A’ sireadh maitheanas

A Dhè uile-chumhachdaich agus thròcairich,
fuaran gach maith,
aig a bheil eòlas air smuaintean ar cridheachan,
tha sinn ag aideachadh riutsa
gu bheil sinn air peacachadh nad aghaidh,
agus air olc a dhèanamh nad shealladh-sa.
Nigh sinn, ghuidheamaid ort,
bho làraichean ar peacaidhean a rinneadh roimhe,
agus builich gràs is cumhachd
airson gach nì cronail a chuir air falbh;
airson – le bhith air ar treòrachadh
air falbh bho bhraighdeanas a’ pheacaidh –
gum b’ urrainn dhuinn
toradh airidh an aithreachais a thoirt am bàrr,
agus aig an deireadh
gun deidheadh sinn a-steach dhad aoibhneas gheall-te,
tro thròcair do Mhic bheannaichte,
Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Alcuin (735-804).

Maith na peacaidhean a rinn sinn ann an eòlas no ann an aineolas, ann an smuain, facal, no gnìomh; agus glan sinn, bodhaig agus anam, bhon a h-uile spot. Leig leinn a dhol tro dhorchadas na beatha seo gu faireil agus nar dùisg, an còmhnaidh a’ coimhead airson an là soilleir a tha a’ tighinn aig d-aon-ghin Mhic, ar Tighearna, Dia agus ar Slànaighear, Ìosa Crìosd.
Thig esan ann an glòir gus breith a ghabhail air na h-uile dhaoine agus builich e dìoladh oirnn
a rèir ar gnìomhan.
Basail Mòr (c. 330-379)

O Athair as ro thròcairiche, tha thusa a’ maitheadh peacaidhean nam muinntir a tha dha-rìribh a’ dèanamh aithreachas: tha sinne a’ tighinn mu choinneamh do rìgh-chathair ann an ainm Ìosa Crìosd, airson, na ainm-san a-mhàin, gum bi truas agad oirnn, agus airson nach leig thu le ar peacadh a bhith na sgòth eadar thusa agus sinne.
John Colet (c. 1467-1519)

Tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna mhaith,
gun toilicheadh e thu
a bhith a’ toirt fìor aithreachas dhuinn;
a bhith a’ maitheadh ar peacaidhean, ar dearmadan, agus ar n-aineolasan gu lèir;
agus a bhith gar n-ungadh
le gràs do Spioraid Naoimh,
airson ar beathanan atharrachadh
a-rèir d’ Fhacail naoimh.
Thomas Cranmer (1489-1556)

A Thighearna, a dhealbh a-mach à ùir mi,
agus a shaor mi tron fhuil agad fhèin,
Agus a naomhaich mi airson maith a dhèanamh;

Tur-ghlan mo pheachaidhean gu lèir a rinn mi roimhe:
Oir tha mi ag aideachadh chunntas mhòr
Agus siridh mi gun a bhith a’ peacachadh tuilleadh.

Dèan saoibhreach mo chridhe, mo bheul, mo làmhan annam
Le creideamh, le dòchas, le carthannas;
Airson gun ruith, èirich, gabh mi fois leat fhèin.
George Herbert (1593-1633)

Seall oirnn na do thròcair, A Thighearna,
agus thoir air falbh ar peacaidhean.
Bi dhuinne an dà chuid na do dhìoladh
agus nad Fhear-saoraidh,
agus dèan ar dìon an aghaidh a h-uile nàmhaid a dh’fhaodadh ionnsaigh a ghabhail oirnn
ann am bodhaig no ann an anam;
tro Chrìosd ar Tighearna.
Irenaeus (c. 130 – c. 200)

A Mhaighstir ’s a Thighearna, Ìosa Crìosd ar Dia,
tha ùghdarras a-mhàin agadsa airson mo pheacaidhean am mhaitheadh, ged rinneadh iad le eòlas no ann aineolas,
agus dèan airidh mise airson a bhith a’ sealbhachadh –
gun dìteadh – do dhìomhaireachdan, ghlòirmhor, thur-ghlan agus beatha bhuileachadh, chan ann airson mo pheanasachadh ach airson mo thùr-ghlanadh ’s mo naomhachadh,
a-nis agus na do rìoghachd a tha ri teachd.
Oir tha thusa A Chrìosd ar Dia tròcaireach agus tha gràdh agad dhan a chinne-daonna agus thugadsa tha sinn a’ toirt a ghlòir leis an Athair ’s an Spiorad naomh a-nis is gu bràth sìorraidh. Amen.
Iain à Damascaas (c. 676-749)

Ma tha m’ anam air tionndadh gu claonach chun an dorchadais;
Ma tha mi air bràthair air choireiginn fhàgail air an t-slighe;
Ma tha mi air m’ amasan fhèin a chuir mu choinneamh d’ fheadhainn-sa;
Ma tha mi air a bhith mi-fhoighidneach ’s nach fhuirichinn;
Ma tha mi air am pàtran a chuireadh a-mach airson mo bheatha a mhilleadh;
Ma chosg mi deòir dhaibhsan a bha mi a’ gràdhachadh;
Ma tha mo chridhe air brunndail an aghaidh do rùin,
A Thighearna thoir maitheanas.
F. B. Meyer (1847-1929)

A Dhè naomha, as leis an tròcair ’s an truas a thug ort tighinn bhon chathair àrd sìos dhan t-saoghal seo airson ar slàinte:
maith gu tròcaireach dhuinn na peacaidhean uile a tha sinn air a dhèanamh, a smaoineachadh, agus a chantainn.
Cuir thugainn glainead cridhe agus fìor-ghlainead anaim;
ath-ùraich sinn le do Spiorad Naomh, airson gum bi sinn beò bhon àm seo air adhart gu beusach agus ga do ghràdhachadh le ar n-uile chridheachan; tro Ìosa Crìosd do Mhac.
Richard Rolle (1290-1349)

Ìosa Crìosd, dèan tròcair orm, oir is tusa rìgh na mòralachd; agus maith mo pheacaidhean gu lèir a tha mi air a dhèanamh, an dà chuid mòr is beag;
agus thoir mise, mas e do thoil e, gus a bhith a’ fuireach còmhla riutsa na còmhnaidh.
Richard Rolle (1290-1349)

A Thighearna, glan bho mo pheacaidhean mi agus dèan tròcair orm.
Tha thusa air mo chruthachadh; dèan tròcair orm.
Cha eil dòigh ann airson mo pheacadh a thomhas; dèan tròcair orm.
A Thighearna, maith dhomh nam mòran amannan a tha mi eas-umhail riut.
A Mhaighstir, tha mi a’ sleuchdadh sìos
mu choinneamh do chroinn-ceusaidh agus a’ glòireachadh d’ aiseirigh.
A Thighearna an uair a pheacaicheas mi
anns na chanas mi agus anns na nì mi,
Dèan tròcair orm air sgath do chaomh-thròcair mòr.
Seraphim à Sarov (1759-1833)

A Thighearna, slànaich ar n-euslaintean, maith ar n-easantasan, aotromaich ar n-eallaichean, dèan saoibhreach ar bochdainn;
tro Chrìosd ar Tighearna.
Christopher Sutton (1565-1629)

Maith mo pheacaidhean, A Thighearna;
peacaidhean mo là an-diugh agus peacaidhean an là a dh’fhalbh,
peacaidhean m’ anaim agus peacaidhean mo bhodhaig,
na peacaidhean a rinn mi airson mi fhèin a thoileachadh
agus na peacaidhean a rinn mi airson feadhainn eile a thoileachadh.
Maith dhomh mo pheacaidhean thuiteamach
agus mo pheacaidhean a rinn am a dh’aon ghnothaich,
agus an fheadhainn sin a dh’fheuch mi ri fhalach
gus an do dh’ fhalaich mu fiù ’s bhuam fhèin iad.
Maith dhomh iad.
A Thighearna, maith iad uile; air sgàth Ìosa Crìosd.
Thomas Wilson (1663-1755)

 

Athair uile-chumachdaich agus as ro thròcairiche, coimhead sìos oirnne do sheirbheisich neo-airidh tro obair eadar-mheadhanachaidh is fiùghantachdan Ìosa Crìosd,
anns a bheil do mhòr thlachd.
Tur-ghlan ar cridheachan tro do Spiorad Naomh, agus mar a chuireas tu làithean ri ar beathanan, mar sin,
a Thighearna mhaith, cuir aithreachas ri ar làithean;
airson, an uair a tha sinn air a dhol tron bheatha bhàsmhor seo gum faod sinn a bhith nar luchd com-pàirteachaidh dhe
do rìoghachd shìorraidh;
tro fhiùghantachdan Ìosa Crìosd ar Tighearna.
An Rìgh Teàralach I (1600-1649)