A Dhè, Athair uile-chumhachdaich, Rìgh nan rìghrean agus Tighearna nan tighearnan, ceadaich gum biodh cridheachan agus inntinnean nan uile a tha a’ dol a-mach nan luchd-riaghlaidh mu ar coinneamh, an luchd-stàite, na britheamhan, luchd-ionnsaichte agus iadsan a tha beairteach, air an lìonadh le gràdh dha do laghan agus dhan nì a tha fìreanta agus beatha-bhuileachail, gu a leithid de dh’ìre is gum bi iad nan stiùbhardan iomchaidh thairis air do thiodhlacan mhaith is choileanta;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Ridirean a’ Gharter
A Dhè uile-chumhachdaich bhuaithe a tha uile smuaintean mu Fhìrinn ’s mu shìth a’ dol a-mach, las, tha sinn ag ùrnaigh
– ann an cridheachan nan uile dhaoine – gràdh fhìor airson sìth,
agus threòraich le do ghliocas fhìor-ghlan agus shìtheil iadsan a tha a’ gabhail comhairle airson dùthchannan na talmhainn; airson, ann an ciùineas, gun tèid aig do rìoghachd air adhart, gus am bi an saoghal làn de dh’eòlas do ghràidh;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Francis Paget (1851-1911)
A Dhè uile-chumhachdaich, troimhe a-mhàin a tha rìghrean a’ rìoghachadh agus prionnsaichean ag àithne ceartais
agus bhuaithe a-mhàin a tha a h-uile ghliocas agus thuigse a’ tighinn:
tha sinne do sheirbheisich neo-airidh – air ar cruinneachadh an seo na d’ ainm – a’ guidhe ort gu ro-h-iriosal gun cuireadh tu sìos do ghliocas nèamhaidh bho as ar cionn, airson ar stiùireadh ’s ar treòrachadh nar co-chomhairlean uile; agus ceadaich gum b’ e buil ar comhairlean – sinne a’ cumail d’ eagal an còmhnaidh mu choinneamh ar sùilean agus a’ cur air falbh ar n-ùidhean phrìbheiteach, ar ro-bhreithean agus ar leth-chàilean – glòir d’ ainm bheannaichte;
cumail suas an fhìor chreideamh agus a cheartais;
sàbhailteachd, onair agus toileachas an neach riaghlaidh;
maith phoblach, sìth agus soinneantas na rìoghachd agus aonadh agus ceangal ri chèile chridheachan na h-uile dhaoine agus shuidheachaidhean air taobh a-staigh an aoin sin ann an gràdh agus carthannas Chrìosdail ri càch-a-chèile; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Christopher Yelverton (1536/7-1612)