Am peacadh air aideachadh

O thusa a fhuarain mhòir ghràidh Dhè, tha mi a’ guidhe ort, cuidich leam, airson gum bàsaich mi air falbh bho m’ fhaoineas is mo pheacadh ann am bàs m’ fhear-saoraidh, Ìosa Crìosd.

Jakob Boehme (1555-1624)

A Ìosa, cò a bheir tuil de dheòir dha mo shùilean, an là agus an oidhche a ni mi rànaich airson mo pheacaidhean?
Tha mi a’ guidhe ort, tro do dheòir shearbh agus làn fala,
gus a bhith a’ gluasad mo chridhe tro do ghràs dhiadhaidh, airson gun dòirt deòir gu pailt bho mo shùilean, agus airson gun dèan mi rànaich fad m’ uile làithean air sgàth d’ fhulangasan,
agus barrachd tuilleadh air sgàth an t-adhbhar aca –
mo pheacaidhean-sa.

Francis of Assisi (1181-1226)

Saor mise a tha air tuiteam a-steach dhan pheacadh, oir is tusa a-mhàin a tha gun pheacaidh. Thoir a-mach à clàbar m’ easaontais mi, oir tha mi air mo bhogadh gu bràth ’s gu sìorraidh. Saor mi bho mo nàimhdean, oir mar leòmhann tha iad a dreanndanaich agus a’ beucadh, a’ sireadh mo shlugadh an aird. A-nis mo Thighearna,
las do dhealanaich agus sgrios an cumhacd aca.
Gun robh an t-eagal orrasan bhuatsa agus gun robh iad air an gearradh dheth bho sholas do làthaireachd, bho nach urrainn dhaibh seasamh na do làthaireachd, A Thighearna, no ann an làthaireachd nam muinntir aig a tha gràdh dhut.
Chì ge b’ e cò a tha ghairmeas ortsa an cumhachd aig comharra do chroinn-ceusaidh, A Thighearna,
agus ni iad critheanaich agus snàigidh iad air falbh bhuaithe.

Gregory the Illuminator (d. 325)

Seall do mhac stròdhail! Tha mi a’ tighinn thugad,
Airson fàilte a chuir air m’ Athair ’s airson mo dhachaigh a shireadh.
Cha b’ urrainn dhomh teàrmann a lorg, no caraid, thall thairis,
A’ dol air seachran ann an dubhailc is as aonais Dhè.

O ceadaich gun stadadh d’ oilltean agus mo dhòrainnean!
Gum biodh tusa nad thèarman dhomh agus nad charaid;
Gabh ri do mhac a chronaich thu cho fada,
Thusa as e Dia a ghràidh!

Matthew Prior (1664-1721)

Ceithir rudan nach eil nad thaigh-ionmhais,
Tha mi a’ laighe mu do choinneamh, A Thighearna, leis an tagradh seo:
Mo neonidheachd, m’ iarrtasan,
Mo pheacaidhean, agus m’ aithreachas.

Robert Southey (1774-1843)

Mo Dhia, tha gràdh agam ortsa as cionn gach uile nì
Agus tha fuath is gràin agam le m’ uile anam
An aghaidh na peacaidhean troimhe a tha mi air oilbheum a thoirt dhut,
A chionn gun bheil iad an-toileach na do shealladh-sa,
A tha gu sònraichte math agus airidh air a bhith ar do ghràdhachadh.
Tha mi ag aideachadh gum bu chòir dhomh thusa a ghràdhachadh
Le gràdh a tha as cionn gach uile eile,
Agus gum bu choir dhomh an gràdh seo dhutsa a dhearbhadh.
Tha mi a’ smaoineachadh ort na m’ inntinn mar nas mò gu ìre neo-chrìochnach na a h-uile nì anns an t-saoghal,
Ge b’ e dè cho prìseil no brèagh.
Tha mi mar sin a’ cur romham gu daingeann agus gun atharrachadh
Nach ceadaich mi gu bràth oilbheum a thoirt dhut
No nì a dhèanamh a bheireadh an-toil dha do mhaitheas uachdranaich
Is a chuireadh mise ann an cunnart a bhith a’ tuiteam bho do ghràs naomh,
Anns a bheil mi uile-gu-lèir dearbhte
A chumas mi orm gu anail mo bhàis. Amen.

Francis Xavier (1506-52)