaidh!

4 Buan is dòbhaidh ged tha ’n còmhrag,
Tha ar còmhnadh dlùth;
Tha ar Ceannard treun a’ tighinn,
Glacaibh misneach ùr.

8.7.8.7. LAOIDH 109

1 Reul na Sìth, dhan dream tha claoidhte,
Tha do shoillse glòrmhor buan;
Stiùir an seòladair led bhoillsgeadh,
Nochd dha caoimhneas air a’ chuan.

2 Reul an Dòchais, deàrrs san iarmailt,
Ciùinich iargainich a bhròin;
Beannaich tàmh an fhir a thriallas
Measg nan siantan, ’s e gun treòir.

3 Reul a’ Chreidimh, Nuair a dh’èireas
Tonnan breun gu h-èitidh, mòr,
Riutsa bidh a ghlaodh na ’èiginn,
Thoir dha èisteachd agus fòir.

4 Lòchrain Nèamhaidh, stiùir am fògrach;
O dèan tròcair air na fheum;
Sheas e deuchainn ghoirt is dòrainn –
Treòraich e nad ionnsaigh fhèin.

CM. LAOIDH 116

1 Daingean is buan mar chathair Dhè,
Tha Soisgeul Rìgh nan Sluagh;
Ma gheibhear mi an làmhan Chrìosd,
Cha sgar aon nàmh mi uaith.

2 Tha onair ’ainm’ ga chur fo fhiach,
Sìor shlàinte ’thoirt dha threud;
Aon neach a thug an t-Athair dha,
Chan fhàg e chaoidh ’s cha trèig.

3 Ifrinn no bàs cha sgar e ’m feast
Bhon dream dhan d’ thug e gràdh;
An uchd a ghràidh neo-chaochlaidich,
Gheibh iad gu sìorraidh tàmh.

C.M. LAOIDH 119

1 A chreidmhich, dèanaibh gàirdeachas,
San Dia ’tha air ur crann;
Ur dùil na ’ghràs cha mheall e chaoidh,
’S cha tilg e bun os cionn.

2 Ged dh’èireas nàimh nur n-aghaidh suas,
’S ged tha ur gàirdean fann,
Ur beatha falaicht tha san Triath,
Os cionn gach nàimh a th’ ann.

3 Ged tha sibh lag chan fhannaich sibh,
’S cha tuit sibh air ur ceum,
Nì Ìosa – neart nan uile naomh –
Còmhnadh thoirt duibh nur feum.

4 Le sùilean bàsmhor ged nach faic,
Chì creideamh dlùth e ghnàth,
Na ’iùl, na ’ghlòir, ’s na ’dhaingneach treun –
Cò sgaras sibh o ’ghràdh?

5 Cho cinnteach is a thug e buaidh
Air son a phobuill fhèin,
Mar sin gheibh sibhse ‘thug dha gràdh
Làn bhuaidh ann mar an ceudn’.

C.M. LAOIDH 122

1 Carson tha ’n t-ionracan fo sprochd,
A’ triall tro ghleann nan deur?
An dìobair Dia an àm na h-airc’,
’S nach dèan e taic na ’fheum?

2 Faic, eòin nan speur ’tha seinn gu binn,
Cha chuir iad sìol ’s cha bhuain,
Gidheadh tha Dia a’ freastal dhaibh
Le ’choibhneas càirdeil, buan.

3 Faic, blàithean maoth nan cluaintean ùr
Cha saothraich iad ’s cha snìomh,
Gidheadh air Solamh fhèin cha robh
Deise cho àillidh riamh.

4 An Dia a dh’èisteas gairm nan eun
’S a chòmhdaicheas gach blàth,
Nach solair e dhan Chrìosdaidh chaomh
A mhaoin o là gu là?

5 An toiseach iarraibh rìoghachd Dhè,
Is fhìreantachd gu grad,
’S gach uile nì tha dligheach dhuibh,
Builichear oirbh air fad.

6 Carson tha ’n t-ionracan fo sprochd,
A’ triall tro ghleann nan deur?
An dìobair Dia an àm na h-airc’,
’S nach dèan e taic na ’fheum?

S.M. LAOIDH 128

1 Am màireach ’s leatsa, Dhè,
Le reachd nach gèill do dhùil;
Air chor ’s nach èirich grian san speur,
Mur bi e rèir do rùin.

2 Tha sinn air sgiath na h-uair’,
Mar neul ro luath an là;
Thoir thusa gràs a thional suas
Na meal’ o ghruaidh gach blàth.

3 Gach neach gun Chrìosd tha truagh
Nar smuain biodh seo a-mhàin.
Air eagal, ’s sinn ga shìor chur uainn,
Gun toir e suas le gràin.

4 Bhon tha an t-sìorr’dheachd crocht’
Air snàthain bristeach, faoin,
Grad dhùisg a-suas, am meud do neirt,
An t-òg ’s an sean faraon.

5 O teicheamaid taobh Dhè,
Mar ghath na grèin’ aig luaths,
Mu ’n tèid ar lòchran às gu lèir,
An oidhch’ gun leus, ’s bith-bhuan.

C.M. LAOIDH 129

1 Fàilte do dh’ainm ar Slàn’gheir, Ìos’!
Sleuchdadh gach dùil gu luath;
An coron rìoghail thugaibh leibh,
Is crùnaibh Rìgh nan Sluagh.

2 Crùnaibh e, mhartaraich ar Dia,
’Tha gairm o ’altair shuas;
Freumh lesse àrdaichibh gu bràth,
Is crùnaibh Rìgh nan Sluagh.

3 A ghineil thaghte Israel,
Fuigheal ro lag is truagh,
Fàiltichibh Ìos’, ur Slàn’ghear caomh,
Is crùnaibh Rìgh nan Sluagh.

4 A pheacaich shaorta, cuimhnichibh
An domblas searbh, gach uair;
Cuiribh ur tìodhlacan na làth’r,
Is crùnaibh Rìgh nan Sluagh.

5 Gach òg is aost’ dhan aithne e,
’S a dh’fhairich ciont’ is truaigh,
Biobh ait le àrmailtean nan nèamh,
Is crùnaibh Rìgh nan Sluagh.

6 Gach uile phoball agus treubh
Tha ’n taobh a bhos dhen uaigh,
Àrd-chliù is urram thugaibh dha,
Is crùnaibh Rìgh nan Sluagh.

7 O leis a’ chuideachd lìonmhor shuas,
A fhuair tro ’ainm-san buaidh,
Gum bitheamaid air feadh gach linn
A’ crùnadh Rìgh nan Sluagh!

6 3.6.6.6.3. LAOIDH 132

1 Sibhse, ’luchd-eagail Dè,
Teannaibh dlùth, teannaibh dlùth;
Sibhse, ’luchd-eagail Dè,
Teannaibh dlùth;
Sgeul ait tha ’n diugh am bheul,
Mun t-slighe chumhainn, rèidh.
Gun d’ fhoillsich Crìosd e fhèin
Dhomh na ghràdh, dhomh na ghràdh,
Gun d’ fhoillsich Crìosd e fhèin
Dhomh na ghràdh.

2 Dhomh leig e ris air tùs
Meud mo thruaigh, meud mo thruaigh;
Dhomh leig e ris air tùs
Meud mo thruaigh;
Dhomh leig e ris air tùs
An daors’ ’s an robh mi dùint’,
’N sin bhrist e m’ uile chùird,
Cliù dha ainm, cliù dha ainm!
’N sin bhrist e m’ uile chùird,
Cliù dha ainm!

3 ’S e thuirt mo sheann luchd-gaoil,
“Tha e millt’, tha e millt’;”
’S e thuirt mo sheann luchd-gaoil,
“Tha e millt’;”
’S e thuirt mo sheann luchd-gaoil,
“’S ann thionndaidh e car faoin;”
Ach Crìosd tha ’n diugh rim thaobh,
Molaibh ’ainm, molaibh ’ainm!
Ach Crìosd tha ’n diugh rim thaobh,
Molaibh ’ainm!

4 Ach dhaibhsan O nam b’ eòl
Trian dhem shìth, trian dhem shìth;
Ach dhuibhsan O nam b’ eòl
Trian dhem shìth;
Dhan sùilean nam bu lèir
An staid am fianais Dhè,
Ghrad dh’fhàsadh faoin iad fhèin,
Tha mi ’n dùil, tha mi ’n dùil;
Ghrad dh’fhàsadh faoin iad fhèin,
Tha mi ’n dùil.

5 Thuirt cuid, “Cha bhuanaich e,
’S sibhse chì, ’s sibhse chì;”
Thuirt cuid, “Cha bhuanaich e,
’S sibhse chì;”
Ach nis ged ’s fhad on là
A nochd e ’n tùs dhomh ghràdh,
Mo chridhe ’n-diugh tha blàth,
Cliù dha ainm, cliù dha ainm!
Mo chridhe ’n-diugh tha blàth,
Cliù dha ainm!

6 ’S a-nis gum dhachaigh bhuain
Tha mi triall, tha mi triall;
’S a-nis gum dhachaigh bhuain
Tha mi triall;
Nis tha mi ’g imeachd suas –
On tig thu, ànraich thruaigh,
No ’m feàrr leat fearg an Uain,
Latha mhòid, latha mhòid?
No’m feàrr leat fearg an Uain,
Latha mhòid?

8.7.8.7.4.7. LAOIDH 134

1 Thar nam beanntan neulach, dorcha,
Faicibh camhanaich an àigh;
Lànachd gheallaidhnean a’ dòrtadh
Latha glòrmhor gràis is gràidh;
’Linn nam beannachd,
Sgaoil do ghlòir o thràigh gu tràigh.

2 Faigheadh iadsan tha fo dhaorsa,
Slàinte shaor trid Ìosa Crìosd;
Anns gach àit’ air feadh an t-saoghail,
Sgaoileadh bratach Chalbharì;
Biodh an Soisgeul
A’ cur soills’ o thìr gu tìr.

3 Ruigeadh solas glan na fìrinn
Uile riogh’chdan dorch’ an t-saogh’l;
’S cuireadh madainn ait an t-Soisgeil
Neòil na h-oidhche duibh fa-sgaoil;
Is gach ceàrna
Mealadh slàinte ghràsmhor, shaor.

4 Ruith gu rèidh, a Shoisgeil shìorraidh,
Anns gach tìr a’ cosnadh buaidh’;
Na biodh ceann air meud do rìoghachd,
Agus strìochdadh dhut gach sluagh;
Do shlat-rìoghail
Sìn thar aghaidh ’n t-saogh’l mu ’n cuairt.

8.4.8.4.8.8.8.4. LAOIDH 136

1 Tha Fear caomh ann thar nan uile;
O meud a ghràidh!
Thar gràdh bràth’r tha ’ghràdh-san dhuinne;
O meud a ghràidh!
Faodaidh càch fàs umainn suarach,
Tlàth an diugh, ’s am màireach gruamach;
Annsan gheibh sinn gaol nach fuaraich;
O meud a ghràidh!

2 Eòlas air is slàinte shìorraidh;
O meud a ghràidh!
Dhàsan, seall, cia mòr ar fìachan;
O meud a ghràidh!
Rinn e ’fhuil nar n-àite dhòrtadh,
Theasairg e san fhàsach mhòr sinn,
’S thug e staigh gu caomh dha chrò sinn;
O meud a ghràidh!

3 Ìosa naomh, am b’ aill leat fhaotainn?
O meud a ghràidh!
Thoir thu fhèin gu toileach, saor, dha;
O meud a ghràidh!
Creid do lòn gach àm gum faigh thu,
Bidh e leat a-ghnàth mar chan e,
Tog a chuing an àird is lean e;
O meud a ghràidh!

4 Maithear dhut do pheacaidh uile;
O meud a ghràidh!
Cìosnaichear do nàimh gu buileach;
O meud a ghràidh!
Rogha bheannachd gheibh thu ’n còmhnaidh,
Nì ach math cha leig e ’d chòir-sa,
’S bheir e tèarainte gu Glòir thu;
O meud a ghràidh!

5 Molaidh sinn an sin gu bràth e;
O meud a ghràidh!
Tilgidh sinn ar crùin na làthair;
O meud a ghràidh!
Togaidh sinn an sin buaidh-chaithream,
Nuair a gheibh sinn chun a’ chathrach,
’S seinnidh sinn le slòigh nam flaitheas –
O meud a ghràidh!

7.6.7. 6.D. LAOIDH 140

1 Tha ’n saogh’l air fàs ro aingidh,
Tha ’n aimsir ’siubhal seach;
Bi stuama is dean faire,
Tha ’m Britheamh tigh’nn a-steach.
Am Britheamh ’thig le tròcair,
Am Britheamh ’thig le neart,
Gu crìoch a chur air fòirneart,
Is crùn ’chur air a’ cheart.

2 An sin bidh glòir nach cualas
A’ soillseachadh mun cuairt,
A’ fuasgladh cheìstean deacair –
Aon Shàbaid naomh, neo-bhuairt’;
An sin o luchd an fhòirneirt
An t-Eabhrach thèid fa-sgaoil,
Is glèidhidh e gu greadhnach
Iubilè ait an t-saoghail.

3 An sin gach nì bidh neartmhor,
Aon neach cha bhi fo bhròn,
Is nì ann cha bhi roinnte,
No aon air bith fo leòn.
Dèan strì air son na glòir’ sin,
Dèan spàirn as dèigh an t-soills’;
Cuir dòchas mach ga ghlacadh,
Gu ’n sluigear e ’s a’ bhoillsg’.

4 O ’n dùthaich àillidh, shona,
Is dachaigh bhuan nan naomh!
’n dùthaich àillidh, shona,
Is miann gach cridhe chaoimh!
Ìosa, nad thròcair stiùir sinn
Gu tàmh is fois san Tìr,
’S bidh glòir don Mhac, don Athair,
’S don Spiorad Naomh, gu sìor.

7.6.7.6. LAOIDH 142

1 O Gun robh, Thriath, do shlàinte,
A Sìon àigh air teachd,
A leigheas d’ Isr’el leòinte,
’S gan treòrach gu do reachd.

2 Cia fhad’, le cinnich ghòrach,
A shaltrar Sion sìos?
Till fhèin, O Dhia, an tròcair,
Is tog a balla ’rìs.

3 Leag sìos slat ghoirt an uamhais,
Do ghràs thoir seach gun dìth,
Air falbh thoir sgàil an uabhair,
Cuir saor o chìs an cridh’.

4 Do dh’Isr’el air teachd dhachaigh,
Nochd a Messiah caomh;
Cuir gean an àite acain,
’S thoir dlùth dhut d’ Eaglais naomh.

8.7.8.7. LAOIDH 150

1 Trom fo neul ged bhiodh do chridhe,
Cùm, mo bhràth’r, do mhisneach suas;
Stiùraidh reul-an-iùil thu ’d shlighe –
Earb à Dia ’s gu h-ionraic gluais.

2 Ged robh ’n rathad fada, cianail,
Is a chrìoch am falach uait,
Coisich e gu sunndach, ciallach;
Earb à Dia ’s gu h-ionraic gluais.

3 Sìos gach eucoir ’s obair fhealltach;
Sìos na bheir dhan t-solas fuath!
Co-dhiùbh ’s buidhinn dhut no call dhut,
Earb à Dia ’s gu h-ionraic gluais.

4 Na cuir d’ earbs’ an ceannard pobaill,
Aidmheil creud, no comann sluaigh.
Ach an smuain, an gnìomh, ’s am facal,
Earb à Dia ’s gu h-ionraic gluais.

5 Na cuir earbsa ann ad mhiannan,
Ri ’n guth binn na aom do chluas,
No droch nòs, ged chleachdteadh riamh e –
Earb à Dia ’s gu h-ionraic gluais.

6 Riaghailt shoilleir, stiùireadh cinnteach,
Suaimhneas-inntinn, neart ’s gach uair;
Reul on àird air slighe ’n t-simplidh –
Earb à Dia ’s gu h-ionraic gluais.

7 Cuid bheir gaol dhut, cuid bheir fuath dhut,
’S cuid nì tionndadh uat gu fuar;
Tog do shùil gu buileach uapa –
Earb à Dia ’s gu h-ionraic gluais.

L.M. LAOIDH 151

1 Gach cinneach tha ’s an domhan mhòr,
Thugaibh do Dhia gach urram ’s glòir;
Biodh moladh Chrìosd ’s gach àit’ ga sheinn,
Bho èirigh gu ruig laighe grèin’.

2 Mairidh do chaoimhneas gràidh, a Dhè,
Dhad phoball fhèin air feadh gach rè;
Is molar thu o thonn gu tonn,
Feadh mhaireas gealach, grian, is fonn.

8.8.8.8.8.8. LAOIDH 156

1 O Athair shìorraidh – Dhè nam Feart,
A chuir an cuan fo ghèill led neart,
Tha toirt na h-àithne mhòir dhan mhuir,
’S a criochan roimhp’ air tùs a chuir –
An ùrnaigh èist ’tha ’g èirigh uainn,
As leth na dream ’tha ’n gàbhadh cuain.

2 Chrìosd, a chuir an fhairg’ fo fhiamh,
’S a chaochail fearg nan stuadh gu fiath,
A shiubhail aghaidh gharg a’ chuain,
’S a ghabh san stoirm gu ciùin do shuain –
An ùrnaigh èist ’tha ’g èirigh uainn,
As leth na dream ’tha ’n gàbhadh cuain.

3 O Spioraid Naoimh, a laigh o chian
Air bhàrr na doimhne duibh, gun rian,
A chaisg gach buaireas borb is strì,
’S a shiolaidh gleachd nan dùl gu sìth –
An urnaigh èist ’tha ’g èirigh uainn,
As leth na dream ’tha ’n gàbhadh cuain.

4 A Thrianaid mhòr nam buadh ’s nan gràs,
Dhar bràithrean bì nad sgiath ’s gach càs;
Bho nàmh, bho chreig, bho theine ’s sian,
Gach àird dhan seòl iad dèan an dìon,
’N sin èiridh dhut, o mhuir is tìr,
Àrd laoidhean-molaidh ait, gu sìor.

11.11.11.11. LAOIDH 159

1 O Tillibh, O tillibh, carson gheibh sibh bàs,
Is Dia air teachd cheana cho dlùth dhuibh le ’ghràs?
Tha Ìosa ’s an Spiorad gur n-iarraidh gu cuirm,
’S tha aoibh air na flaitheas nuair dh’èistear a’ ghairm.

2 Cia sgriosail am mealladh gun geuraich do chàil,
’S gum maothaich do chridhe le bhith a’ cur dàil;
Thig, ànraich air faontradh, oir pailteas tha ann,
Grad thig mun tig tròcair is d’ ùine gu ceann.

3 Am feum sinn bhith ’d fhàgail? ciod idir tha ’d smaoin?
’S e Crìosd tha gad aslachadh dhachaigh cho caoin;
Dèan tilleadh, dèan tilleadh, mun tig ort am bàs,
’S mun còmhlaich riut Ìosa gun iochd ann no gràs.

7.7.7.7. LAOIDH 161

1 Cò iad seo le trusgain shoills’,
Sluagh do-àireamh, àrd an glòir,
’Seinn gu h-ait a là ’s a dh’oidhch’,
Taobh na h-altrach le binn-cheòl?

2 “’S airìdh ’n t-Uan a fhuair am bàs,
Moladh àrd, is cliù, is buaidh,
Ùmhlachd, urram, agus gràdh,
ìocadh dha gach àm ’s gach uair!”

3 Slighe dhocair, ànrach, shìth,
Shiubhail iad tre bhròn is phèin;
Nis tha iad mun chathair-Rìgh,
Sgeadaicht’ ann an ìomhaigh Dhè.

4 Deàlrach ann an èideadh nuadh,
Geugan pailme anns gach làimh;
’S e ’m Fear-saoraidh thug dhuibh buaidh
Thar gach buairidh is gach nàimh.

5 Saor o dhìth, o thart, ’s o thruaigh,
Craobh na beatha dhuibh mar lòn;
Rìgh nan Rìghrean, Crìosd, an t-Uan,
Stiùraidh iad gu uisge beò.

6 Sòlas àrd tha ’n àite ’bhròin,
An àit’ eagail, sìth is gràdh;
Siabaidh Dia e fhèin na deòir
Bho gach sùil, gu tur ’s gu bràth.

C.M. LAOIDH 166

1 Aidichidh sinn le tùrsadh-crìdh’
Ro-mheud ar ciont’, a Dhè;
B’ amaideach, faoin, ar n-uile smaoin,
’S cha b’ fheàrr ar giùlan gnè.

2 Ach thoir, O m’ anam, cliù is gràdh
Do dh’àrd ainm Rìgh nan Sluagh,
Nach d’ fhàg thu ’m feast gun teasairginn,
Am peacadh, nàir’, is truaigh.

3 Chan ann tre oibre fìreantachd,
No gnìomh ar làmhan fhèin,
Ach tre ghràs Dè an Ìosa Crìosd,
A shaorar sinn o phèin.

4 Is ann an tròcair Dhè a-mhàin
A tha ar muinghin threun;
A thròcair shaor ar n-anam truagh,
’S ghlan uainn gach ciont is bèud.

5 Tha ’n Spioraid ’dhòirteadh oirnn tro Ìos’,
Gar nigheadh o gach olc,
A’ fadadh teas-ghràidh feadh ar cridh’,
’S gar dèanamh naomh, gun lochd.

6 Mar seo làn fhireanaicht’ le gràs,
Gach là, le beatha nuaidh,
Sìor ghluaisidh sinn, ’s an Spiorad leinn,
Gu ruig ar n-oighreachd shuas.

7 Na h-uil’ aig a bheil ’shamhuil seo,
De chreideamh ’s dòchas naomh,
Sìor dhearbhaidh iad le giùlan math,
Nach eil an dòchas faoin.

6.5.6.5.D. LAOIDH 173

1 Ìosa Crìosd, ar Buachaill,
Tiormaichidh gach sùil;
Paisgt’ an uchd a ghràidh-san,
Thèid gach geilt air chùl;
Bìodhmaid ach ga leantainn
Air a shlighe fhèin,
Anns an fhàsach ùdlaidh,
No fo ghnùis na grèin’.

2 Ìosa Crìosd, ar Buachaill,
’S eòl dhuinn a ghuth binn;
Bheir a chagar sèimh-san
Air ar cridhe seinn.
’Achmhasan cia bàigheil,
Màlda ’n àm toirt àithn’;
’S esan is fear-iùil dhuinn,
’S leis-san sinn a-mhàin.

3 Ìosa Crìosd, ar Buachaill,
Sheas an àit’ a threud;
Saoraidh ’n fhuil a dhòirt e
A chuid uan o bheud;
Chuir e air gach aon diùbh
Comharra dha fhèin –
“Bheir mi dhuibh mo Spiorad,
’S leamsa iad gu lèir.”

4 Ìosa Crìosd, ar Buachaill,
Is i ’làmh ar neart;
Beuchdadh nàimhdean dian ruinn,
Cha toir sinne feairt;
’Triall tro ghleann an uamhais,
’S a’ dol sìos dhan uaigh,
Cha bhi geilt no sgàth oirnn,
Fhuair sinn annsan buaidh.

L.M. LAOIDH 174

1 ‘S beannaicht’ an duine sin, gu sìor,
Nach gluais an comhairle dhroch dhaoin’
Is fòs nach seas an slighe fhiar
Nam peacach dalma agus faoin:

2 An cathair luchd na fanaid dhèin’
Nach suidh, ach aig a bheil, a-ghnàth,
A thlachd an lagh Iehòbha thrèin,
A’ smuaineach air, gach oidhch’ is là.

3 Bidh e mar chraoibh tha ’fàs a-suas
Aig sruithean uisg’ gu brìoghmhor, glas;
A bhios le meas a’ lùbadh nuas,
Na h-àm; ’s cha shearg a duilleach às.

4 Air ’uile dhèanadas thig rath;
Cha bhi mar sin na h-aingidh thruagh,
Ach mar am moll a sgapas plath
De ’n ghaoith, a null ’s a nall gu luath.

5 Cha sheas na h-aingidh, uime sin,
Am breitheanas an latha mhòir;
No de na peacaich bhaotha, gin,
An coimhthional nam fìrein còir;

6 Oir slighe dhìreach, ghlan, nan saoi,
Do Dhia tha aithnichte air fad;
Ach slighe cham nan daoine daoi,
Lom-sgriosar i fa-dheòidh, gu grad.

C.M. LAOIDH 186

1 Is sona ’n leanabh ’dh’èisteas tràth,
Ri teagasg nèamhaidh, fior,
’S le ’m fuath an t-slighe pheacach, chlaon,
Gu h-ifrinn dh’aomas sìos.

2 Ma ghèilleas sinn dhan Spiorad Naomh
Trath tha sinn maoth is fann,
Bheir esan neart dhuinn nuair thig aois,
Son adhradh dha gach àm.

3 Bidh seirbheis Dhè na sòlas dhuinn,
Ma thòisicheas sinn luath;
Ach daingnichear nan ciont’ gu teann
A’ chlann a bheir dha fuath.

4 Nì seo sinn beusach agus stuam’
Nar gluasad gach aon là,
Is togaidh e ar n-inntinn suas
Le buaidh air leab’ ar bàis.

8.7.8.7.D. LAOIDH 188

1 Tha tobair beò de cheòl am chrìdh’,
Measg tuireadh sgìth an t-saoghail,
Co-fhreagairt fàilt’ nan laoidhean binn’,
Do shaoghal nuadh nach caochail;
Os cionn na gaoir, a’ chath’, ’s na strì,
A’ cho-sheirm shìorraidh cluinnibh,
Toirt sgèil air glòir bhith-bhuain is sìth –
Cò ’n tì le fonn nach seinneadh?

2 Toil-ìnntinn ’s àgh ged fhalbhadh uam,
Bheir Ìosa sògh dham anam;
Ged dh’iadhadh neula tiugh mun cuairt,
Dàin anns an oidhche canam;
Tha sìth mo Dhè, mar shruthan sèimh,
Na ìocshlaint shaor, gun ghoinne;
’S e Crìosd is Triath air talamh ’s nèamh –
Cò ’n tì le fonn nach seinneadh?

3 Tha ’n ceò a’ teicheadh às gu luath
A dh’fhàg na speuran dubhach;
Tha ’n t-slighe fàs nas rèidh’ gach uair
’S mo cheum tha aotrom, subhach;
Ged thùirling trioblaid air mo chridh’,
Mar shiantan trom’ nan gleannaibh,
’S le Crìosda mi – is leamsa Crìosd –
Cò ’n tì le fonn nach seinneadh?

7.7.6. LAOIDH 194
(le sèist)

1 Air thalamh fuilgear bròn ìs cràdh,
’S bho chèile sgarar sinn gun dàil;
Air nèamh cha dealaich nì ’s mò.

O bidh e cho aoibhinn!
Aoibhinn, aoibhinn, aoibhinn!
bidh e cho aoibhinn!
Gu h-àrd ’s a’ chomann nach sgaoil nì ’s mò.

2 Cach aon a ghràdhaich Crìosd a bhos,
Air nèamh aig uair am bàis gheibh fois,
Is seinnidh le naoimh an Glòir.

3 Bithidh clann bheag an sin an sìth,
A dh’iarr le h-ùrnaigh slàint’ tro Ghrìosd,
Bhon h-uile Sgoil Shàbaid chaoimh.

4 Gur aoibhinn, aoibhinn, a bhios sinn,
Gnùis an t-Slàn’gheir Nuair a chì,
Gu h-àrd air cathair a ghlòir’.

5 Ar luath-ghair ait gu h-àrd thèid suas,
A’ seinn gu sìorraidh cliù is buaidh,
Do Chrìosda, Triath nan Slògh.

1,1.1,7. LAOIDH 195

1 Tric fo bhròn, san àmhghar geur,
Gluais, a Chrìosdaidh, ’s greas do cheum;
Cuir an cath gu dian gach lò,
’S gheibh thu neart on aran bheò.

2 Gluais, a shaighdeir Chrìosd, gun sgàth
Thun na strì, ’s na strìochd do nàmh;
Misneach glac, is lean an ruaig;
’S cianail a tha ’n cath ’s e buan.

3 Ortsa na biodh sgàth, ’s na gèill;
Faiche ’n àir gu bràth na trèig;
’N trèigeadh tu an uair an fheum’,
Ceannard ’tha cho gaisgeil, treun?

4 Misneach làidir biodh nad chrìdh’,
Tha thu ’giùlan airm do Rìgh;
Ged a bhios an còmhrag buan,
Chaoidh na fannaich ’s gheibh thu buaidh.

5 Air do shùil na faicear sgleò;
Tiormaichear gach deur fa-dheòidh;
Feuch nach meataich thu san strì,
’S mòr do neart ma ’s mòr do dhìth.

6 Chun a’ chath le farum gluais,
’S air do nàimhdean gheibh thu buaidh,
Ged a bhiodh iad lìonmhor, treun;
Shaighdeir Chrìosdaidh, greas do cheum!

9.7.9.7.9.9. LAOIDH 205

1 Còig-fichead ach aon de chaoirich ’s de dh’uain,
Bha tèaraint am fasgadh a’ chrò;
Ach bha h-aon a-mach air na beanntan fuar’,
Fad às o na geatachan òir;
Air falbh air na slèibhtean fàsail, garbh,
Bho chùram a’ Bhuachaille chaoimh air falbh.

2 “A Thighearn, cha d’ fhalbh ach aon dhen cheud;
Nach suarach na tha gad dhìth?”
Ach fhreagair am Buachaille, “Theich om threud
An t-aon seo air seachran sgìth;
Tha ’n rathad duilich ’s na tuiltean bras,
Ach siridh mi i air na beanntan cas.”

3 Cha robh fios aig a’ mhuinntir shaorta riamh
Cho àrd ’s a bha tuil nan allt;
No air oillt na h-oidhche tron deach’ an Triath,
Mu ’n d’ fhuair e a’ chaora bha caillt’.
Chual e a glaodh air na slèibhtean fàs –
Tinn, air toirt thairis, is dlùth don bhàs.

4 “A Thigheam, cia as don fhuil air an raon,
Gach taobh a dh’imich do chas?’”
“Airson aon a bh’air seachran thuit gach braon,
Mu ’n d’ fhuair mi a tilleadh air ais,”
“Cuim tha do làmhan, a Thighearn, cho reubt’?”
“Chaidh an lot gu tric leis an droigheann gheur.”

5 Ach dhùisg mac-talla nan slèibhtean mòr’,
Is fhreagair gach creag is allt
Glaodh aoibhnis a ràinig na geatachan òir –
“Thug mi dhachaidh a’ chaora chaillt’!”
’S cho-fhreagair na h-ainglean ri caithream na buaidh’,
“Biobh ait, oir fhuaradh am fògrach truagh!”

C.M. LAOIDH 208

1 O sibhs’ air fad le ’n àill bhith glic,
Biobh tric an taigh a’ bhròin;
Oir, luath no mall, tha sinn gu lèir
Ri fulang pèin is leòin.

2 Is fheàrr gu mòr bhith gabhail tlachd
An conaltradh nan naomh
Na ’n cridh’ a lot le sòlas baoth
An cuideachd dhaoine daoi.

3 Ma ’s e ’s gum bi an cridhe naomh,
Taisbeanar e ’s a’ ghnìomh;
Bidh naomh-reachd Dhè na riagh’lt gach là
’S na chomhfhurtachd dhan chridh’.

4 Is thèid a’ mhuinntir seo gu tric
Gu bothan bochd a’ bhròin;
Ach leis an dream air bheagan cèill,
Is aoibhinn talla ’cheòil.

5 Is diombuan aighear dhaoine daoi,
’S is dlùth dhuibh àmhghar truagh;
Mar bhaoisge fuaimneach droighinn fhaoin,
Ghrad thuiteas sìos na ’luath.

C.M. LAOIDH 210

1 Nuair chlaonas cuid on t-slighe naomh
’Tha stiùireadh dh’ionnsaigh Glòir’
Thar leam gun cluinn mi Ìos’ ag ràdh,
“An trèig thu mise fòs?”

2 A Thigheama, lem chridhe rag,
Mur deònaich thusa fòir,
’S èiginn dham chois cùl-sleamhnachadh,
’S bhith cosmhail riù fa-dheòidh.

3 Gidheadh ’s ann agad fhèin tha neart
Gum shàbhaladh led ghràs;
Cia ’n t-àit’ a thionndaidhinn-se uait,
Ach dh’ionnsaigh doimhneachd bàis?

4 Tha fios agam gur tu an Crìosd,
An tì a bha ri teachd
A dhaingneach’ beatha shìor dhad shluagh,
Led ghealladh is led reachd.

5 Cha b’ urrainn creutair cruthaichte
Fuasgladh thoirt dhomh on bhàs,
’S chan eil mo dhùil ri slàint’ a chaoidh,
Ach ann am meud do ghràis.

6 Bha trioblaid orm tràth thuirt thu rium,
“An trèig thu mise fòs?”
A Thighearna, tre chòmhnadh gràis,
Chan fhàg mi thu nì ’s mò.

C.M. LAOIDH 213

1 A Shlàn’gheir chaoimh, O Uain gun lochd,
Cia milis d’ ainm ro ghrinn;
An ceòl is àird’ cha choimeas da,
’S tha ’fhuaim ro thaitneach leinn.

2 O cluinneamaid gu bràth do ghuth;
An tròcair labhair ruinn;
Is annad fhèin bidh sinne ait,
Oir ’s tu is sagairt dhuinn.

3 ’S e Ìosa ’mhàin is Rìgh dhar dàn,
Gach là gu ruig an uaigh;
’S dha ainm ro ghlòrmhor seinnidh sinn
Gu h-àrd le Dia nan Sluagh.

4 Nuair bhios sinn shuas gu h-àrd an Glòir,
Le poball taghte Dhè,
Le fonn is mìlse seinnidh sinn
Do dh’Ìosa feadh gach rè.

7.6.7.6.D. LAOIDH 214

1 ’S A’ mhadainn rach gu tràthail,
Is rach aig àird’ an t-soills
Rach nuair bhios crìoch an là ann,
’S rach fòs am marbh na h-oidhch’;
Thoir leat glan-chogais shìochail,
Gach iom’gain-crìdh’ cuir uait,
Is d’ ùrnaigh ’n sin os ìosal,
An làthair Chrìosd, cuir suas.

2 Cuimhnich gach aon ’tha ’n gràdh dhut,
’S gach aon dha bheil do ghràdh;
Guidh math dhan dream tha ’m fuath dhut,
Luchd-fuath’ dhut ann ma tha;
An sin, le dànachd naomha,
Dhut fhèin gach beannachd iarr,
Is ann an ainm d’ Fhir-shaoraidh,
Do ghuidhe dèan ri Dia.

3 No ma tha ùmaigh ’n uaigneas
Air àicheadh dhut car tràth,
Nad chrìdh’ ma thig naomh-smuaintean,
Am feadh tha daoin’ a làth’r,
An t-iarrtas sàmhach, dìomhair,
A thèid od chrìdh’ an àird,
Gheibh fhreagradh caomh on tì sin,
Gud dhìon a dh’ fhuiling bàs.

8.7.8.7. LAOIDH 218

1 Long an t-Soisgeil, seall i ’seòladh
Dh’ionnsaigh fearann Chànaain shuas!
Thigibh uile, sibhs’ ’tha deònach,
Seòlaibh innt’ gu glòir bhith-bhuain!

2 Mìltean thug i sàbhailt thairis,
Fad’ o shaoghal seo a’ bhròin;
Miltean innte ’seòladh fhathast,
’S àit’ innte do mhìltean còrr!

3 Lìon a siùil, a ghaoth nan nèamhan,
Greas i air a cuairt gu luath;
Faic, gach maraiche làn aoibhnis,
’Luaidh air glòir nan nèamhan shuas!

4 Lìonaibh siùil na h-iùbhraich àillidh,
Ghaoithean gràsmhor Soisgeul Dhè,
Giùlainibh gach aon ’tha dìleas
Dh’ionnsaigh rìoghachd ’Athar fhèin.

5 Stiùir an long a staigh gu caladh;
Làmh ri d’ acair seas a-nis;
Bhon Àrd-cheannard gheibh thu fàilte,
Agus àit’ aig a làimh dheis.

C.M. LAOIDH 227

1 Le fuaim na trompaid dheireannaich
Criothnaichidh ’m fonn gu garbh;
Fosglaidh gach uaigh is brùchdaidh nìos,
Gu sìorr’dheachd, cuirp nam marbh.

2 Seall, èiridh cuirp nan saoi an sin,
Le misnich is mòr sgèimh,
Iad bàsmhor thuit, ach èiridh gu
Neo-bhàsmhorachd air nèamh.

3 Faic, fàistneachd fhìor nam fàidhean naomh’,
Coileanta nis, gu beachd,
Gun gèilleadh bàs do bheatha shìor,
’S gun crìochnaicheadh an gleachd.

4 Suas togadh creideamh luathghair ait,
’S biodh e an tràths’ a’ luaidh –
“Càit’ nis, a bheil do ghath, a Bhàis,
Càit’, Uaigh, a bheil do bhuaidh?”

5 B’ i ’chogais chiontach gath a’ bhàis,
Teann-shàithte ’n crìdh’ an daoi;
’S b’ e ‘n Lagh a thug do chiont’ a neart,
Gu luchd a’ pheacaidh ’chlaoidh.

6 Ach beannaicht’ gu robh Dia gu bràth,
A chuir ar nàmh fo ’chois,
’S a thug dhuinn, tro ar Ceannaird, Crìosd,
Buaidh shìorraidh agus fois.

7 Fa ’n aobhar sin le dùrachd crìdh’,
Dhar Rìgh bheir sinne gèill;
Làn dearbhte gum faigh sinn, fa-dheòidh,
Crùn glòir’ an rìoghachd nèimh.

8.8.8.8.8.8. LAOIDH 229

1 Ciod e is ciall dhan deifìr chruaidh,
Dhan luasgan mhòr seo feadh an t-sluaigh –
Mòr-thionail dhaoin’ o là gu là,
A’ dian-ruith seachad oirnn gach tràth?
Cluinn freagradh fann o bheul gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

2 Ach cò e Ìosa? ’N e gun gèill
Am baile-mòr mar seo dha Sgeul?
An urrainn coigreach aig a mhiann
An sluagh a ghluasad fo a rian?
Cluinnidh tu rìs o bheul gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

3 Ìosa ’bha aon uair a-bhos
Air slighe dhaoìn’ measg bròin gun chlos;
Thugadh dha ionnsaigh, ’s iad nan teinn,
A mhuinntir bhodhar, bhacach, thinn;
’S a’ ghlaodh, na doill ghabh tlachd, gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

4 Faic nis e rìs! a lorga naomh
Chì sinn o àit’ gu àit’ gach taobh;
A cheuman aig ar starsnaich cluinn –
Seadh, tha e steach, ’s ri fantainn leinn;
Nach seinn sinn le mòr aoibh, gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

5 O sibhs’ a tha ler n-uallach sgìth,
Seo saorsa, dachaidh, fois, is sìth;
A sheachranaich o ’r n-Athair naomh,
Tillibh is glacaibh ’fhàbhar caomh;
A mhuinntir bhuairt’, seo dìon gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

6 Ach fhath’st a ghairm ma dhiùltas sibh,
’S mi-bhuil dha ghràdh ma nithear leibh,
Tillidh e brònach uaibh gu geàrr,
’S diùltaidh ur n-ùrnaigh gheur le tàir;
“Ro fhada!” glaodhar leibh, ’s sibh mach –
“Tha Ìos’ o Nàs’ret air dol seach!”

C.M. LAOIDH 231

1 Athair na sìth, ’s a Dhè a’ ghràidh,
Dhad neart bheir sinne cliù –
An neart a dhùisg ar n-Aodhair suas,
Le buaidh o ghlas na h-ùir’.

2 Bhon ùir thog thu ar Triath an àird,
Gun spàirn o chuibhreach bàis;
Mar sin le ’fhuil is ’aiseirigh,
Shìor naisg e ’n cùmhnant gràis.

3 Led Spiorad seulaich sinn, a Dhè,
Is dèan sinn umh’l dhad thoil,
Airson ’s od naomh-reachd nach bi sinn
Air seachran truagh a’ dol.

4 O sgrìobh do lagh air clàr ar crìdh’,
Nar gniomh sìor dhealradh e;
’N sin ruigidh sinn, fo cheannsal Chrìosd,
Air seilbh an rìoghachd nèimh’.

8.6.8.6.8. LAOIDH 234

1 Mu chathair Dhè ’s na nèamhan shuas,
Tha mìltean cloinne ghnàth;
Gach peacadh ghlan an Slàn’ghear uap’,
Siud comann naomh an àigh,
’S iad a’ luaidh a ghlòir’ gu sìorraidh.

2 An trusgan geal is àillidh snuadh,
Gach aon diùbh sgeadaicht’ tha,
A’ tàmh an soillse ’tha bith-bhuan,
Is mùirn nach traoigh gu bràth,
’S iad a’ luaidh a ghlòir’ gu sìorraidh.

3 Ciod thug iad seo do thir an àigh,
Is dachaidh àird nan naomh,
Far a bheil sonas, sìth, is gràdh –
Co stiùir an òigridh chaomh?
’S iad a’ luaidh a ghlòir’ gu sìorraidh.

4 An Slàn’ghear caomh, dhoirt esan ’fhuil,
Bho pheacadh gan cur saor;
’S a-nis air ionnlad anns an tuil,
Seall, tha iad geal gach aon,
’S iad a’ luaidh a ghlòir’ gu sìorraidh.

5 Air thalamh dh’iarr iad a shaor ghràs,
’S air ’ainm bu chaomh leo luaidh;
’S tha iad a-nis sna nèamhan àrd’,
A’ tàmh an làth’r an Uain,
’S iad a’ luaidh a ghlòir’ gu sìorraidh.

L.M. LAOIDH. 235

1 Thèid uachdaranachd Ìosa ’n cèin,
Cho farsaing crìoch ri cuairt na grèin’;
Sìnidh a rìogh’chd o chuan gu cuan,
Feadh ’lionas is a chrìonas luan.

2 Thèid ùmaighean le ’chùis gach ial,
’S le moladh crùnar e gu fial;
Thèid ’ainm ro chùbhraidh suas a-ghnàth,
Mar thùis, le iobairt mhoch gach là.

3 Gach tìr ’s gach sluagh ’s a’ chruinne-chè,
Ma ghràdh nì luaidh air feadh gach rè;
’S gu deònach canaidh lean’ban caomh’
Am beannachdan air ’ainm ro naomh.

4 ’S gach àit’ bidh sonas aig a shluagh,
’S on geimhlean fuasglar cìomaich thruagh;
Fois shìorraidh gheibh an t-ànrach shìth,
’S am bochd bidh saor o airc ’s o dhìth.

5 Gach creutair togadh, mar is còir,
Gnàth-ofrail cliù do Rìgh na Glòir’;
’S biodh ainglean àrd’ ’s gach sluagh fon ghrèin,
A’ seinn le aon bheum-ciùil, Amen.

C.M. LAOIDH 239

1 Ìosa, Mac Dhè, leig aon uair sìos
A bheath’ air son a shluaigh,
Tha nis a’ tagra’ ’n tìùis air nèamh,
Mar shagairt treun nam buadh.

2 Trìd beatha ’s bàis sìor leanamaid
Ri Crìosd gu daingean, dlùth;
Bho chreideamh ’s dòchas gheibh sinn neart,
Is thèid gach geilt air chùl.

3 Gu borb cha bhuin ri laigse dhaoin’
Caomh shagairt àrd an àigh;
Tha chridhe làn de thruacantachd,
Tha ’anam làn de ghràdh.

4 Comh-fhulangas tha aig an Triath
Ri iargain ’s laigs’ a shluaigh,
Oir dh’fhiosraich e na ’cholainn fhèin
Gach deuchainn agus truaigh.

5 Dh’fhiosraich e seo na choluinn fhèin,
Gidheadh as eugmhais lochd,
Oir nàdur duine ged a ghabh,
Cha b’ aithne da bhith olc.

6 Bu tùrsach, deurach, air ar son,
A chaith e ’làith’ fon ghrèin,
’S ge h-àrd e nis air deas-làimh Dhè,
Co-mhothaichidh ar pèin.

7 Le dànachd naomha, uime sin,
Thèid sinn gu cathair-ghràis,
Is fàth gach gearain dòirtidh sinn
Na ’fhianais anns gach càs.

8 Airson ’s gun còmhnadh esan leinn,
Bèir saibhireachd a ghràis,
’S gun tugadh e dhar n-anmaibh lag
Neart agus fois gu bràth.

8.7.8.7. LAOIDH 246

1 Aois ar lean’bachd tha ’dol tharainn;
’S geàrr gu crich ar làithean òg’;
Ann ar cuairt bidh sprochd is farran.
Iomadh gàbhadh, iomadh bròn.

2 Esan rinn gu h-ìosal, caomhail,
Triall tron fhàsach seo e fhèin,
Thugadh dhuinn a ghràdh ’s a naomhachd,
Dìon is stiùireadh fad ar rè.

3 Eìstibh guth as Slàn’gheir ghaolaich –
Leanaibh mise, lean’ban maoth’;
Ìosa, glèidh ar cas o chlaonadh;
Treòraich sinn gach àm ’s gach taobh.

4 Sgarar sinn gun dàil o chèile,
’S theagamh gur a h-ann gu bràth;
O gun coinnich sinn nad rìoghachd!
O gun crùnar sìnn gu h-àrd!

8.7.8.7. LAOIDH 247

1 ’S mòralach do chliù ri aithris,
’Shion, cathair àrd ar Dè!
Rinn an tì dhan ainm an Fhìrinn
Dhìotsa ionad naomh dha fhèin.

2 Tha Creag bhuan nan àl na stèidh dhut;
Chaoidh cha ghèill do bhunait cruaidh;
Feadh is balla-dìon dhut Slàinte,
’S aobhar-ghàire do luchd-fuath’.

3 Faicibh abhainn mhòr na beatha,
’Ruith on ghràdh tha maireann, fìor,
’Sàsachadh do shluaigh gach latha,
’S a’ cur airc air chùl gu sìor.

4 Cò bhiodh fann ’s a leith’d a dh’abhainn
Casgadh lot bho ’lànachd ghrinn –
Gràs mar Dhia a tha ga tabhairt,
Saibhir, pailt, o linn gu linn!

5 Seall os cionn gach ionad-còmhnaidh,
Carragh teine ’s neòil gu h-àrd,
Mar bhall-maise is mar chòmhdach;
’Nochdadh gu bheil Crìosd aig làimh.

6 Shlànaigheir, ma bhuineas mise
Dhan àrd-bhaile seo tre ghràs,
Fuath no gaol on t-saoghal thigeadh,
Nì mi uaill à d’ ainm gu bràth.

7 ’S diombuan, faoin, gach sìon air thalamh –
’Uile shaibhreas agus ’uaill;
Sonas buan is ionmhas maireann
Bidh a-mhàin an Sìon shuas.

C.M. LAOIDH 253

1 Do mhaitheas aidicheam, a Dhè,
Do chaoimhneas sèimh gach là;
Mo bhiadh, mo dheoch, is m’ aodach, ’s iad
Tabhartas fìal do làmh.

2 ’S tu tha gam theasairginn gach uair
Bho chunnart cruaidh ’s o bhàs;
An anail ’tha mi tarraing suas,
A Dhè, ’s ann uats’ a thà.

3 Tha d’ ainglean caomh gam dhìon gu dlùth,
’S aig ceann mo leapa ’tàmh;
’S chan eil mi ’fàgail beachd do shùl,
A dh’oidhche no a là.

4 Mo phàrantan ’s gach caraid beò,
Is sochair mhòr na slàint’,
’S gach maitheas eile a thig orm,
’S tu dheònaich iad a-mhàin.

5 Na fiachan trom’ seo, Athair chaoimh,
Cha phàighear leam gu bràth;
O thugam dhutsa le teas-rùn,
Sàr ùmhlachd ’s cliù a-ghnàth.

6.5.6.5. LAOIDH 255
(le sèist)

1 ’S eilthireach san tìr mi,
Coigrech beag air chuairt;
Ged tha ’n saoghal taitneach,
Olc tha dlùth gach uair.

’S toigh le Crìosd ar cuideachd àigh;
Stiùraidh e gach aon air làimh,
’S bheir e dhuinn, san tir is fheàrr,
Dachaidh àillidh, bhuan.

2 O ’s i m’ annsa ’n tìr sin
’S nach eil olc no cràdh!
Far nach cluinnear osna
No guth bròin gu bràth.

3 Ach biodh aig gach aon dinn
Èideadh glan gun smal,
’S nì e trìall le Ìosa
An an trusgan geal.

4 Ìosa, glan is saor mi,
Teagaisg dhomh bhith umh’l;
Spioraid Naoimh, bi ghnàth leam,
’S dean gu nèamh dhomh iùl.

5 ’S eilthireach san tìr mi,
Coigreach beag air chuairt,
Ach gach là nas fhaisge
Tha mo dhachaigh shuas.

1.1.1.1.1.1. LAOIDH 260

1 Dhia na tròcair, Dhia nan gràs,
Nochd dhuinn maise d’ aodainn ghràidh;
Deàlraich oirnn, a Shlàn’gheir chaoimh,
D’ Eaglais lion led shoillse naomh;
’S cuir do shlàinte ghràsmhor, chaoin,
Mach gu iomall crìch an t-saogh’l.

2 Cuireadh slòigh an cèill do ghlòir;
Adhradh dhut gach duine beò;
Biodh gach tìr a’ seinn gun sgìos
Glòir dhan t-Slànaighear, an Rìgh;
Ìocadh iad gu h-umh’l dhut cìs,
’S cuirear leò do thoil an gnìomh.

3 Seinneadh slòigh do ghlòir gu deas;
Thugadh talamh dhut a mheas;
Mealadh daoine beannachd Dhè,
’S gibhteadh iadsan dha iad fhèin –
Na tha bhos agus gu h-àrd,
Aon an sonas, soills’, is gràdh.

6.6.6.6.D. LAOIDH 263

1 Chlann, togaibh òran binn,
Hallelùiah! Amen!
Mòr chliù do dh’Ìosa Crìosd,
Hallelùiah! Amen!
Biodh teanga ’s cridhe ’luaidh
Dhasan na chathair shuas;
Seinnibh gu sìorraidh, buan,
Hallelùiah! Amen!

2 Togaibh ur guth gu lèir,
Hallelùiah! Amen!
Lìonadh a ghlòir an speur;
Hallelùiah! Amen!
Stiùireadh is càirdeas caoin
Gheibh sinn on t-Slàn’ghear chaomh;
Crìoch cha tig air a ghaol,
Hallelùiah! Amen!

3 Luaidhibh a ghlòir gun sgìos,
Hallelùiah! Amen!
’N saogh’l seo cha chluinn a chrìoch,
Hallelùiah! Amen!
Shuas ann an Rìogh’chd an Àigh,
Molaidh sinn Crìosd ’s a ghràdh,
’S bidh sinn a’ seinn gu bràth,
Hallelùiah! Amen!

8.7.8.7. LAOIDH 264
(le sèist))

1 Thigibh, seinnibh cliù do dh’Ìosa,
Àrdaichibh a neart ’s a ghràdh;
Buinidh dhàsan glòir is moladh,
Ruigeadh iad a theach gu h-àrd.

Ìosa bheannaicht’! Hallelùiah!
Ìosa bheannaicht’, chaomhail, fhior,
Ìosa bheannaicht’! ’s tu ar Slàn’ghear;
Moladh dhut gu suthainn sìor!

2 Ainglean seinnidh mòrachd ’ainm-san,
Le chuid naoimh gu h-àrd an Glòir;
’S cùirtean nèimhe bidh le h-iolach
Cur an cèill a threuntais mhòir.

3 Innsidh iad mar dh’fhàg e flaitheas,
Innsidh iad ma ghaol ’s ma ghràs,
Mar a chuir e cùl ri mhòrachd,
Mar a bhlais e bròn is bàs.

C.M. LAOIDH 265

1 A’ Thighearn, bheirinn dhut mo ghràdh,
Mo dhòigh ’s mo stà gu sìor,
Ad ionnsaigh bheirinn m’ uile chàs,
M’ aon charaid gràsmhor, fìor.

2 Ged thiormaicheas gach sruth san t-saogh’l,
Gràdh Dhè cha traoigh a chaoidh;
A d’ lànachd òlaidh mi gu saor,
’S luaidheam do ghaol am laoidh.

3 Nì math chan ’eil san talamh mhòr,
Ach tha mo dhòigh san Triath;
Gach sìon bidh agam pailt gu leòir,
’S e Dia na Glòir’ mo Dhia!

4 O nach robh agam creideamh ceart
A ruigeadh steach tron sgàil,
’S gun dearbhainn gealladh Chrìosd, mo Thriath;
Cha mheall a bhriath’r gu bràth.

5 An tì a rinn dhomh dachaigh shior,
Cha ghlèidh e sìon math uam;
Chan eagal dhomh gum bi mi ’n dìth,
’S gach nì fo los an Uain!

6 Mo dhòchas bidh an Dia nam Feart,
Bho ’m faigh mi neart is gràs;
’S b’ e m’ iarrtas mòr o seo ’s gu bràth,
Gum biodh mo ghràdh dha ’fàs.

CM. LAOIDH 266

1 Tha sùil nach caidil thairainn shuas,
Ged laigheas oidhche chiar;
Fear-coimhead fòs nach dùin a chluas,
Ged chaidleas grian san iar.

2 Tha gàirdean ann nach fairich sgìos,
Gred chrìonas cumhachd dhaoin’;
Tha gràdh nach lasaich ann gu sìor,
Ged dhìobras gràdh an t-saogh’l.

3 ’S i ’n t-sùil sin tlachd nan ainglean àrd’,
’S e ’n gàirdean neart nan speur;
Tha chluas le glòir nan seraph làn;
’S tha ’n gràdh os cionn nan reul;

4 Ach ’s leinne cumhachd aig gach àm,
Gred tha sinn fann gun treòir;
A dh’aomas ruinn an t-sùil ’s an gràdh,
A’ chluas ’s an gàirdean mòr.

5 An cumhachd sin ’s i ùmaigh ghèur,
Dhan Triath nì èirigh suas,
’S on ghlaic san ruith na reultan àrd’
’Bheir gràs is slàinte nuas!

L.M. LAOIDH 270

1 Spioraid bheò an Dè bhith-bhuain,
Le uile bhuadhan mòr do ghràis,
’S gach ionad anns am faighear sluagh,
Thig nuas air saogh’l fo bhinn a’ bhàis.

2 Gus sgeul na slàinte ’chur an cèill,
Thoir teanga theine ’s cridhe gràidh;
Cuir neart is ungadh mach uait fhèin,
’S gach ceàrn san èighear fuaim an àigh.

3 An duibhre teicheadh as od ghnùis;
Biodh aimhreit ciùin an lorg do cheum’;
San anam lag cuir neart as ùr,
’S do thròcair lùbadh corraich gheur.

4 O Spioraid Naoimh, dùisg suas o chlos
Daor pheacaich bhochd a’ chruinne-chè;
Bi dhuibh mar ghaoth na maidne moich,
San leum an cridhe cloich’ nan crè.

5 lompaich na cinnich; anns gach tir
Biodh luaidh air iobairt Aon Mhic Dhia;
Ainm Ìosa àrdaichear gu sìor,
Is crùnar e mar Rìgh ’s mar Thriath.

C.M. LAOIDH 271
(le sèist)

1 Tha mi mar neach a’ seinn a-ghnàth;
Shiab Ìos’ air falbh mo dheòir;
Mo Shlàn’ghear is mo charaid gràidh,
’S i sheirbhis fàth mo ghlòir’.

Mòr chliù dha! cliù dha! cliù do Chìosd gun tàmh;
Cliù dha! cliù dha! mòr chliù do Chrìosd gun tàmh.

2 Nuair chuinnaic mi e air a’ chrann,
An èirig m’ eu-ceart dhàin,
Mo dheòir gu frasach shil, ach nis
Tha mi a’ seinn gun tàmh.

3 Nuair bhios mo chrìdh’ fo bhuaireadh dian,
“’S leam Crìosd” – seo fàth mo dhàin;
’S mar sin, ged thig gu tric na deòir,
Tha mi a’ seinn gun tàmh.

4 Sgeul aoibhinn, iongantach, an Uain,
Bidh mi a’ luaidh gach là,
’S nuair chluinneas càch an t-òran grinn,
Bidh iad a’ seinn gun tàmh.

7.6.7.6.D. LAOIDH 273

1 Bho Ghreenland, tìr nam fuar-bheann,
Thar chuan o India chèin,
Bho Africa le ’fhuarain
A’ cluich gu luath sa ghrèin,
Bho iomadh abhainn aosta,
Bho raointean mheas is chrann,
Cluinn èigheach airson saorsa
Bho thruaigh ’s bho dhaorsa theann.

2 Thar Innsean àigh ged shiùbhlas
An oiteag chùbhraidh, chaoin,
’S gach sìon ’nì tlachd dhan t-sùil annt’,
’S gun ghràin, gun diù, ach daoin’;
Is diomhain pailteas fialaidh
Mòr mhaitheas Dhia gach taobh,
Tha cinnich dhan cuid ìomhaigh
A’ slèuchdadh sìos gu baoth.

3 O, sinne ’tha fon t-Soisgeul
A’ mealtain soìlls’ na Grèin’,
Nach tog sinn neòil na h-oidhche
’S na duibhr’ o chinnich bhreun?
O lìonadh fuaim na Slàinte
Gach ceàrn o chuan gu cuan,
San dùisg gach tìr gu h-àghmhor
Ri ainm ’s ri gràdh an Uain!

4 Togaibh an sgeul, a ghaoithean,
’S a thonnan aobhach, mòr,
Bho thràigh gu tràigh ga sgaoileadh
Mar aon chuan baoisgeach glòir,
San aidich saoghal saorta
Uan caomhail Chalbharì,
Mar Shlàn’ghear, mar Fhear-saoraidh,
Mar Chruithear naomh, ’s mar Rìgh.

6.5.6.5. LAOIDH 276

1 Braona beag’ de dh’uisge,
’S gainbheinean na tràigh’,
Nì na cuantan mòra,
Is am fearann àigh.

2 ’S mionaidean ar tìme,
Suarach, crìon, gu beachd,
Is ann leò a lìonar
Sìorraidheachd ri teachd.

3 Agus lochdan biogach
Meallaidh crìdh’chan dhaoin’
Fad’ o cheum na fìrinn,
Air an t-sligh’ tha claon.

4 Gnìomhan beaga caoimhneis,
Briathran aoidheil gràidh,
Nì an saogh’l na ’Eden .
Mar na nèamhan àigh.

8.7.8.7. LAOIDH 277

1 Là mar là, an neòinean àillidh,
Sùileag togaidh ’n àird gu fann;
Caoidh chan èirich uaith no tasan,
Nach eil àit’ air bhàrr nan crann.

2 ’S tha an oiteag ghaoith cho taitneach,
Is tha ghrian cho deàlrach, grinn,
Ris an neòinean taobh an rathaid,
’S ris a’ bhlàth is àirde ’chinn.

3 Dia thug do gach aon neach ’inbhe;
Cuid tha mealtainn seilbh is fàis,
’S cuid sna bothain bhochd gu saoithreach –
Gheibh gach aon gu saor a ghràs.

4 Dha chuid cloinne, bochd is saibhir,
Àrd is ìosal, thug e gaol;
’S bheir e iad a suas gu flaitheas,
A rinn seirbheis dha san t-saogh’l.

12.13.12.10. LAOIDH 281

1 Naomha, naomha, naomha, Thighearn uile-bhuadhmhoir!
Moch ’s a’ mhadainn togar leinn ar n-òran dhutsa suas;
Naomha, naomha, naomha, cumhachdach is truacant’,
Dhia an Trì Pearsa, Thrianaid chaomh nam buadh!

2 Naomha, naomha, naomha, tha do shluagh ’toirt cliù dhut,
Tilgeil sìos an coroin òir an làthair Dhè ’s an Uain,
Ceruban is seraphan ’slèuchdadh dhut le h-ùmhlachd,
’Thi bha, ’s a tha, ’s a bhìos gu sìorraidh, buan.

3 Naomha, naomha, naomha! ged chuir duibhre sgàil ort,
Ged nach lèir do shùilean peacach deàlradh àrd do ghlòir’,
’S tusa-mhàin tha naomha, chan eil coimeas ann dhut,
lomlan am fìrinn, gràdh, is cumhachd mòr.

4 Naomha, naomha, naomha, Thigheam uile-bhuadh-mhoir!
Bheir d’ uil’ oibre cliù dhad ainm san speur, ’s air tir, ’s air cuan;
Naomha, naomha, naomha, cumhachdach is truacant’,
Dhia an Trì Pearsa, Thrianaid chaomh nam buadh!

6.6.6.6.6.6. LAOIDH 282

1 Àrd Bhuachaille an treud,
’Tha-ghnàth gan dìon o bheud,
Bi taobh nan uisge tlàth,
Stiùir thusa mi gu caomh
Gu imeachd aig do thaobh,
Mar uan gun lochd, gach là.

2 Tha eagal orm bhith rèubt’
Le droighionn guineach, geur,
Nuair dh’fhàgas mi thu fhèin;
Ciùrrar mo chasan shìth,
Oir ’s deacair, garbh, an t-slìgh’
’Tha falbh on rathad rèidh.

3 Ach Nuair tha ’n t-slighe buan,
Togaidh do làmhan suas
An t-ànrach bochd gu tlàth;
Glanaidh tu uam gach smal,
Gam thoirt gu cluainibh glas’
Sam bi gach lus fo bhlàth.

4 Gus – saor o thruailleachd bhreun,
’S mi buileach glan gu lèir,
Tro d’ fhuil-sa, Shlàn’gheir ghràidh –
An toir thu d’ uan beag, caomh,
Gu dachaidh shona, naomh,
Nad chrò an Tìr an Àigh.

C.M. LAOIDH 283

1 ’S iad seo na crùin bhios air ar cinn,
Nuair bheir thu crùp dhad shluagh;
’S iad seo na pailm a thogar leinn,
’S an rìoghachd àillidh shuas.

2 ’S iad seo na trusgain fhìorghlan, gheal’,
A nì dhuinn còmhdach àigh,
Nuair shuidheas sinn led shluagh gun smal,
Sa chathair-rìgh gu h-àrd.

3 Air doilgheas, cùram, saoth’r, is leòn,
Chuireamaid failt’ gach uair;
Is suaimhneas saoth’r, ’s is buannachd bròn,
’S ar sùil ri ’leith’d a dhuais.

4 Fàilte dhan trusgan, pailm nam buadh,
An t-sìth, ’s an coron òir;
Fàilte do bhaile naomh an Uain;
Soillsich, a Ghrian na Glòir’!

8.7.8.7.D. LAOIDH 284

1 O cia caomh an Caraid Ìosa,
’Ghabh air fhèin ar lochd ’s ar pèin!
O an t-sochair teachd le ùrnaigh,
Leis gach cùis ga ionnsaigh fhèin!
O cia tric a thrèigeas sìth sinn;
’S tric ar cridh’ gu goirt fo phèin,
Chionn nach deachaidh sinn le ùrnaigh,
Leis gach cùis ga ionnsaigh fhèin.

2 Bheil ar n-anam bochd fo bhuaireadh?
Bheil ar crìdh’ fo àmhghar geur?
Cuime bhitheamaid fo mhi-ghean?
Thoir gach sìon ga ionnsaigh fhèin.
Càit’ am faigh sinn neach cho caoimhneil,
Ghabhas roinn dhar bròn gu lèir?
Meud ar laigse ’s aithne dhàsan;
Rach gun dàil ga ionnsaigh fhèin.

3 Bheil sinn ann ar laigs’ ag uallach
Curaim chruaidh gach uair ’s gach ceum?
Slàinte ’s dìon tha tàmh an Ìosa;
Thoir gach nì ga ionnsaigh fhèin.
Trèigìdh càinlean ’s cuirìdh cùl rìut;
Thoir gach cùis ga ionnsaigh fhèin;
Gheibh thu dìon an uchd a ghràidh-san,
’S sonas àigh am feast nach trèig.

7.7.7.5. LAOIDH 288

1 Nuair thig saoth’r ar là gu crìch,
Nuair a sguireas plosg ar cridh’,
Athair, thoir dhad òglach sgìth
Fois bhios sìorraidh, buan.

2 Nuair thèid cumhachd peacaidh sìos,
’S nàimhdean ’s an taobh steach gun chlì,
Coilean dhuinn do ghealladh fìor,
“Sìth bhios sìorraidh, buan.”

3 Nuair a bhios an oidhch’ air chùl,
’S bristeadh-fàire air gach dùil,
Deònaich dhuinn do sholas iùil,
Soillse sìorraidh, buan.

4 Nuair bhios cridhe bochd a’ bhròin
’Faighinn saor ’s a chnead fa-dheòidh,
Thoir dhuinn, far nach silear deòir,
Sòlas sìorraidh, buan.

5 ’Sealltainn air an àm a bha,
Làithean caomh’ nach till gu bràth,
lonnsaicheamaid ann ad ghràdh,
Gràdh bhios sìorraidh, buan.

6 Nuair a thrèigeas soills’ ar sùil,
Nuair a leagar sinn san ùir,
Builich oimn, a Dhia, do chrùn,
Beatha shìorraidh, bhuan.

6.6.4.6.6.6.4. LAOIDH 289

1 Dhia, ’chuir led ghuth fa-sgaoil
Eas-òrdugh ’s duibhre ’n t-saogh’l,
’S theich iad gu teann.
O èist ar n-ùrnaigh dhian,
’S gach àit’ nach faca grìan
An t-Soisgeil ghlòrmhoir, fhial’,
Biodh solas ann!

2 O thusa ’cheil do ghlòir,
A theachd a-nuas g’ ar còir,
’S sinn diblidh, fann,
’S à chridhe lag cuir lùgh,
’S dhan dall thoir fosgladh-shùl –
An saoghal mòr g’ a chùl,
Biodh solas ann!

3 A Spioraid fhior is chaoimh,
Gabh sgiath, a Chalmain naoimh,
’S thig oirnne teann;
Air gnùis nan uisgean gluais,
Do lòchran gràis tog suas,
’S an saoghal dorcha, truagh,
Biodh solas ann!

4 A Thrianaid bheannaicht’ àill,
Gliocas, is Neart, is Gràdh,
Gun chrìch, gun cheann;
Gu farsaing mar tha ’n cuan,
A’ sineadh deas is tuath,
Thar aghaidh ’n t-saogh’l mun cuairt,
Biodh solas ann!

S.M. LAOIDH 299

1 Chan fhaicear oidhch’ air nèamh;
San t-saoghal dheàlrach àigh
Obair gu bràth chan fhàg neach sgìth,
Oir ’s ionann saoth’r is gràdh.

2 Chan fhaicear bròn air nèamh:
Tha ’n sògh ’s an là gun chrìch,
’s tha deòir am measg nan nithean sean
A chaidh air chùl gu sìor.

3 Chan fhaicear olc air nèamh;
Seallaibh a’ chuideachd chaomh –
Ro-naomha tha an trusgan geal’!
San òran fòs tha naomh!

4 Chan fhaicear bàs air nèamh;
A mhèud ’s a chì a thràigh,
Fhuair seilbh air an neo-bhàsmhorachd,
’S a chaoidh chan fhaigh iad bàs.

5 Ìosa, dèan fhèin dhuinn iùl!
O treòraich sinn gach uair;
’S bidh oidhch’, is bròn, is olc, is bàs,
Air chùl nuair thèid sinn suas.

S.M.D. LAOIDH 304

1 Corr bhliadhnaichean ar cuairt,
Cha bhi ach tearc, neo-bhuan,
Is bidh sinn leòsan ’tha aig tàmh
’S an uaigh gu bràth na ’n suain:
Dhia, ullaich m’ anam truagh
Son latha mòr do theachd;
M’ uil’ eu-ceart glan nad fhuil thar prìs,
Is bidh mi geal mar shneachd.

2 Tearc uairean laighidh grian
Air beanntan ciar ar saogh’l,
Is bidh sinn far nach ruig a soills’ –
An dùthaich aoibheil, ghaoil!
Dhia, ullaich m’ anam truagh
Son latha ciùin do theachd;
M’ uil’ eu-ceart glan nad fhuil thar prìs,
Is bidh mi geal mar shneachd.

3 Nì ’n doinionn gleachd car uair,
Air cladach cruaidh ar fuinn,
Is bidh sinn far am maol gach sian,
’S bidh crìoch air buaireas tuinn’:
Dhia, ullaich m’ anam truagh
Son latha ciùin do theachd;
M’ uil eu-ceart glan nad fhuil thar prìs,
Is bidh mi geal mar shneachd.

4 Air thalamh, còmhstri gheàrr
Is dealachadh no dha,
Ro bheagan claoidh, ro bheagan bròin,
’S cha shil ar deòir gu bràth:
Dhia, ullaich m’ anam truagh
Son latha caomh do theachd;
M’ uil’ eu-ceart glan nad fhuil thar prìs,
Is bidh mi geal mar shneachd.

5 Rè sealain, Sàbaid àigh
Dhar crìdh bheir sòlas caomh,
Is ruigidh sinn an fhois gun chrìch,
Aon Shàbaid shìorraidh, naomh:
Dhia, ullaich m’ anam truagh
Son latha grinn do theachd;
M’ uil’ eu-ceart glan nad fhuil thar prìs,
Is bidh mi geal mar shneachd.

6 Cha bhi ach sealan faoin
’S an till an Slàn’ghear nuas,
Troimh ’bhàs ’thug beatha shìorraidh dhuinn,
’S ’tha beò gar crùnadh shuas:
Dhia, ullaich m’ anam truagh
Son latha ait do theachd;
M uil’ eu-ceart glan nad fhuil thar prìs,
Is bidh mi geal mar shneachd.

7.6.7.6.D. LAOIDH 308

1 Aig cloinn tha caraid gràsmhor
Gu h-àrd os cionn nan speur,
An caraid caomh nach fàilnich,
’S a ghràdh a chaoidh nach trèig.
Neo-choltach ris na càirdean
’Tha ’n triall gach là dhan uaigh,
’Tha ’n caraid seo neo-bhàsmhor,
’s tha ’ainm ro àrd ri ’luaidh.

2 Aig cloinn tha fois san àros
Gu h-àrd os cionn nan speur;
A’ chlann a tha ’toirt gràidh dha
’s ag iarraidh gràsan Dhe,
Tha fois ac’ o gach ànradh,
’Gach peacadh, ’s gàbhadh geur;
A chaoidh nan cian chan fhàilnich
An fhòis tha ’n àros Dhè.

3 Aig cloinn tha dachaidh àghmhor
Gu h-àrd os cionn nan speur;
Tha aoibhneas, sìth, is gràdh ac’
Fo riaghladh àrd Mhic Dhè;
Air thalamh chan ‘eil fàrdach
Thig suas ri àros nèimh’,
Tha h-uile h-aon ’tha tàmh ann
Cho làn de shonas sèimh.

4 Aig cloinn tha crùintean àlainn
Gu h-àrd os cionn nan speur,
Is gheibh gach aon na ’thràth iad
Tha ’g earbsadh gràdh Mhic Dhè –
Sàr chrùintean maiseach glòire
A bheir Iehòbha treun
Dhan dream ’tha falbh na ’chòmhdhail,
’s a’ toirt dha òrdugh gèill.

5 Aig cloinn tha òran gràsmhor
Gu h-àrd os cionn nan speur,
Is seinnidh iad air clàrsaich
Mu bhuaidhean àrd Mhic Dhe.
Gu h-àrd tha sonas sìorraidh
A’ taigh’nn o Chrìosd gach uair;
A chlann, grad thugaibh gràdh dha,
’S bidh agaibh slàint’ bhith-bhuan.

12.12.12.12. LAOIDH 309
( le sèist)

1 Seinnibh gu binn do Iehòbha ar slàinte,
Do dh’Ìosa, ar Rìgh, ’choisinn sòlas nach fàilnich;
Tro èifeachd na fala, son glanadh o eu-ceart,
Thèid peacadh air chùl, ged a b’ àird’ e na slèibhtean.

Moladh sìorraidh biodh dhan Uan,
A thug saors’ o gach bròn dhuinn;
Air a chliù nì sinn luaidh,
Nuair a thèid sinn thar lòrdain.

2 Ge neò-ghlan ar crìdh’ ’s sinn fo uallach le eu-ceart,
Ar n-anma gheibh sìth ’s maithear dhuinn ar n-uil’ èucoir;
Gheall Ìos’, ar Fear-saoraidh, a bheannachd ’s a ghràs dhuinn,
Is fuasgladh o dhaorsa gach aoin ’tha gar sàrach’.

3 Tha ’n t-àm a-nis dlùth anns am fàg sinn an saoghal,
Le sìth air ar gnùis ’teachd o ghràs an Fhir-shaoraidh;
Bidh solas na glòire ’toirt sòlais dhar n-anam,
Is sgoiltear sruth lòrdain, ’s le deòin thèid sinn thairis.

7.6.7.6.D. LAOIDH 311

1 Seas suas! seas suas gu dìleas,
O thusa ’shaighdeir Chrìosd;
Tog suas a’ bhratach rìoghail,
Chan fhaod i dol a-sìos.
Bho bhuaidh gu buaidh gun tèid sinn,
Le Crìosd, ar Ceannard treun,
’S gach nàmhaid fòs gun cìosnaich,
’S gun rìoghaich sinn leis fhèin.

2 Seas suas! seas suas gu dìleas,
Is ùmhlachd thoir dha ghairm;
Rach suas na ’latha glòrmhor
Dhan chòmhrag dhian fod airm.
A ghaisgich, bithibh treubhach
An aghaidh nàimhdean Chrìosd,
’S ur misneach fòs gun èirich,
Mur geill sibh anns an strì.

3 Seas suas! seas suas gu dìleas;
’S e Crìosd e fhèin do Cheann!
An gàirdean feòlmhor gèillidh,
Na cuir do dhòchas ann.
Cuir clogaid àrd na Slàint’ ort,
Dean faire ’s ùrnaigh ghnàth;
’S do dhleasnas nuair a ghairmeas,
Bi thusa deas aig làimh.

4 Seas suas! seas suas gu dìleas;
Cha bhi a’ chòmh-stri buan;
An diugh tha ’n còmhrag gàbhaidh;
Am màireach caithream-bhuaidh!
Is gheibh gach gaisgeach buadhach
Crùn beatha mar a dhuais,
Is rìoghachd nach bi truaillidh,
lie Dia ’s na nèamhan shuas.

7.7.7.7.7.7. LAOIDH 324

1 ’Dhia ro iochdmhoir, ghràsmhoir, chaoimh,
Foillsich dhuinn do làithreachd naomh;
Dealraich oirnn, a Shlàn’gheir ghràidh,
D’ Eaglais lion led sholas àigh;
Is do Shlainte chaomh, a Dhè,
Còmhdaicheadh an cruinne-cè.

2 Moladh thu, a Dhè, na slòigh;
Dhutsa adhradh fòs gach beò;
Togadh cinnich cliù is glòir
Ìosa Crìosd, an Slàn’ghear mòr,
Gu do chos le cìs a’ teachd,
’S cuireadh iad an gnìomh do reachd.

3 Moladh poball thu gach ial,
’S bheir an talamh toradh fial;
Cuireadh Dia a bheannachd nuas,
Ìocadh daoin’ iad fhèìn dha suas –
Sluagh air nèamh is air an t-saogh’l,
Aon an sòlas, soills’, is gaol.

S.M. LAOIDH 327

1 A ghaisgich Chrìosd, a-suas!
Fo ’r n-armachd bithibh treun,
Làidir san neart o Dhia ’thig nuas
Tro ’Aon-Mhac sìorraidh fhèin.

2 Earbaibh à Dia nan Slògh,
A ghàirdean mòr ’s a neart;
Sàr bhuaidh bidh aig na chuireas dòigh
An Ìosa, Dia nam Feart.

3 Le mòrachd Dhè ro thrèin,
’S le ’uile neart-san oirbh,
Buailibh gu dian fo ’armachd fhèin,
Cruaidh bhèum ‘s a’ chòmhrag dhoirbh.

4 Gluaisibh o neart gu neart,
Le ùrnaigh, strì, is gleachd;
’S gu treubhach glacaibh buaidh dhan cheart,
Bho Shàtan ’s a chuid feachd.

5 ’S air dèanamh dhuibh gach nì,
’S air teachd dhan chath gu cheann,
Bheir Crìosd e fhèin duibh buaidh san strì,
Is bidh sibh iomlan ann.

C.M. LAOIDH 328

1 Ìosa! ’s e smuaineach ort gun tàmh
A chuireas blàths am chrìdh’;
Ach ’s fheàrr bhith faicinn d’ aghaidh ghràidh,
’S nad làth’r a’ mealtainn sìth’.

2 Chan aithris beul, ’s cha smuainich cridh’
No inntinn, fuaim cho caoin
Rid ainm ro naomh, Fhir-shaoraidh ghràidh,
A Shlànaigheir chlann-daoin’!

3 Sonas bheir thu dhan mhacant’ chiùin,
’S dhan chridhe chiùrrte stà;
Dhan dream a thuit cia bàigheil thu,
’S dhan iarrtach ’s fial do làmh.

4 Pailteas is meud saor mhaitheas Dhè
Chan aithris beul no peann;
Gràdh Ìos’, ar Slànaighear, ciod e,
Chan aithne ach dha chlann.

5 O Ìosa! tobar beatha ’s blàiths,
Dhan t-saoghal ’s tu is grian;
Dhe ’r n-uile shonas ’s tu is fheàrr,
’S ar n-àgh os cionn ar miann.

6 ’S tu mhàin san t-saogh’l ar sonas mòr,
Mar ’s tu fa-dheòidh ar duais;
Ìosa, bi dhuinn a-nis mar ghlòir,
’S ar sòlas sìorraidh shuas.

11.11.11.11. LAOIDH 329

1 O Faigheadh Iehòbha àrd-mholadh gach dùil,
Fear-coimhead ar beatha, ar Dìon, ’s ar Fear-iùil;
An Cruithear ’tha ’suidhe air cathair a ghlòir’,
’S a’ tagar mar ’oighreachd an airgid ’s an òir.

2 Gach nì ’tha thu ’sealbhachadh dearbhaidh a ghaol –
Saor-thiodhlacan fhlaithis, is maithis an t-saogh’l;
Am fìon, is an t-ola, is toradh nan cluan,
Gach leug tha ’s na slèibhtean, gach seud tha sa chuan.

3 Ach, miorbhuile gràidh! thug e Aon-Mhac ro chaoin
Mar thabhartas-rèit’ air son eu-ceart chlann-daoin’;
Cha bheairteas à slèibhtean, no seudan à cuan,
A cheannaich dhut slàinte, ach blàth-fuil an Uain.

4 Àrd-thobar nan gràs, tha gach lànachd fo los;
Uil’ ionmhas an t-saoghail tha sgaoilt’ aig a chois;
Tha ’n sprèidh anns na frithean dha ’striochdadh gu lèir,
’S is eòl dha air ’ainm ’h-uile h-eun ’tha san speur.

5 Ciod bheir thu, ma-thà, is gun sìon agad fhèin
Ach cridhe làn peacaidh, ìs beatha làn pèin?
Tog ort, a rèir ’àithne, crann-ceusaidh a thruaigh’,
’S aig ’iarrtas, gabh cuibhreann de dh’easbhaidh a shluaigh.

6 Thoir thairis dhan Tigheam na gibhtean a fhuair;
Tha ’n tabhairt ’s an diùltadh fò ’rùnsan gach uair;
Co-phàirtich do mhaoin do gach aon a tha ’n dìth,
Is coisrig dhan t-Slàn’ghear do ghràdh is do chridh’.

8.8.6.D. LAOIDH 332

1 ’S Tu, Thriath, mo mhuinghin is mo threòir,
Ged tha mo chàirdean caomh fon fhòid,
’S gach aon dhan d’ thug mi gràdh;
Gach sòlas talmhaidh ged a thrèig,
’S ged shearg gach blàth dhan d’ thug mi spèis,
Riut fhèin gun seall mi ’n àird.

2 Ar càirdean ionmhainn ’tha nan suain
’S a’ chill fo fhòidean gorm na h-uaigh’,
’S fo cheangal cruaidh a’ bhàis,
An là ’tha teachd san dùisg iad suas
A dh’inntreachdainn air sonas buan,
’S an dachaigh tha gu h-àrd.

3 Chan fhàg thu chaoidh fo gheilt no fiamh
An t-iompachan a nì do riar,
’S dhad fhacal a bheir gèill;
Ar nàimhdean dian bheir ionnsaigh gharg,
Gidheadh, om mìorun is om feirg
Ar dìdein is tu fhèin.

4 Ged fhuilingeas sinn goimh is tàir
A nì ar claoidh gu goirt ’s ar cràdh
Bho nàmhaid guineach, geur,
Ar cridh’ cha toir do ghamhlas àit’,
Ach maithidh sinn gu saor ’s gach càs,
’S gheibh fois gu h-àrd leat fhèin.

5 Is tusa, Thriath, mò sgiath am fheum,
’S tu chuir brat-sgàil mun cuairt dhomh fhèin,
’S a bheir dhomh fois om sgìos;
Is gum bu luath a thig an là
San nochdar sinn leat fhèin gu h-àrd,
Le gàirdeachas gun chrich.

C.M. LAOIDH 333

1 Cia uabhasach a-nis ar staid,
’N ar n-oighre pèin is truaigh;
Is Sàtan rinn e braighdean dhuinn
Na sheirbhis thràilleil, chruaidh.

2 Ach gairm àrd-thighearnail a’ ghràis,
’S an Fhìrinn tha do ghnàth,
“O pheacaich ’tha chion dòchais, truagh,
Earbaibh à Crìosd gu bràth.”

3 Tha m’ anam umh’l dhan ghuth ro chaomh;
Gheibh mi làn fhuasgladh leis;
Chreidinn do ghealladh fìor, a Dhè;
Dèan còmhnadh leam gu deas.

4 Gu fuil mo Thriath, an tobar naomh,
Ruithidh mi fhèin gun stad,
Gus m’ anam truaillidh ghlanadh ann,
Bho ’eu-ceartan air fad.

5 Led ghàirdean treun, a Rìgh nam Feart,
O buadhaich thar mo nàimh;
Fògair om anam iad gu lèir,
Is cùm mi suas led làimh.

6 Cnuimh ciontach, lag, gun neart air bith,
Nad làmhan tuitidh mi;
Bi ’d neart dhomh is nad fhìreantachd,
Mo Shlàn’ghear is mo Rìgh.

9.8.8.9. LAOIDH 334

1 Dia leibh gus an coinnich sinn a-rìs;
Stiùireadh ’s gleidheadh e o bheud sibh,
’S paisgeadh e na ’chrò le threud sibh;
Dia leibh gus an coinnich sinn a-rìs.

2 Dia leibh gus an coinnich sinn a-rìs;
Dìonadh sgàil a sgèith gu sèimh sibh;
Biadhadh e le aran nèimh sibh;
Dia leibh gus an coinnich sinn a-rìs.

3 Dia leibh gus an coinnich sinn a rìs;
Nuair a bhagras teinn an t-saogh’l sibh,
Glacadh e na làmhan gaoil sibh;
Dia leibh gus an coinnich sinn a-rìs.

4 Dia leibh gus an coinnich sinn a-rìs;
’Bhratach ghràidh a-ghnàth biodh tharaibh;
Saor o bhàs ’s o eucail mairibh;
Dia leibh gus an coinnich sinn a-rìs.

8.7.8.7.4.7. LAOIDH 335

1 O Shlàn’gheir chaoimh mar bhuachaill stiùir sinn;
Tha do chùram feumail dhuinn;
Beathaich sinn air cluainibh cùbhraidh,
‘S ullaich dhuinn do mhainnir ghrinn:
Ìosa bheannaicht’,
’Rinn ar ceannach; ’s leatsa sinn.

2 ’S leatsa sinn; rè fad ar cùrsa
Dean duinn iùl, a charaid chaoin;
Bho gach olc ’s gach cunnart cùm sinn;
Glèidh sinn o gach slighe chlaoin:
Ìosa bheaimaicht’!
Gabh ruinn uile, ’s èist ar glaodh.

3 Gheall thu gabhail ruinn gu gràsmhor,
Ged a tha sinn peacach, bochd;
Ann ad chumhachd mòr ’s nad mhaitheas,
Saor is glan sinn o gach lochd:
Ìosa bheannaicht’!
Tilleamaid riut fhèin gu moch.

4 Earbamaid gu moch à d’ fhàbhar;
Ghnàth do thoil-sa dèanar leinn;
Thriath ro bheannaicht’ is a Shlàn’gheir,
lion ar crìdh’ led làithreachd ghrinn:
Ìosa bheannaicht’!
Thoir do ghràdh dhuinn feadh gach linn.

7.7.7.7.7.7. LAOIDH 336

1 Airson maise mhòr an t-saogh’l,
’S maise fòs nan speur ’s nan neul;
Airson dìlseachd chaomh a’ ghaoil
’Tha gar cuartachadh gach ial,
Bheir sinn dutsa, Aon-Mhic Dhè,
lobairt-mholaidh feadh gach rè.

2 Airson maise ghrinn gach uair’
Fad na h-oidhche ’s fad an là,
Reultan soillse, grian, is luan,
Cnoc, is gleann, is craobh, is blàth,
Bheir sinn dutae, Aon-Mhic Dhè,
Ìobairt-mholaidh feadh gach rè.

3 Air son tlachd nan sùl ’s nan cluas;
Air son tlachd a’ chridh’ ’s a’ chinn;
’Dualadh lèirsinn, beachd, is fuaim’ –
Teudan-ciùil ro dhìomhair, grinn,
Bheir sinn duitse, Aon-Mhic Dhè,
lobairt-mholadh feadh gach rè.

4 Air son bràithreachais ’measg dhaoin’,
Pàrant, leanabh, piuthar, bràth’r,
Uile smuaintean bàigheil, caoin,
Caoimh air nèamh is caoimh a làth’r,
Bheir sinn duitse, Aon-Mhic Dhè,
lobairt-mholaidh feadh gach rè.

5 Airson lànachd thìodhlac saor,
’Fhuaradh leinn od mhaitheas mòr,
Trocair Dhè is subhailc dhaoin’,
Blàithean gràis is gucag Glòir’,
Bheir sinn dutsa, Aon-Mhic Dhè,
Ìobairt-mholaidh feadh gach rè.

8.7.8.7.4.7. LAOIDH 341

1 Glòir is cliù do Dhia an t-Athair,
Is do Dhia am Mac ro chaoin;
Glòir is cliù do Dhia an Spiorad –
Rìgh is Tigheam, Tri-an-Aon!
Glòir ìs moladh
Biodh do Dhia gu saogh’l nan saogh’l!

2 Glòir dhan tì a nochd a ghràdh dhuinn,
’Ghlan gach lochd is truailleachd uainn!
Glòir dhan ti thug ’fhuil gar teàrnadh,
’Thug dhuinn còir air rìoghachd bhuain!
Glòir is moladh
Ìocamaid do Chrìosd, an t-Uan!

3 Glòir is cliù do Rìgh nan aingeal,
Ceann na h-Eaglais, Rìgh a shluaigh;
Moladh Ìosa, Rìgh nan cinneach,
Nèamh is talamh biodh a’ luaidh!
Glòir is moladh
Biodh gu sìor do Rìgh nam buadh!

4 Glòir is moladh, cliù gu suthainn,
Togaidh feachd nan aingeal grinn;
Rìoghachd, beairteas, neart, is urram,
Tha a’ chruitheachd uile ’seinn;
Glòir is moladh
Biodh do Rìgh nan Rìgh gach linn!

L.M. LAOIDH 344

1 Suas leis a’ bhrataich! biodh i ’snàmh
Gu fad’ ’s gu farsaing air gach làimh;
’S mar ghrian-ghath air a còmhnard òir,
Deàlradh crann-cèusd’ an t-Slàn’gheir mhòir.

2 Suas leis a’ bhrataich! mach an dealbh!
Na h-ainglean chì le dùrachd balbh;
’S le h-ioghnadh dearcaidh iad gach rè
Air gràs is gràdh gun tomhas Dhè.

3 Suas leis a’ bhrataich! cinnich chèin
Gheibh solas-iùil o ghnùis na Grèin’;
’S gu lìonmhor, aoibhneach, bidh na sluaigh,
Fo ’soills’ a’ mealtainn beatha nuaidh.

4 Suas leis a’ bhrataich! biodh i ’snàmh
Gu fad’ ’s gu farsaing air gach làimh;
Crann-ceusaidh Chrìosd a-mhàin ar stèidh,
Ar dòigh a-mhàin Mac sìorraidh Dhè.

5 Suas leis a’ bhrataich! sròl nam buadh!
Faiceadh an saogh’l gu lèir a snuadh;
Gun mhaitheas annainn fhèin, no treòir,
’S e ’n dealbh ud fàth ar buaidh ’s ar glòir.

C.M. LAOIDH 347

1 Tha guth ar Slàn’gheir bàigheil, ciùin,
Tràth chromas e o nèamh
Gar cuireadh gu taigh’nn faisg dha ghlùn,
’S gar gairm le ’ghràdh gu sèimh.

2 Bheir e sinn suas gu nèamh nan speur;
Saoraidh e sinn o phèin;
Cha chuirear leinn am feast an cèill
Ro mheud ar fiach dha fhèin

3 Ach ait ged bhios ar crìdh’chan òg’
Fon chuireadh fhuair sinn fhèin,
O guidheamaid gun cuir thu fòs
Do ghràs air cinnich chèin.

4 Ainm Ìosa riamh cha chual’ an cluas,
No iomradh air a reachd,
No gràs an tì ’rinn teachd a-nuas
A thoirt air falbh am peac’.

5 Biodh fuaim na Slàinte ’seirm gu cruaidh
Thar chuan o thràigh gu tràigh;
’S gach àit’ sam faighear peacaich thruagh,
Cuir facal caomh do ghràidh.

6 ’S mur dàn’ dhar teanga‘iarraidh ort,
Ged dh’iarramaid le sgàth,
Gun ullaicheadh tu cuid ’tha ’n seo,
A chur an cèill do ghràidh.

8.7.8.7. LAOIDH 351

1 Rè na h-oidhche doilleir, cianail,
Triallaidh an lachd-turais grinn,
Air an t-slìgh’ gu tir a’ gheallaidh,
’S òrain ait aca gan seinn.

2 Romhainn, seall, tron duibhre ’deàrrsadh,
Solas-iùil mar shoills’ an là;
Bràth’r le greim air làmh a bhràthar,
Triall san oidhche dhuibh gun sgàth.

3 Làithreachd Dhè a-mhàin mar shoillse
Air a phoball saorta gràidh,
’Fuadachadh gach geilt ’s gach smalain,
’S air ar sligh ’cur solais àigh.

4 Aon chrìoch-àraid aig ar turas,
Aonachd creidimh, làidir, buan,
Aonachd dùil, a’ sealltainn romhainn,
Aonachd earbs’ à bàs an Uain.

5 Aonachd ciùil ’tha bilean mhìltean
Togail suas o aonachd cridh’;
Aonachd siubhail, ’s Dia na thoiseach,
Aonachd cunnairt, aonachd strì.

6 Aonachd aoibhnis aig an ais’righ,
Nuair a ruigeas sinn an tràigh;
Deàlradh gnùis aon Athar tharainn,
Agus sonas buan a ghràidh.

8.7.8.7. LAOIDH 352

1 Ghràidh ar Dè; O ghràidh gun choimeas,
Sonas nèimh air teachd nar còir,
Suidhich ann ar crìdh’ do chòmhnaidh,
Crùn dhar taobh do thròcair mhòr.

2 Ìosa, tha thu iochdmhor, bàigheil;
Tha do ghràdh gun chrìch gun cheann;
Builich oirnn gu lèir do Shlàinte,
Is dèan tàmh ’s gach cridhe fann.

3 Cuir do bheatha fhèin nar cridh’chan,
Thig gar dìon, a Dhia ro thrèin;
Fill gu grad, ’s am feast na dìobair,
O na trèig do theampaill fhèin.

4 Togamaid gun tàmh do chliù-sa
Mar na h-ainglean glòrmhor, grinn,
’G ìocadh molaidh dhut is ùrnaigh,
Is mu mheud do ghràidh a’ seinn.

5 Dhia, ath-chruthaich sinn gu buileach,
’S dèan sinn uile fiorghlan, naomh;
Air ar n-aiseag leat gu h-iomlan,
Mealamaid do Shlàinte chaomh.

6 Ghnàth o ghlòir gu glòir a’ caochladh,
Gus an ruig sinn tìr an àigh,
Far an gèillear leinn ar crùin dhut,
’S sinn làn ioghnaidh, cliù, is gràidh.

8.7.8.7. LAOIDH 356

1 Mo Bhuachaille ’s e Rìgh a’ ghràidh;
Riaraichidh e gach tràth mì;
Ma ’s leam e, ’mhaitheas caoin cha tràigh,
Ma ’s leis-san fòs gu bràth mi.

2 Taobh shruithean uisge bheò, na ’ghras,
Ionaltraidh e gu sèimh mi,
Is far an guirme ’m fèur a’ fàs,
Biadhaidh le lòn o nèamh mi.

3 Rag, faoin, is tric a chaidh mi thaobh,
Ach lorgaich e na ghràdh mi,
’S gu truacant’ air a ghuaillean caomh’,
Thug dhachaidh slàn le h-àgh mi.

4 An sgàil a’ bhais, nad chuideachd fhèin,
Cha gheilt leam olc no ciùrradh;
Do lorg ’s do bhat’ nì taice threun,
’S nì do chrann-ceusaidh stiùireadh.

5 Bòrd maiseach ’s tu am làth’r a sgaoil,
Dh’ung mi led ghràs gu tairis,
’S le pailteas iongantach do ghaoil
Mo chupan tha ’cur thairis.

6 ’S mar seo, co-bhuan ri fad mo làith,
Silidh do làmhan maitheas;
Seinneam do chliù, mo Bhuachaill gràidh,
Nad thaigh, gu bràth, am flaitheas.

C.M. LAOIDH 357

1 O gun robh mile teang’ am bheul,
Gus cliù m’ Fhir-shaoraidh ’luaidh;
’S gun seinneam glòir mo Rìgh ’s mo Dhè,
’S a ghràs le ’uile bhuaidh.

2 Mo Thighearn’ is mo Mhaighstir gaoil,
Gleus mi a sheinn do ghlòir’;
’S gun sgaoilear leam mun cuairt an saogh’l,
Mòr urram d’ ainm’ ro mhòir.

3 Ìosa, an t-ainm ron teich gach bròn,
’S a chuireas treòir ’s a’ chrìdh’,
An cluas a’ pheacaich nì e ceòl,
’S bheir beatha, slàint’, is sìth.

4 Cuiridh e cumhachd uilc fo smachd,
Saoraidh e ’n cìomach bochd;
Nì ’fhuil an neach is duibhe geal –
Dh’ionnlaid e mis’ om lochd!

5 Labhraidh e, is air èisdeachd ris,
Na mairbh gheibh beatha nuadh;
Fàgaidh e ait an cridhe brist’,
Saoraidh e ’n t-ainnis truagh.

6 Am bodhar is am balbh le chèil’,
Gheibh teanga ’s cluas as ùr;
An dall chì gnùis a Shlan’gheir ghaoil,
’S nì ’m bacach leum gu lùth’r.

7 Seallaibh ri Crìosd, a chlann nan daoin’,
Fo chuibhreach peacaidh ’n sàs;
Thig saorsa dhuibh tro chreidimh ’mhàin,
Is fìreantachd tro ghràs.

L.M. LAOIDH 363

1 A Dhia a thomhais ann ad làimh
Uil’ uisgeachan ro mhòr a’ chuain,
’S a shuidhich umpa cearcall tràigh’,
Led àithne chumhachdaich bhith-bhuain;

2 Tràth nì na tuiltean èirigh suas,
’S a bhristeas air an tràigh am fearg,
Trath ghairmeas doimhn’ gu doimhn’ le fuaim,
’S a bheucas sruithean uisge garg;

3 A’ mhuinntir sin a thèid air chuan,
A choileanadh an drèuchd ’s an gnìomh’,
Nuair bhios an long air bhàrr nan stuadh,
No measg nan sruithean cas ga snìomh;

4 Ceannsaich na tonnan garg, a Dhè;
A’ ghailleann ìslich chum do rùin;
Air ruaig na doininn biodh do cheum,
Is labhair d’ àithne, “Tost, bi ciùin!”

5 Mar sin, nad mhaitheas ’tha sìor chaomh,
Dìon d’ òglaich anns gach gàbhadh dian,
Is treòraich iad, Fhir-stiùraidh naoimh,
Dhan chaladh air am bi am miann.

S.M. LAOIDH 373

1 Ath-bheothaich d’ obair fhèin;
A Dhè, do ghàirdean rùisg;
Cluinneadh na marbhaibh guth do bheòil,
’S do phoball gluais is dùisg.

2 Ath-bheothaich d’ obair fhèin;
Brìst cadal trom a’ bhàis;
Cuir beatha anns na h-èibhlean fuar’,
Le anail bheò do ghràis.

3 Ath-bheothaich d’ obair fhèin;
Cuir iarraidh anns gach crìdh’,
Ort fhèin is air an aran bheò
A thig od làimh gun dith.

4 Ath-bhothaich d’ obair fhèin,
Is àrdaich d’ ainm ro chaomh;
Beothaich àr gràdh dhut fhèin ’s dhad shluagh,
Le buaidh do Spioraid Naoimh.

5 Ath-bheothaich d’ obair fhèin;
Cuir frasan ùrail, tlàth’,
’S do bheannachd silidh oirnne nuas,
’S gheibh thusa ’n cliù gu bràth.

1.1.1.1.1,1, LAOIDH 377

1 Ìosa, Mhaighstir, ’s leatsa mi,
’Cheannaich mi dhut fhèin gu daor,
Uain gun smal, led fhuil thar prìs,
’Dhòirt thu air mo sgàth cho saor.
Dìotsa biodh mo chridhe làn,
’S bitheam beò dhut fhèin a-mhàin.

2 ’Thriathan eile thug mi gèill;
Nis ’s e fàth mo ghuidhe dhèin,
Ùmhlachd thoirt do ghuth do bhèil,
’S giùlan d’ ainm’ ro chùbhraidh fhèin:
Cò thagam air neamh ach thu?
’S ’nì san t-saogh’l chan fhiach ’s chan fhiù.

3 Ìosa, Mhaighstir, ’s leatsa mi;
Glèidh mi dìleas, dlùth, a-ghnàth;
Lion led làithreachd àigh mo chridh’,
’S misnich mi rè fad mo là.
Aig do chasan tuiteam sìos,
M’ Uile anns na h-Uile, Ìos’!

7.6.7.6. LAOIDH 378

1 O ’s sona sibh, ’luchd-turais,
A bhuanaicheas gun sgìos,
Le Ìosa mar ur coimpir,
Gu ruig ur Ceannard, Ìos’!

2 O ’s sona sibh ’nì saothair
Mar rinn e air son dhaoin’;
O ’s sona sibh ’tha acrach
Mar bha ur Maighstir caoin!

3 Air crann a thruaigh ’s a chiùrraidh,
Ur peacaidh mheasadh dha;
’S an crùn tha nis ma cheann-san,
Thug Dia dha air ur sgàth.

4 An t-sùil trom faic sibh esan,
Ur dòchas, is ur miann,
An gràdh a sheallas ris-san,
Nuair dh’èireas bròn is pian,

5 Is teachdairean iad uaith-san,
Gur tàladh suas ga chòir –
Plathadh de shoills’ a ghnùise,
Gathan o ghrian a ghlòir’.

6 Gach deuchainn thig nur caraibh,
Gach doilgheas agus truaigh,
Na buairidhnean gun àirimh,
Nach sguir an taobh son uaigh,

7 Ciod ’th’ annta uil’ ach seudan,
Seudan de luach ro mhòr?
Ciod ’th’ annta uil’ ach fàradh
Bhon t-saogh’l seo ’n àird gu Glòir?

8 O a luchd-turais aoibhinn,
Seallaibh gu nèamh a-suas,
Far am faigh bròn cho suarach,
Sonas cho mòr mar dhuais!

10.10.10.10.10. LAOIDH 384

1 Is fìor a dh’fhaodas Israèl a ràdh –
Mur cùmteadh suas ar cùis le Dia nam Feart;
Mur biodh ar Dia gar seasamh anns a’ cheart;
Trath rinn luchd-millidh aingidh èirigh suas,
Gu feargach, dian, gar sgrios, gun iochd, gun truas;

2 Gu cinnteach dhèanteadh leò ar gearradh às,
’S ar slugadh beò, a rèir mar bhreithnich sinn,
Aig meud am feirg, mar ’s ceart a mheasadh leinn;
’S mar thilgear sìos gach sìon le tuiltean garbh’,
Ar n-anam bhiodh gu h-ìosal ’measg nam marbh.

3 Na sruithean garg’ len stuadhan uaibhreach, mòr,
Sgriosadh is bhàthadh sinn, gun iochd, fon tuinn;
Ach cliù do Dhia a dheònaich teàrnadh dhuinn,
’S nach d’ fhuiling dhaibh ar sgrios gu tur ’s gu lèir,
Gu fuilteach, borb, le ’m fiaclan guineach, geur.

4 Mar èun à lìon an èunadair, gu beachd,
Ar n-anam sgìth rinn teicheadh às gu bras;
Bhristeadh an eangach teann, ’s chaidh sinne às,
An ainm ar Triath ar dòchas tha gu lèir,
A rinn, le ’neart, an saogh’l is nèamh nan speur.

L.M. LAOIDH 388

1 Chan eil aon eun a ghabhas sgìath,
Tro choille dhlùith ’s air bhàrr nan sliabh,
No creutair anns a’ chruinne-chè,
Nach eil a’ mealtainn cùram Dhè.

2 An dìthreabh chian ’s na creagan liath’,
Ge uaigneach, tha thu ’n sin, a Dhia;
’S an seachranaich gheibh beannachd nuas,
A nì on fhàsach glaodh riut suas.

3 ’S a’ bhaile, ’n dùmhladas nan sràid,
’S an dìseart chiùin, is anns gach àit’,
Bheir thusa, Dhè, dhuinn beannachd naomh,
Le truacantachd ar n-athar chaoimh.

4 Do bheannachdan tha teachd gach ial,
Air sgiathan luath’ gu saibhir, fial,
Gu farsaing mar an saogh’l ’s an cuan,
Is mar an t-sìorraidheachd, gu buan.

5 Biodh d’ ainm ro naomh tron chruitheachd mhòir
Ga luaidh le h-urram agus glòir;
’S do chliù biodh d’ Eaglais fhèin a’ seinn;
Na nèamhan moladh thu gach linn!

S.M. LAOIDH 390

1 A Dhè, cia tlachdmhor, caomh,
D’ uil’ oibre mòr a sheinn;
Bhith ’luaidh do chliù nad theampall naomh,
’S ’toirt iobairt-mholaidh leinn!

2 Cia caomh, aig tùs an là,
Bhith ’cur an cèill do ghràidh,
’S an oidhche fòs a bhith gun tàmh
Ag aithris sgeul an àigh!

3 Is air do Latha Naomh
Bhi seirm le cridh’ ’s le beul,
Leòsan ’nì adhradh dhut gu caomh,
’S a chuireas d’ ainm an cèill.

4 Le laoidhean cliù is àigh,
Caithear gach Sàbaid leinn,
Is leanamaid an t-seirbheis ghràidh,
Air nèamh, gu h-àrd, gach linn.

7.7.7.7.D. LAOIDH 395

Glòir Iehòbha biodh ga luaidh,
Ghnàth na chùirtean naomh’ le shluagh;
Seinneadh ainglean rìogh’chd an àigh,
’S fòs an dream a bhlais a ghràdh –
Sluagh a’ seinn gu nèamh a-suas,
Ainglean ’gairm gu talamh nuas.
Linn gu linn, is cuan gu cuan,
Moladh ’ainm gu sìorraidh buan.

L.M. LAOIDH 396

1 Gach uile fhine ’tha fon speur,
Dhan Chruithear thugaibh cliù gu lèir;
Is feadh na cruinne biodh gach beul
’Cur ainm an t-Slàn’gheir mhòir an cèill.

2 A Dhè, is buan do thròcair chaomh,
’S is fìrinn shìorraidh d’ Fhacal naomh;
Sgaoilear do chliù o chuan gu cuan,
Cho fad’ ’s a mhaireas grian is luan.