Leanaltas

Deònaich, A Thighearna Dia,
gun dlùth-lean sinne riut gun dealachadh,
Gun dèan sinn adhradh riut
gun a bhith a’ fàs sgìth,
Guin dèan sinn seirbheis dhut gun fhàilligeadh,
Gun sir sinn gu dùrachdach thu,
Gun lorg sinn gu h-aoibhneil thu,
Agus gun sealbhach sinn thu gu sìorraidh,
An t-aon Dia a th’ann,
Beannaichte airson fad na shìorraidheachd.
Anslem (1033-1109)

A Dhè uile-chumhachdaich, ar n-athair nèamhaidh,
A tha, bhod ghràdh mhaoth do pheacaich dhar leithid-ne,
air do Mhac a thoirt dhuinn,
airson, a’ creidsinn annsan,
gum bi a bheatha mhaireannach againn;
ceadaich do Spiorad Naomh dhuinn
airson gun cùm sinn oirnn gu seasmhach
anns a’ chreideamh seo gun deireadh,
agus gun tig sinn chun a bheatha mhaireannach;
tro Ìosa Crìosd, do Mhac, ar Tighearna.
Iain Calbhainn (1509-1564)

A Thighearna Dia, an uair a bheir thu dha d’ sheirbheisich
a bhith a’ strì ann an gnothaich mòr sam bith,
ceadaich dhuinn cuideachd gum biodh fios againn
nach e an tòiseachadh, ach an cumail a’ dol aig an aon sin
chun deireadh – gus am bi e uile gu lèir coileanta –
a tha a’ buileachadh an fhìor ghlòir;
troimhesan a leag sìos a bheatha airson d’ obair-sa a choileanadh,
ar Fear-saoraidh, Ìosa Crìosd.
Francis Drake (c. 1540-96)

A Dhè ann an nèamh, dèan tròcair oirnn!
A Thighearna Ìosa Crìosd,
dèan eadar-ghuidhe airson do shluagh,
saor sinn aig an àm iomchaidh,
glèidh annainne an fhìor chreideamh Chrìosdail cheart,
cruinnich do chaoraich sgapte le do ghuth –
d’ Fhacal diadhaidh mar a th’aig an Sgriobtar naomh air.
Cuidich leinn gus a bhith ag aithneachadh do ghutha,
cuidich leinn airson nach bi sinn air ar tàladh le cuthach an t-saoghail,
airson nach tuit sinn air falbh bhuatsa gu sìorraidh,
A Thighearna Ìosa Crìosd.
Albrecht Dürer (1471-1528)