Tha sinn a’ moladh an Athair, shuas gu h-àrd,
Am Mac tha naomh, tha sinn ag àrdachadh:
Cha dèan ar molaidhean adhradh nas lugha
Ris an Spiorad Naoimh, gu sìorraidh tuilleadh;
Is miann leinn an gràs seo, A Thrianaid bheannaichte –
Do sheirbheisich aslachail cluinn agus soar.
Germanicus (634-734)
Chan eil e ach ceart, le uile chumhachdan ar cridhe agus ar n-inntinn,
a bhith a’ ga do mholadh-sa O Athair
agus d’Aon-ghin-Mhic, ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Athair ghràdhaich tro irioslachadh iongantach do chaoimh-ghràidh dhuinne, do sheirbheisich, thug thu suas do Mhac.
O Ìosa ghràdhaich, phàigh thusa fiachan Àdhaimh air ar son dhan Athair shìorraidh tro d’ fhuil a bhith air a dhòrtadh a-mach ann an gràdh-chaoibhneil. Ghlan thu air falbh dorchadas a pheacaidh tro d’ aiseirigh sgoinneil agus dhèalrach. Bhris thu bannan a bhàis agus dh’èirich thu bhon uaigh mar a Bhuadhaiche. Rinn thu rèite eadar nèamh agus an talamh. Cha robh dòchas aoibhneis shìorraidh againn gus an do shaor thusa sinn. Tha d’ aiseirigh air ar peacaidhean a ghlanadh air falbh, dh’ ath-ùraich thu ar neochiontas agus thug thu aoibhneas thugainn.
Nach neo-chomasacha tha e caomhalachd do ghràidh
a bhith air a thomhas!
Tha sinn ag ùrnaigh riut a Thighearna, a bhith a’ glèidheadh do sheirbheisich ann an mealtainn shìtheil dhen aoibhneas Chàisgeil seo. Tha sinn a’ faighneachd sin tro Ìosa Crìosd ar Tighearna,
a tha beò agus a’ riaghladh còmhla ri Dia an t-Athair,
ann an aonachd an Spioraid Naoimh gu bràth is gu sìorraidh. Amen.
Gregory I (c. 540-604)
A Thighearna as ro-ghlòirmhoire na beatha, a fhuair air an là seo
Do bhuaidh thairis air a bhàs agus am peacadh;
Agus, as dèidh dhut ifrinn a chlaoidh, a thug air falbh
Braighdeanas – bhon àm sin ann am braighdeanas –
airson sinne a bhuannachadh:
An là aoibhneach seo, a Thighearna ghràdhaich, tòisich le aoibhneas;
Agus ceadaich gun robh sinne dhan do bhàsaich tu,
A tha air ar glanadh glan le d’ fhuil phrìseil fhèin bhon pheacadh,
Beò gu bràth ann an sòlas.
Agus gun robh sinne a’ tomhas do ghràdh-sa gu h-iomchaidh,
Anns an aon dòigh ga do ghràdhachadh fhèin airson an aon nì a-rìs;
Agus air do shàileabh, a cheannaich na h-uile a tha a cheart cho prìseil,
Gun robh sinn le gràdh a’ toirt aoigheachd do chàch a chèile!
Mar sin leig leinn gràdhachadh, a Thighearna phrìseil,
mar a bu chòir dhuinn.
Is e gràdh an leasan a theagasg an Tighearna dhuinn.
Edmund Spenser (1552-99)