A Thighearna, builich do bheannachd, ghuidheamid, air ar n-obair làitheil, airson gun dèan sinn e ann an creideamh agus le ar cridheachan, mar dhan Tighearna agus chan ann do dhaoine.
Is leatsa uile chomasan ar bodhaig ’s ar n-inntinn, agus choisrigeamaid iad dha do sheirbheis-sa. Naomhaich iad, anns an obair anns a bheil iad an sàs; na leig leinn a bhith leisg, ach eudmhor ann an spiorad, agus gun robh thusa, a Thighearna, a’ beannachadh ar n-oidhearpan chun a leithid de dh’ìre is gun robh iad a’ buileachadh annainne toraidhean an fhìor ghliocais.
Teagasg dhuinn a bhith a’ sireadh fìrinn, agus dèan comasach sinn air a bhith ga shealbhachadh; ach deònaich gun robh sinn an còmhnaidh ag abairt na fìrinn ann an gràdh; airson, fhad ’s as aithne dhuinn nithean talmhaidh, gun robh eòlas againn ortsa, agus gun robh eòlas agadsa oirnne, tro, agus na, do Mhac Ìosa Crìosd.
Thoir dhuinn, air an là seo, do Spiorad Naomh, airson gum b’ann leatsa a bhitheamaid ann am bodhaig agus ann an spiorad – nar n-obair air fad agus nar n-amanan ath-nuadhachaidh, tro Iosa Crìosd do Mhac, ar Tighearna – Amen.
Tòmas Arnold (1795-1842)
Cuidich leinn gus a bhith a’ cur leisge air falbh,
gus a bhith làn misneachd, agus gus a bhith air ar faotainn a’ dèanamh an obair aigesan, deiseil airson a dhol a-steach na rìoghachd ghlòirmhor
le gàirdeachas.
Is tusa Solas fhìor gach creutair, agus is ann thugadsa a tha an cruthachadh gu lèir a’ seinn.
Basail Mòr (c. 330-379)
A Thighearna, chan eil mi idir a’ faighneachd airson obraichean a tha co-ionnan ri mo neart:
tha mi a’ faighneachd airson
neart a tha co-ionnan ri m’ obraichean.
Phillip Brooks (1835-93)
Teagasg dhomh, Mo Dhia ’s mo Rìgh,
Thusa fhaicinn anns gach nì,
Agus na ni mi de nì sam bith
A dhèanamh mar dhut fhèin.
George Herbert (1593-1633)
A Thighearna ùraich ar spioradan agus treòraich ar cridheachan thugad fhèin airson nach bi ar n-obair mar eallach dhuinn, ach na adhbhar aoibhneis;
agus builich oirnn uidhir de ghràdh chumhachdach dhut fhèin
’s a dhèanadh ar n-uile ùmhlachd nas mìlse.
O na leig leinn seirbheis a dhèanamh dhut le spiorad a bhraighdeanais, mar thràillean,
ach le aoibhneas is toileachas chloinne,
gun robh sinn gar toileachadh fhèin annad-sa
agus a’ dèanamh gàirdeachas na d’ obair – Amen.
Beniàmin Jenks (1647-1724).
O Athair, soillsich dleastanasan beaga là seo na beatha. Gun robh iad a’ deàlradh le àilleachd do ghnùise.
Gun robh sinne a’ creidsinn gun urrainn do ghlòir a bhith a’ còmhnaidh anns an obair as cumanta.
Air sgàth Ìosa Crìosd ar Tighearna
tha sinn ga fhaighneachd. Amen.
J. H. Jowett (1864-1923)
A Dhè a tha air àithne nach bu choir do dhuine sam bith a bhith dìomhain, thoir gràs dhuinn airson ar tàlantan agus ar comasan a chuir gu feum anns an t-seirbheis a dh’ òrdaicheadh dhuinn; airson, ge b’ e dè a lorgas ar làmh airson a dhèanamh,
gun dèan sinn e le ar n-uile chumhachd.
James Martineau (1805-1900)
O Thì bheannuichte, cùm rinn, agus cuidich leinn,
agus na tuiteadh do ghràs oirnn mar an t-uisge air druim a’ gheòidh.
Nuair a bhios fear na èigin air gob rubha, cuidich fèin leis:
agus bidh mun cuairt dhuinn air tìr, agus maille rinn.
Glèidh an t-aosda agus an t-òga,
ar mnathan agus ar pàisdean,
ar sprèidh agus ar feudail,
O chumhachd agus O cheannas nan sìthichean,
agus O mhì-rùn gach droch-shula.
Bitheadh slighe rèidh romhainn,
agus crìoch shona aig ar turas.
Ùrnaigh ann am beul-aithris Sgiathanach, air a cruinneachadh leis an Urr. Alasdair MacGriogair, 1860an