A Thighearna, soillsich mo chridhe,
a tha miannachadh olca air a dhèanamh dorcha.
A Thighearna, cuidich leam
gus a bhith a’ smaoineachadh mu na tha math.
Iain Criosostam (c. 347-407)
O mo Dhia, tha mi a’ toirt taing dhut agus ga do mholadh airson do rùn naomh is uile àlainn-sa a choileanadh
gun m’ fhear-sa a thoirt fa-near.
Le m’ uile chridhe, a dh’aindeoin mo chridhe, tha mi a’ sealbhachadh na croinn seo a chuir uibhir de dh’eagal orm!
Is e crann do thaghadh fhèin a th’ann, crann do ghràidh.
Tha mi a’ toirt urram dha; chan iarrainn, airson ni sam bith anns an t-saoghal, nach robh e air tighinn, bhon a rùnaich thusa e.
Tha mise ga ghlèidheadh le taingealachd agus le aoibhneas, mar a tha mi a’ dèanamh leis a h-uile nì a thig bho do làimh-sa; agus ni mi strì gus a bhith ga ghiùlain gun a bhith a’ leigeil leis slaodadh, leis a h-uile urram ’s a h-uile meas a tha d’ obraichean airidh air.
Francis de Sales (1567-1622)
Tha mo spiorad tioram na mo bhroinn
a chionn gu bheil e a’ dì-chuimhneachadh
a bhith a’ biadhadh ort fhèin.
Iain a Croinn (1542-1591)
Bi a h-uile nì ceart gu leòr,
agus bi a h-uile nì ceart gu leòr,
agus bi a h-uile seòrsa nì ceart gu leòr.
Julian Norwich (1342-c.1416)
A Thighearna Ìosa Crìosd,
a tha, a-rèir rùn an Athair,
tro cho-obrachadh an Spioraid Naoimh,
tro do bhàs,
air beatha a bhuileachadh air an t-saoghal:
saor mi.
Naomh Mairead, Bànrigh na h-Alba (c. 1045-1092)
A-nis tha sinn uile a’ toirt taing dhar Dia,
Le cridhe, ’s làmh, is guthan,
A tha air nithean iongantach a dhèanamh,
Anns a bheil an saoghal seo a’ dèanamh gàirdeachas;
A tha bho ghàirdeanan ar màthraichean
Air ar beannachadh air an t-slighe
Le gibhtean gaoil gun àireamh
Agus a tha fhathast againn an-diugh.
O gun robh an Dia Saoibhreach seo
Faisg oirnn tro ar n-uile bheatha,
Le cridheachan a bhiodh an còmhnaidh aoibhneil
Agus sìth bheannaichte airson ar misneachadh;
Agus gar cumail anns a ghràs seo,
Agus gar treòrachadh an uair a tha sinn ann an imcheist,
Agus gar saoradh bhon a h-uile thinneasan
Anns an t-saoghal seo ’s san ath thè.
Martin Rinkart (1586-1649)
Ged a dheidheadh tonnan is stoirmean thar mo cheann,
Ged a bhiodh neart is slàinte agus caraidean air falbh,
Ged a bhiodh toileachasan uile air searg, is marbh,
Ged a bhiodh a h-uile chofhurtachd air a thoirt bhuam,
Air seo tha m’ anam suidhichte ag earbsa, –
Athair! Cha bhàsaich do thròcairean gu bràth.
Johann A. Rothe (1799-1867)
Ceadaich, A Thighearna Dhia,
am measg nan uile dhì-mhisneachaidhean,
na trioblaidean is na chunnartan,
dòrainnean is dorchadasan a th’ anns a bheatha bhàsmhor seo, gum faod mi earbsa a chur na do thròcair,
agus mo dhòchasan a thogail air seo,
mar air bhunait chinnteach.
Leig le do thròcair neo-chrìochnach ann an Ìosa Crìosd mo shaoradh bho chion-dòchais, an dà chuid an-dràsta
agus aig uair a bhàis.
Thomas Wilson (1663-1755)
A Thighearna Ìosa, smaoinich ormsa
Am measg strì na catha;
Nam uile chràdh agus dhòrainn
Gum bu tusa mo shlàinte agus mo bheatha.
Synesius Cryrene (375-450)
O a Bhuachaille as ro-ghràdhaiche,
anns na h-uisgeachan as doimhne a th’ ann
earbaidh sinn annadsa.
Anns na glinn as duirche a th’ ann
ni sinn gàirdeachas na do làthaireachd.
Anns na làithean as miosa a th’ againn
gabhaidh sinn fois – aig sìth na do ghàirdeanan.
Anns na h-oidhcheanan as mò a th’ air am buaireadh cofhurtaichidh do naoimh sinn.
Amen.
GilleEasbaig Caimbeul Taut (1811-82)
O Athair nèamhaidh, tha mi ga do mholadh agus a’ toirt taing dhut airson d’ uile mhaitheis agus do dhìlseachd tro mo bheatha gu lèir.
Tha thu air mòran bheannachdan a cheadachadh dhomh. A-nis leig leam gabhail ri buaireadh bho do làimh. Cha laigh thu barrachd orm na tha mi an comas fhulang. Tha thusa ag adhbharachadh gun co-obraich na h-uile nithean gu maith do chuid cloinne.
Dietrich Bonhoeffer (1906-45)
A Dhè thròcairich, ceadaich leantaileachd dhuinne – daoine truagh ann an àmhghar. Nar leigeadh gum biodh freumhan olc an fharmaid agus an droch-chàil a’ fàs annainn.
Slaod a-mach freumh olc an adhaltranais. Saor sinn bhon a bhith air ar treòrachadh dhan bhuaireadh aig an t-Sàtan. Ceadaich gràdh dhuinne dhar caraidean ’s dhar nàimhdean, airson gun lean sinn na do shlighean-sa, ar n-Athair, agus eisimpleir d’ Aon-ghin Mhic, Ìosa Crìosd.
Miles Coverdale, (1488-1568)
O Ìosa mhaith, Facal an Athair, soillse glòir an Athair, a tha ainglean a’ miannachadh coimhead air; teagasg dhomhsa do rùn a dhèanamh;
airson, air mo threòrachadh le do Spiorad mhaith, gum faodainn tighinn chun a bhaile bheannaichte sin far a bheil là sìorraidh ann agus far a bheil na h-uile de aon spiorad;
far a bheil sàbailteachd chinnteach agus soineantas shìorraidh air a ghlèidheadh agus sòlas shàmhach agus mìlseachd aoibhneil agus tlachd mhilis;
far a bheil thusa, leis an Athair agus an Spiorad Naomh beò agus a’ riaghladh, saoghal gun chrìch.
Griogair I (c. 540-604)
A De uile-chumhachdaich agus thròcairich,
as e neart nam muinntir a tha lag,
ath-ùrachadh nam muinntir a tha sàraichte,
comhfhurtachd dhaibhsan a tha brònach,
cuideachadh nam muinntir a tha air am buaireadh,
agus beatha nam muinntira tha a’ bàsachadh,
Dia na foighidinn agus nan uile chofhurtachd;
Is aithne dhutsa fìor mhath an laigse air an taobh a-staigh dhen nàdar againn, mar a tha sinn a’ crathadh ’s a’ critheanaich mu choinneamh cràidh, agus nach urrainn dhuinn crann a ghiùlain as aonais
do chuideachaidh dhiadhaidh agus do chumail suas.
Cuidich mi, a Dhè shìorraidh agus thruacanta, cuidich leam ann a bhith a’ sealbhachadh m’ anaim ann am foighidinn, airson dòchas nach crathar a chumail suas annadsa, airson an t-earbsa sin a tha coltach ri fear leanaibh a chumail a bhios a feuchainn ri cridhe Athair a lorg fon a chrann;
mar sin bi mi air mo neartachadh le cumhachd a-rèir do chumhachd ghlòirmhor, ann an uile fhoighidinn agus fhad fhulangas; bidh mi air mo dhèanamh an comas air cràdh agus buaireadh fhulang, agus ann am fìor dhoimhne m’ fhulangais, an comas do mholadh le cridhe aoibhneil.
Johann Habermann (1516-90)