Baisteadh

Taingealachd airson leanabh a bhith air a bhreith

O A Dhè uile-chumhachdaich agus shìorraidh, Athair as ro-thròcairiche, a chionn gu bheil am fìrean beò tro chreidimh, agus a chionn nach eil e an comas do dhuine sam bith thusa a thoileachadh gun chreideamh; tha sin ag ùrnaigh gun ceadaich thu dhan leanabh seo tiodhlac na creideimh, anns an dèan thusa seuladh agus anns am builich thusa dearbhadh ’s an Spiorad naomh, a-rèir geallaidh do Mhic; airson gum bi ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh air an taobh a-staigh air a shealltainn tron bhaisteadh air an taobh a-muigh, agus airson gum bi an leanabh air a adhlaiceadh le Crìosd a-steach do bhàs, agus air a thogail suas bhon a bhàs le Crìosd, gu moladh do ghlòir fhèin agus gu neartachadh spioradail a choimhearsnaich.
Miles Coverdale (1488-1568)