Dòirt a-steach nar cridheachan,
A Dhè uile-chumhachdaich,
solas fhìorghlan shoinneanta d’ fhìrinn,
airson gun seachainn sinne dorchadas a’ pheacaidh,
sinne a th’ air tighinn
gus a bhith eòlach ortsa agus a tha fod eagal-sa,
an Solas sìorraidh;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Ambrose
O Athair nèamhaidh, ùghdar agus bunait a h-uile fìrinn, an cuan gun bhonn dhen a h-uile thuigse, cuir a-mach, tha sinn a’ guidhe ort, do Spiorad Naomh dhar cridheachan, agus soillsich ar tuigsean
le gathan do ghràis nèamhaidh.
Tha sinn a’ faighneachd airson seo, O Athair thròcairich, air sgàth do Mhic gràdhaich, ar Slànaighear, Ìosa Crìosd.
Nicolas Ridley (c. 1500-1555)
O a sholais mhilis is ghrinn as e mo Chruithear, neo-chruthaichte; soillsich aghaidh agus geòireachd mo shùil air an taobh a-staigh le soillse, neo-chruthaichte, airson gun tèid aig m’ inntinn, air a glanadh air an taobh a-staigh bho thruailleadh agus air a dèanamh sgoinneil le gibhtean, gu luath teiche a-steach do dh’ aoibhneas àrd a ghràidh; agus air a lasadh leis do bhlas, gun suidh mi ’s gun gabh mi fois, a’ dèanamh gàirdeachas annadsa, Ìosa. Agus a’ dol air adhart mar gum b’ ann air m’ èigneachadh ann am mìlse nèamhaidh, agus air mo dhèanamh suidhichte ann a bhith a faicinn nithean nach fhaicear, nach bithinn gu bràth, air mo dhèanamh toilichte, ach tro nithean diadhaidh.
Richard Rolle (1290-1349)