Fòghlam

A Dhè, ar n-Athair nèamhaidh, tro do Spiorad-sa a tha daoine air an teagasg ann an eòlas, a tha a’ toirt gliocas dhaibhsan uile a tha a’ faighneachd dhut: ceadaich do bheannachd, tha sinn a’ guidhe ort, air an sgoil seo, agus cuidich leinn anns an obair a thug thu dhuinn airson a dhèanamh. Dèan na h-uile comasach air a bhith ag obair gu dìleas, chan ann le seirbheis-sùil, ach ann an singilteachd cridhe, a’ cuimhneachadh nach urrainn dhuinn nì a dhèanamh as d’ aonais-sa, agus gur h-ann nad eagal a tha tòiseachadh gliocais;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Frederick Denison Maurice (1805-72)

Athair uile-chumhachdaich ceadaich gum b’ e taighean creideamh agus rannsachaidh thorach a bhiodh anns na h-oilthaighean agus na colaistean againn; agus gun ionnsaicheadh na h-oileanaich aca an fhìrinn chun a leithid de dh’ìre is gun giùlaineadh iad an solas aice nan slighean uile, agus gun ionnsaicheadh iad Crìosd chun a leithid de dh’ìre is gum biodh iad air an lorg annsan; a tha beò agus a’ riaghladh còmhla riutsa agus còmhla ris an Spiorad Naomh, aon Dia, saoghal gun chrìch.
Colaiste an Rìgh, Oilthigh Cambridge