Biodh briathan mo bheòil agus smuaintean ar cridheachan uile taitneach ad làthair, a Thighearna, ar carraig agus ar fear-saoraidh.
Ron t-searmon, stèidhichte air 19: 14
Beannaichte gun robh Dia! Agus athair nan uile thròcairean! A tha a’ cumail air a’ dòrtadh a bhuannachdan oirnn. Tha thu air ar taghadh, tha thu air ar gairm, tha thu air ar fìreanachadh, air ar naomhachadh, agus air ar glòireachadh: Rugadh tu air ar son, agus bha thu beò agus bhàsaich thu air ar son: tha thu air beannachdan na beatha seo a thoirt dhuinn, agus feadhainn tè nas fheàrr.
A Thighearna! Tha do bheannachdan a’ crochadh ann am bagaidean, tha iad a’ tighinn a’ caismeachd oirnn! Tha iad a’ briseadh a-mach mar uisgeachan cumhachdach air gach taobh. Agus a-nis a Thighearna, tha thu air ar biadhadh le aran na bheatha: mar sin dh’ith an duine biadh nan aingeal: A Thighearna beannaich e: A Thighearna dèan slàinte agus neart dheth dhuinn; fhathast a’ strì agus a’ soirbheachadh cho fada annainne, gus an ruig ar n-ùmhlachd-ne tomhas do ghràidh,
a tha air na h-uibhir a dhèanamh dhuinn ’s a tha an comas.
Ceadaich seo Athair ghràdhaich, air sgath do mhic, ar n-aon t-Slànaighear:
thuige, còmhla riutsa, agus an Spiorad Naomh, trì Pearsachan, ach aon Dia ro-ghlòirmhor, neo-thuigisinneach, gun robh a h-uile
onair, glòir , agus moladh air a chuir as do leth gu sìorraidh. Amen.
Seòras Herbert (1593-1633)
A Thighearna,
ma tha eòlas aig neach ortsa tha iad beò.
Tha mi a’ guidhe ort a bhith a meudachadh
eòlas d’ Fìrinn annamsa.
Anns an fhìrinn as aithne dhomh, stèidhich mi;
ge b’ e dè a bu choir fios a bhith agam air, teagasg dhomh;
anns na fìrinnean anns a bheil mi cugalach, neartaich mi,
anns na nithean far a bheil mi air mo mhealladh, ceartaich mi;
anns na nithean a tha doirbh an tuigsinn, threòraich mi;
agus saor mo bho nithean nach eil idir fìor.
Cuir a-mach do sholas agus d’ fhìrinn, agus leig leothasan mo threòrachadh, gus am bi aithne agam mar a tha aithne air a dhèanamh orm.
Fulgentius Ruspensis (468-533)