A’ Bhliadhna Ùr

Thoir dhuinn an rùn, A Dhè,
a bhith ag ùrnaigh riutsa gun sgur,
a bhith ag ionnsachadh eòlas cheart a chur ort,
a bhith an còmhnaidh a’ dèanamh seirbheis naomh dhut,
a bhith a’ faighneachd dhutsa airson a h-uile nì a tha a dhìth,
a bhith ga do mholadh an còmhnaidh ann an dòigh iomhchaidh,
a bhith ga do ghràdhachadh an còmhnaidh gu suidhichte,
a bhith a’ faighneachd airson do thròcair gu cridheil,
a bhith ag earbsa annad an còmhnaidh gu dìleas,
a bhith umhail riut an còmhnaidh le deòin,
a bhith a’ feitheamh ort an còmhnaidh gu foighidneach,
a bhith a’ cleachdadh do choimhearsanach gu h-onarach,
a bhith beò an seo an còmhnaidh gu beusach,
a bhith a’ cuideachadh na bochdainn ann an dòrainn,
a bhith a’ toirt taing dhut an còmhnaidh le taingealachd,
a bhith a’ feitheamh air sòlas nèimh,
a bhith a’ sealbhachadh creideamh, dòchas, gràdh.
Thomas Tusser (1524-80)

Athair leig leam a bhliadhna seo a choisrigeadh
Uile gu lèir dhut fhèin,
Ann an ge b’ e dè an staide shaoghalta
Anns an iarradh tusa a bhithinn:
Chan eagal leam saorsa a shireadh
Bho bhròn, bho chràdh no bho chùram;
’S e seo am miann a bhios na ùrnaigh dhomh
“Glòirich d’ ainm fhèin.”
Lawrence Tuttiett (1825-97)

Dhè, beannaich dhomh an là ùr,
Nach do thuradh dhomh roimhe riamh;
Is ann gu beannachadh do ghnùis,
Thug thu ’n ùine seo dhomh, a Dhia.

Beannaich thusa dhomh mo shùil,
Beannaicheadh mo shùil na chì;
Beannaichidh mise mo nàbaidh,
Beannaicheadh mo nàbaidh mi.

Dhè, tabhair dhomh-sa cridhe glan,
Na leig a seall do shùla mi;
Beannaich dhomh mo ghin ’s mo bhean,
‘S beannaich dhomh mo nearc ’s mo nì.
Carmina Gadelica