Tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna,
ar cuideachadh ’s ar dìon.
Saor iadsan a tha air an claoidh,
Gabh truas orrasan a tha fo thàire,
àrdaich iadsan a thuit,
Taisbean thu fhèin dhaibhsan a tha ann an dìth,
Slànaich na h-euslàintich,
Thoir air ais iadsan a chaidh air seachran bhuat,
Biadhaich nam muinntir a tha acrach
Tog suas iadsan a tha lag,
Thoir air falbh slabhraidhean nam prìosanach.
Gun robh a h-uile dùthaich a’ tighinn gus a bhith a’ tuigsinn
gur tusa Dia a-màin,
Gur h-e Ìosa do mhac,
Gur h-e sinne do shluagh, caoraich d’ ionaltraidh.
Clement na Ròimhe (c. 30 – c. 95)