A Ìosa as ro-ghràdhaiche! Is math as aithne dhomh gu bheil a h-uile tiodhlac choileanta, agus as cionn gach uile thè eile geanmnachdas,
a crochadh air cuideachadh as ro-chumhachdaich do Fhreastail,
agus, as d’ aoinais-sa nach urrainn do chreutair nì a dhèanamh.
Mar sin, tha mi ag ùrnaigh gun dìon thusa, le do ghràs, geamnachdas agus fìor-ghlainead na m’ anam a cheart cho cinnteach ri mo bhodhaig.
Agus ma tha mi riamh air selabhachadh, tro mo mhothachiadhean, buaidhean sam bith a dh’fhaodadh mo gheamnachdas agus m’ fhìor-ghlainead a shalach, gun robh thusa,
as e Fìor Thigheanrna nan uile chumhachdan, ga thoirt bhuam,
airson gum b’ urrainn dhomh, le cridhe gun smal,
adhartas a dhèanamh na do ghràdh agus na do sheirbheis,
gam thagradh fhèin geamnachd uile làithean mo bheatha
air an altair as ro-fhìor-ghlaine do dhiadhachd.
Amen.
Tòmas Aquinas (1225-1274)
A Thighearna, thoir bhuam an cridhe cruaidh seo, agus thoir dhomh cridhe ùr
de dh’ fhèoil ’s de dh’ fhuil.
Thusa a rinn tur-ghlan mo chridhe,
gabh seilbh dheth is dèan do dhachaigh fhèin dheth.
Cùm greim air agus lìon e.
Thusa, a sheula na naomhachd,
àilleachd gach uile àilleachd,
gràbhail air mo chridhe d’ ìomhaigh fhèin
agus làrach do thròcair.
Bi thusa nam ghràdh sa agus mo dhìleab shìorraidh.
Balduin (d. 1190).
Athair uile-chumachdaich agus as ro thròcairiche, coimhead sìos oirnne do sheirbheisich neo-airidh tro obair eadar-mheadhanachaidh is fiùghantachdan Ìosa Crìosd,
anns a bheil do mhòr thlachd.
Tur-ghlan ar cridheachan tro do Spiorad Naomh, agus mar a chuireas tu làithean ri ar beathanan, mar sin,
a Thighearna mhaith, cuir aithreachas ri ar làithean;
airson, an uair a tha sinn air a dhol tron bheatha bhàsmhor seo gum faod sinn a bhith nar luchd com-pàirteachaidh dhe
do rìoghachd shìorraidh;
tro fhiùghantachdan Ìosa Crìosd ar Tighearna.
An Rìgh Teàralach I (1600-1649)
Athair nèamhaidh ghràdhaich,
Thoir dhomh làmhan glana, faclan glana, agus smuaintean glana;
Cuidich leam gus a bhith a’ seasamh airson a cheartais dhoirbh
An aghaidh an ceàrr a tha furasta;
Glèidh mi bho fhasain a nì cron;
Teagasg dhomh a bhith ag obair cho cruaidh,
’S a bhith a’ cluiche cho cothromach na do shealladh-sa a-mhàin,
Is mar gun faiceadh an saoghal gu lèir;
Thoir maitheanas dhomh an uair nach eil mi còir,
Agus cuidich leam gus a bhith a’ maitheadh iadsan nach eil còir rium,
Agus cùm deiseil mi gus a bhith a’ cuideachadh feadhainn eile.
William de Witt Hyde (1858-1917)
A Thighearna Ìosa, smaoinich ormsa
Agus glan air falbh mo pheacaidh;
Bho bhoilean thalmhaidh saor thusa mi
Agus dèan fìor-ghlan mi air an taobh a-staigh.
Synesius Chryrene (375-450)
A Dhè uile-chumhachdaich,
Fear-dìon nan uile a tha ag earbsa annad fhèin,
as aonais a chuid gràis nach eil nì làidir, nach eil nì naomh,
meudaich agus cur ri do thròcair dhuinne, airson,
tro do dheachdadh naomh,
gum b’ urrainn dhuinn a bhith a’ smaoineachadh na nithean a tha ceart
agus tro do chumhachd gun robh sinn an comas an dèanamh,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Màrtainn Luther (1483-1546)