Leig le do mhaitheas, A Thighearna,
a bhith air a thaisbeanadh dhuinn, airson gum bi sinne,
air ar cruthachadh nad ìomhaigh, gar co-aontachadh ris.

Nar neart fhèin chan urrainn dhuinn atharrais a dhèanamh
de do mhòralachd, do chumhachd, d’ uabhas;
’s cha mhò a tha e iomchaidh dhuinn feuchainn.

Ach tha do chaomh-thròcair ga shìneadh a-mach
bho na nèamhan, tro na sgòthan, chun talamh gu h-ìosal.

Tha thu air tighinn thugainn mar leanabh beag,
ach tha thu air an tiodhlac as motha dhiubh uile a thoirt leat,
tiodhlac a ghràidh shìorraidh.
Caidrich sinn le do làmhan mheanbh,
fàiltich sinn le do ghàirdeanan bheaga
agus lot ar cridheachan le d’ èighean shocair, mhilis.
Bernard à Clairvaux (1090-1153)

Tha dorchadas gun ghealaich a’ seasamh eadar,
Na dh’fhalbh, an t-àm a dh’fhalbh, na faicear tuilleadh e!
Ach faodaidh rionnag Bhetleheim mo threòrachadh
Chun an t-sealladh dheth esan a shaor mi
Bhon am fèin a bh’ àbhaist a bhith annam.
Dèan fìor-ghlan mi, A Thighearna: tha thusa naomh;
Dèan macanta mi, A Thighearna: bha thusa iriosal;
A-nis a’ tòiseachadh, agus an còmhnaidh,
A-nis tòisich, air Là na Nollaige.
Gerard Manley Hopkins (1844-1889)


Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, thàinig san àm,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte an taigh ’s na bheil ann,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Eadar chuall, is chlach is chrann,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Iomair do Dhi, eadar bhrat is aodach,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Slàinte dhaoine gun robh ann,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Gum bu buan mun tulach sibh,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Gum bu slàn mun teallach sibh,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Gum bu liuth crann san taigh,
Daoine tàmh ’s a bhunntair,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e.

Ho Rìgh, ho Rìgh,
Nochd oidhche Nollaige mòire,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Rugadh Mac na Moire Oighe,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Ràinig a bhonnaibh an làr,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Shoillsich grian nam beann àrd,
Ho Rìgh, ho Rìgh,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Shoillsich fearann, shoillsich fonn,
Ho Rìgh, ho Rìgh
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh
Chualas an tonn air an tràigh,
Ho Rìgh, ho Rìgh
Beannaichte e, Beannaichte e,
Beannaichte e, Beannaichte e,
Ho Rìgh, ho Rìgh
Beannaichte an Rìgh,
Gun tùs, gun chrìoch,
Gu sùthainn, gu sìor,
Gach linn gu bràth.
Carmina Gadelica

Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!
Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!
Hoire! Hoire! Beannaichte e, an Rìgh dham bi sinn a’ seinn,
Ho! Ro! Biodh aoibh!

Nochd oidhche Nollaige moire,
Rughadh Mac na Moir Oighe,
Ràinig a bhonnaibh an làr,
Mac nam Buadh a-nuas on àrd,
Dhealraich nèamh is cruinne dha,
Ho! Ro! Bhiodh aoibh!

Seimh saoghal dha, sona nèamh dha,
Feuch ràinig a bhonn an làr,
Fodhail Rìgh dha, fàilte Uain dha,
Rìgh nam Buadh, Uan nan àigh,
Shoillsich cluan agus cuanta dha,
Ho! Ro! Bhiodh aoibh!

Shoillsich frith dha, shoillsich fonn dha,
Nuall nan tonn le fonn nan tràigh,
Ag innse dhuinne gun d’ rugadh Crìosda
Mac Rìgh nan rìgh a tìr na slàinte;
Shoillsich grian nam beannaibh àrd dha,
Ho! Ro! Biodh aoibh!

Shoillsich cè dha is cruinne còmhla,
Dh’fhosgail Dè an Domhnaich Dorus;
A Mhic Mhuire Oighe, greas gam chòmhnadh,
A Chrìosd an dòchais, a Chòmhla an t-sonais,
Òradh ghrèine shlèibh is mhònaidh,
Ho! Ro! Biodh aoibh!
Carmina Gadelica


Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!
Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!
Hoire! Hoire! Beannaichte an Rìgh!
Ho! Ro! Biodh aoibh!

Buaidh biodh air an tulaich seo,
Na chualas leibh ’s na chunnas leibh,
Air na leaca loma loinnear làir,
‘S air na clacha corrach cuimir clàir,
Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!

Beannaich an taigh ’s na bheil ann,
Eadar chuaill is chlach is chrann;
Imir do Dhia eadar bhrat is aodach,
Slàinte dhaoine gun robh ann,
Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!

Gu mu buan mun tulach sibh,
Gu mu slàn mun teallach sibh,
Gu mu liuth dul ’s ceann sguilb ’s an àros,
Daoine tàmh ’s bhunntair,
Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!

Ìobair dhan Tì eadar bhonn agus bhrat,
Eadar chuaill agus chlach agus chrann;
Ìobair a-rìthist eadar shlad agus aodach,
Slànadh shaoghal a dhaoine a th’ ann,
Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!
Hoire! Hoire! Beannaichte e! Beannaichte e!
Ho, hi, beannaichte an Rìgh,
Ho, hi, biodh aoibh!

Beannaichte an Rìgh,
Gun tùs, gus chrìoch,
Gu suth, gu sìor,
Gach linn gu bràth,
Ho, hi! Biodh aoibh!
Carmina Gadelica