Creideamh

O Athair as ro thròcairiche, tha sinn a’ guidhe ort,
air sgàth do thròcair, gun cùm thu do ghràs
agus d’ fhàbhar a’ dol dhar taobh-ne.
Na leig le grian do shoisgeil
a dhol sìos a-mach à ar cridheachan gu sìorraidh;
leig leis an fhìrinn fantainn agus a bhith air a stèidheachadh nar measg gu sìorraidh. Cuidich ar n–ana-creideas, meudaich ar creideamh, agus thoir cridheachan dhuinn
a smaoinicheas mu àm ar tadhail.
Tro chreideamh bi gar n-èideadh le Crìosd, airson gum bi e a’ còmhnaidh annainn, agus d’ ainm-sa air a ghlòireachadh tromhainn air feadh an t-saoghail.
John Jewel (1522-1555)

Teagasg dhuinn, A Dhè,
gun a bhith gar claoidh fhèin,
gun a bhith a’ dèanamh martairean dhìoin fhèin
tro mheòmhrachadh mhùchaideach;
ach an àite sin teagasg dhuinn a bhith a’ tarraing anail
gu domhainn ann an creideamh,
tro Ìosa , ar Tighearna.
Søren Kierkegaard (1813-1855)

Tha e math cion earbsa a bhith againn annainn fhèin, ach dè an t-adhartachadh a bhiodh ann an seo mur a b’ urrainn dhuinn ar n-uile chinnt a chath air Dia, agus feitheamh air a thròcair?
Mur a h-eil thu a’ faireachdainn a leithid de chinnt seo, na stad air sgath sin bhon a bhith a’ dèanamh na gnìomhan seo agus bhon a bhith ag ràdh ri ar Tighearna: “Ged, A Thighearna, nach eil faireachdainn sam bith de chinnt agam annad, a dh’aindeoin sin, is aithne dhomh gur tusa mo Dhia, agus gur h-ann leatsa a tha mi, agus nach eil dòchas sam bith agam ach na do mhaitheas; mar sin tha mi gam dhìobradh fhèin dha do làmhan.”
Tha e an còmhnaidh na do chumhachd na gnìomhan seo a dhèanamh;
ged a tha trioblaid againn ann a bhith gan dèanamh, a dh’aindeoin sin chan eil do-dhèantas fa-near dhaibh.
Mar sin tha sinn a’ togail fianais mu dhìlseachd ar Tighearna.
Francis de Sales (1567-1622)

Thuirt Crìosd e fhèin ri Athair, “Is Fìrinn d’ Fhacal-sa.”
Gun robh an Dia uile-chumhachdach, ar n-Athair nèamhaidh,
A’ toirt dhuinne gràdh agus solas na Fìrinn airson a bhith a’ deàlradh nar cridheachan tro a Spiorad Naomh,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Nicolas Ridley (c. 1500-1555)

Èirich a ghrèin na fhìreantachd, oirnne, le slàinte na do sgiathan; dèan cloinn dhen t-solas agus dhen là dhuinne.
Seall dhuinn an t-slighe anns am bu choir dhuinn coiseachd,
oir ’s ann thugadsa, A Thighearna a tha sinn a’ togail ar n-anman. Cuir air falbh ceòthan an aineolais a tha a dorchachadh ar tuigsean. Na leig le moladh neo-fhìor air an dà làimh ar cridheachan a threòrachadh air falbh bho ghràdh airson d’ fhìrinn, no bhon a bhith ga chuir an gnìomh ann an uile ghnìomhan ar beathanan;
air sgàth Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Thomas Sherlock (1678-1761)