A Dhè shìorraidh, uile chumhachdaich agus as ro-ghràsmhoir:
’s e nèamh do chathair, agus an talamh do chos-stòl: naomh agus urramach a tha d’ ainm; tha thu air do mholadh le ainglean nèamh, agus ann an cruinneachadh d’ Eaglais air an talamh.
A dh’aindeoin ar neo-airidheachd, tha thusa air cuireadh a thoirt dhuinn tro ar n-Eadar-mheadhanair, Ìosa Crìosd,
a’ bhith gar taisbeanadh fhèin agus ar n-ùrnaighean thugadsa.
Gabh ruinn gu gràsmhor. Cuidich leinn tro do Spiorad.
Thoir dhuinn gun seas sinn nad eagal. Cuir do lagh a-steach nar cridheachan, agus sgrìobh air ar n-inntinnean e.
Leig le d’ fhacal tighinn thugainn ann an cumhachd, agus cuidich leinn gus a bhith ga shealbhachadh ann an gràdh, le inntinnean fhaireil, umhail agus a tha an comas an teagasg. Tro d’ Fhacal leig leinn a bhith a’ blasad blas na beatha shìorraidh. Dèan eudmhor ann an ùrnaigh sinn is aoibhneach annam moladh. Cuidich leinn gus a bhith a’ dèanamh seirbheis dhut an-diugh gun ni eile a’ glacadh ar n-aire, airson gum faigh sinn a-mach gu bheil, là na do chùirtean-sa nas fheàrr an mìle bliadhna ann an àite sam bith eile, agus gu bheil e math dhuinn a bhith a’ tighinn dlùith ri Dia;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna agus ar Slànaighear. Amen.
Riodsard Bacstair (1615-91)