Ìosa mhaith, leig led ghuth gun robh e
a’ fuaimneachadh nam chluasan
airson gun ionnsaich mo chridhe is m’ inntinn,
is m’ anam as fhaide a-staigh,
mud ghràdh,
agus airson ’s gum faod fìor dhoimhneachdan mo chridhe a bhith air an aonadh riutsa –
as e m’ aiteas agus m’ aoibhneas as motha.
Aelred à Rievaulx (1109-1167)
A Thighearna, teagasg dhomhsa a bhi gad shireadh,
agus taisbean thu fhèin dhomh fhad ’s a tha mi gad shireadh.
Oir chan urrainn dhomh do shireadh
mura teagaisg thu mi an toiseachd
agus chan urrainn dhomh do lorg
mur a taisbean thusa thu fhèin domh.
Amen.
Ambrose à Milan (c. 339-397)
O a phrìomh sholais thuige nach urrainnear tighinn,
O a Fhìrinn bheannaichte agus naomh,
Nach fada a tha thu bhuamsa a tha cho faisg ortsa!
Nach fada a tha thu air do thoirt air falbh bho mo fhradharc, ged a tha mise cho faisg air an fear agadsa!
Tha thu uile gu lèir an làthair anns a h-uile àite
ach chan fhaic mi thu.
Annadsa tha mi a’ gluasad agus annadsa tha mo bhith agam agus chan urrainn dhomh tighinn thugad.
Tha thu na mo bhroinn agus mun cuairt orm
agus chan eil mi gad fhaireachdainn.
Anselm (1033-1109)
A Dhè uile-chumhachdaich, Tighearna nan aingeal agus an cruthachadh gu lèir, a tha a’ còmhnaidh gu h-àrd ach tha fhathast a’ gabhail cùraim dhaibhsan a tha iriosal, a tha a’ rannsachadh a chridhe agus aig a tha eòlas air gach nì falaichte, a Sholais shìorraidh agus neo-atharrachail, tha sin ag earbsa na do mhòr thròcair gun cluinn thu ar n-ùrnaighean a tha air an tagradh bho ar bilean neo-ghlan.
Basail Mòr (c. 330-379)
Athair,
thoir ghliocas dhuinn airson d’ aithneachadh,
toinisg airson do thuigsinn,
dìcheall airson do shireadh,
foighidinn airson feitheamh ort,
sùilean airson d’ fhaicinn,
cridhe airson meòrachadh ort,
agus beatha a dh’ èigheadh mu do dheidhinn,
tro chumhachd an Spioraid
aig ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Naomh Benedict (480-543)
Athair, dèan comasach ar n-inntinnean air èirigh
gu d’ àite còmhnaidh-sa a tha thar bhriathran.
Leig leinn an solas a lorg
agus a bhith a’ stiùireadh sùilean ar n-anman thugadsa.
Cuir air falbh ceòthan agus dorchadas a chomanachaidh thalmhaidh, agus deàlraich a-mach na do dheàrrsadh.
Is tusa an t-àite-fuirich shoineannta agus shìochail acasan a chumas orra nan amas a bhith gad fhaicinn.
Is thusa aig an aon àm an toiseachd, am modh-gluasaid agus an neach-treòrachaidh, an t-slighe agus an ceann-crìche.
Severinus Boethius (c. 480-524)
A Dhè cuidich leinn gus a bhith ag ùrnaigh agus gus a bhith a suidheachadh ar n-inntinnean ort fhèin.
Chan urrainn dhuinn seo a dhèanamh leinn fhèin.
Annainne tha dorchadas, ach annadsa tha solas.
Tha sinne aonranach, ach cha bhi thusa gar fàgail.
Tha sinne lag ann an cridhe, ach leatsa tha sìth.
Annainne tha searbhachd, ach leatsa tha foighidinn.
Chan eil sinne a’ tuigsinn na slighean agadsa,
ach is aithne dhutsa an t-slighe air ar son-ne.
Cuidich leinn, A Dhè, tro Ìosa Crìosd ar Slànaighear. Amen.
Dietrich Bonhoeffer (1906-1945)
Mo Dhia, mo Dhia, leig leam, airson aon uair, coimhead ort fhèin mar nach robh nì eile ann am bith, ach sinne a mhàin!
Agus fhad ’s a tha an cruthachadh a’ tuiteam as a chèile,
Gum biodh lasrach m’ anaim a’ meudachadh
gus an urrainn dhomh a ràdh: fiù’s air mo shon fhèin
Tha feum agam ort, agus tha mi gad fhaireachdainn
agus tha gràdh agam ort.
Robert Browing (1812-89)
Chan eil mise airidh, A Thighearna ’s a Mhaighstir,
gun tigeadh tusa fo mhullach m’ anaim:
a dh’aindeoin sin, bhon as miann leatsa,
Aoin-gràdhachaidh na cinne-daonna,
a bhith a còmhnaidh air an taobh a-staigh dhìom,
tha mi dàn airson teannadh dlùth.
Tha thu a’ toirt cuireadh dhomh gus a bhith a’ fosgladh dorais a tha thusa a-mhàin air a dhèanamh, airson, a’ tighinn a-steach an sin, gun urrainn dhutsa solas a thoirt a steach dha m’ inntinn dhorcha:
tha mi a’ creidsinn gun dèan thusa sin.
Oir cha do chath thu a-mach an t-siùirseach an uair a thàinig ise le deòir, cha mhò a dhiùlt thu an cìs-mhaor an uair a rinn esan aithreachas,
cha do dh’ àich thu na bu mhò an gadaiche an uair a shir easan faighinn a-steach dha do rìoghachd, cha do dhiùlt thu na bu mo am fear a rinn geur-leanmhainn an uair a rinn e aithreachas. Ach làimhsich thu na h-uile a thàinig thugad ann an aithreachas mar do charaidean.
Is tusa a-mhàin a tha ri bhith air do bheannachadh,
a-nis agus gu sìorraidh.
Iain Criosostom (c. 347-407)
A Thighearna, chan aithne dhomh
dè a bu chòir dhomh a shireadh bhuat;
’s ann dhutsa a mhàin as aithne na tha a dhìth orm;
tha thusa ga mo gràdhachadh nas fheàrr
na ’s aithne dhomhsa mi fhèin a ghràdhachadh.
O Athair! builich air do leanabh
an nì nach aithne dha fhèin ciamar a dh’iarras e air a shon.
Teagasg dhomh ùrnaigh a dhèanamh.
Dèan fhèin ùrnaigh annam – Amen.
Francois de la Mothe Fènelon (1651-1715).
A Spioraid Naoimh dèan còmhnaidh annam, airson gun tig mi gus a bhith nam ùrnaigh.
Ge b’ e a bhiodh mi nam chadal no nam dhùisg,
A’ saothrachadh no a’ gabhail fois,
gun robh àileadh na h-ùrnaigh
ag èirigh gun oidheirp, na mo chridhe.
Tur-ghlan m’ anam agus na fàg gu sìorraidh mi, airson gum bi mo chridhe agus m’ anam an comas,
le guthan làn de mhìlseachd,
a bhith a’ seinn ann an dhìomhaireachd gu Dia.
Isaac à Sioria (7mh lìnn)
O a ghràidh as mìlse Dhè, air a bheil ro bheag de dh’eòlas,
Bidh ge b’ e cò a lorgas tusa aig fois.
Gun atharraicheadh h-uile nì , O mo Dhia,
Airson gun gabhainn fois annadsa.
Nach milis dhomh do làthaireachd,
Thusa as e am maith rìgheil!
Teannaidh mi dlùith riut ann an sàmhchair,
Agus bheir mi an còmhdachadh bho do chasan,
Airson gun toilicheadh e thusa mise aonadh riut fhèin,
A’ dèanamh do bhean-phòsta de m’ anam.
Cha dèan mi aoibhneas ann an nì sam bith
gus am bi mi na do ghàirdeanan;
A Thighearna, tha mi a’ guidhe ort,
na fàg mi airson aon mhòmaid.
Iain a Chrionn (1542-1591)
A Dhè naomha, teagasg dhomh an-diugh
ciamar a nì mi adhradh!
Gun robh m’ anam air a ghlùinean!
Gun robh mi tuigseach mu do làthaireachd,
agus air mo lìonadh le urram diadhaidh is eagal! Teagasg dhomh a bhith ag ùrnaigh.
J. H. Jowett (1864-1923)
O Thusa troimhe a tha sinn a’ tighinn gu Dia,
A Bheatha, an Fhìrinn, an t-Slighe,
Tha thu air slighe na h-ùrnaigh a choiseachd thu fhèin:
A Thighearna teagasg dhuinn ciamar a ni sinn ùrnaigh.
James Montgomery (1771-1854)
Bàsaichidh sinn, ma sguireas sinn a dh’ùrnaigh;
O ceadaich dhuinn cumhachd gus a bhith ag ùrnaigh;
’S an uair a tha sinn ag ullachadh airson do choinneachadh,
A Thighearna, coinnich ruinn anns an t-slighe.
James Montgomery (1771-1854)
Mo Thighearna, chan aithne dhomh dè a bu chòir dhomh iarraidh bhuat.
’S ann agadsa agus agadsa a-mhàin, a tha eòlas air m’ fheumalachdan.
Tha barrachd gràidh agadsa ormsa na tha an comas dhòmhsa a bhith agam ort fhèin.
O Athair, ceadaich dhòmhsa, do sheirbheiseach, na h-uile nach urrainn dhomh iarraidh
Chan eagal leam faighneachd airson crann, no airson cofhurtachd;
Chan eil de mhisneachd agam ach na sheasas na do làthaireachd.
Tha mo chridhe fosgailte riut.
Tha thusa a’ faicinn na feumalachdan agam – air nach eil mi fhèin eòlach.
Seall orm agus tog suas mi!
Na do làthaireachd tha mi a’ seasamh,
Air m’ uabhasachadh agus air mo dhèanamh sàmhach le do rùn ’s do bhreitheanais
dha nach urrainn m’ inntinn a’ dhol a-steach.
Dhutsa tha mi gam thabhainn fhèin mar ìobairt.
Chan eil miann eile agam ach a’ bhith a’ coileanadh do rùin.
Teagasg dhomh ciamar a nì mi ùrnaigh.
Dèan fhèin ùrnaigh nam bhroinn.
Amen.
Philareit, Metropolitan Mhosgo (1782-1867)
Thoir sinne, a Thighearna Dia,
aig ar dùsgadh mu dheireadh a-steach do thaigh agus geata nèimh,
airson a dhol a-steach tron gheata sin, agus còmhnaidh a ghabhail anns an taigh sin,
far nach bi dorchadas no deàrrsadh, ach aon t-solas cho-ionnan;
far nach bi fuaim no sàmhchair, ach aon cheòl cho-ionnan,
far nach bi eagal no dòchas, ach aon t-sealbhachadh cho-ionnan;
far nach bi crìochan air a chuir air tòiseachaidhean, ach aon t-siorraidheachd cho-ionnan;
ann an àite fuirich do ghlòir agus d’ uachdaranas,
saoghal gun chrìch.
Amen.
Iain Don (1572-1631)