Gum biodh glaodh nam banntraichean, nan dìleachdain ’s a chlann sin a tha falamh
a’ dol a-steach na do chluasan,
O a Shlànaigheir as ro-ghràdhaiche.
Cofhurtaich iad le caomhalachd màthair,
dèan dìon orra bho chunnartan an t-saoghail seo, agus thoir mu dheireadh thall iad
gu do dhachaigh nèamhaidh.
John Cosin (1594-1672)
A Thighearna nan uile shaoghail, tha sinn a’ beannachadh d’ ainm airson nam muinntir sin uile a tha air a dhol a-steach dhan t-suaimhneas aca, agus air ruighinn Tìr a Gheallaidh far a bheil thusa air d’ fhaicinn aghaidh ri aghaidh.
Thoir gràs dhuinn airson leantainn anns na cas-cheumannan aca, mar a lean iadsan ann an cas-cheumannan do Mhic naoimh. Cùm beò annainn cuimhne nam muinntir a bha prìseil againn fhèin a tha thusa air a ghairm thugad fhèin; agus ceadaich gun treòraicheadh a h-uile cuimhneachan a tha a’ tionndadh ar cridheachan bho nithean faicsinneach gu nithean neo-fhaicsinneach sinne an còmhnaidh suas thugad fhèin,
gus an tig sinn gu ar suaimhneas sìorraidh;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
F. J. A. Hort (1828-92)
Tha sinn a’ toirt air ais dhut, A Dhè, iadsan a thug thusa dhuinne. Cha do chaill thu iad an uair a thug thu dhuinn iad, agus cha do chaill sinne iad tro an aisig thugadsa.
Tha do Mhac gràdhach air teagasg dhuinn gu bheil a bheatha sìorraidh agus nach urrainn dhan ghràdh bàsachadh, mar sin chan eil ann am bàs ach fàire, agus chan eil ann am fàire ach crìochan ar comas faicinn. Fosgail ar sùilean gus a bhith a’ faicinn nas soilleire agus threòraich sinne faisg ort fhèin airson gum bi fios againn gu bheil sinn faisg air ar muinntir as gràdh leinn, a tha còmhla riutsa. Tha thu air innse dhuinn gu bheil thu ag ullachadh àite dhuinn: ullaich sinn, airson far a bheil thusa gum bi sinne an còmhnaidh, O a Thighearna ghràdhaich na beatha is a bhàis.
William Penn (1644-1718)
Airson na naoimh a tha a’ gabhail fois bho an saothair,
A dh’aidich thusa tro chreideamh mu choinneamh an t-saoghail
Gum beannaicheadh d’ ainm, A Ìosa, gu sìorraidh.
Aleluia! Aleluia!
William Walsham How (1823-97)