Beannachdan

Gun robh Dia an t-Athair gar beannachadh;
Gun robh Crìosd a’ gabhail ar cùram;
An Spiorad Naomh gar soillseachadh fad làithean ar beatha.
Gun robh an Tighearna na Fhear-dìon dhuinn
agus na neach glèidhidh airson a’ bhodhaig agus an t-anam,
an dà chuid an-dràsta agus gu sìorraidh,
gu aoisean nan aoisean.
Amen.
Aethelwold (c. 908-984)

Gum beannaicheadh an Tighearna thu,
Agus gun gleidheadh e thu;
Gun tugadh an Tighearna air a aghaidh dealrachadh ort,
Agus biodh e gràsmhor dhut;
Gun togadh an Tighearna suas a ghnùis ort,
Agus gun tugadh e sìth dhut.
Am Beannachadh Aaronach
(Leabhar nan Àireamh 6: 24-26)

Gun robh an Tighearna gad bheannachadh
agus gad chumail sàbhailte.
Gun robh an Tighearna ag adhbharachadh gun deàlraicheadh a ghnùis ort,
agus gum biodh e gràsmhor riut.
Gun tionndaidheadh an Tighearna
a aghaidh thugad,
agus gum builicheadh e a h-uile soirbheachadh ort.
Amen.
Iain Calbhainn (1509-1564)

Gun robh gràs Dhè an Athair
agus sìth ar Tighearna Ìosa Crìosd,
tro cho-chomann an Spioraid Naoimh,
a’ còmhnaidh còmhla rinn gu sìorraidh.
Iain Calbhainn (1509-1564)

Gun robh gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd còmhla ribh uile agus leis a h-uile neach anns a h-uile àite a air a bheil Dia air gairm troimhesan,
troimhe gun robh glòir, onair, cumhachd, mòralachd, agus rìoghachadh sìorraidh a’ dol
bho bhith-bhuantachd gu bith-bhuantachd. Amen.
Clement na Ròimhe (c. 30-c.95)

Gun Spiorad Naomh a tha gar naomhachadh, còmhla ris an Athair a rinn agus a chruthaich sinn, agus am Mac a shaor sinn,
gu robh aonair agus glòir air a thoirt,
saoghal gun chrìch. Amen.
Thomas Crammer (1489-1556)

Gum beannaicheadh an Tighearna
bhuan-mhaireannach sinn
Le beannachdan bhuan-mhaireannach.
Thomas Crammer (1489-1556)

Gun robh Easbaig mhòir ar n-anman,
Ìosa ar Tighearna,
a’ neartachadh ’s a cuideachadh ar cridheachan
a tha fo thrioblaid chun a leithid de dh’ìre,
le cofhurtachd chumhachdaich an Spioraid Naoimh,
is nach robh an cumhachd aig
air aon làimh aintighearnan talmhaidh, no àmhgharan saoghalta – airson ar ruag bho dhòchas
agus bhon a bhith a’ sùileachadh na rìoghachd sin,
a chaoidh ullachadh bhon toiseachd
airson an t-sluagh taghte,
le ar n-Athair nèamhaidh,
thuige a tha gach uile mholadh agus onair,
a-nis agus gu sìorraidh. Amen.
Iain Knox (c. 1513-1572)

Gun robh gràdh an Tighearna Ìosa
gar treòrachadh thuige fhèin;
Gun robh cumhachd an Tighearna Ìosa
gar neartachadh na sheirbheis fhèin;
Gun robh aoibhneas an Tighearna Ìosa
A’ lìonadh ar n-anman.
Gun robh beannachd Dhè uile-chumhachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
nur measg agus a’ fantainn còmhla ribh an còmhnaidh.
As dèidh Uilleam Teampall (1881-1944)

Gun robh Dia cumhachdach Iàcoib còmhla riut
gus a’ bhuaidh fhaighinn thairis air a nàimhdean,
agus gun robh e a’ toirt fàbhar Iòsaiph dhut.
Gun robh ghliocas agus spiorad Stèphein
còmhla ri do chridhe ’s còmhla ri do bheul,
is a’ teagasg dhad bhilean dè a chanas iad,
agus ciamar a fhreagras thu na h-uile nithean.
Is esan ar Dia, ma tha sinn eu-dòchasach mu ar deidhinn fhèin
’s ag earbsa annsan;
agus is ann leis fhèin a tha a’ ghlòir.
Uilleam Tiodhndahl (c. 1491-1536)

Gun robh beannachd an Dè uile-chumhachdaich,
an Athair, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh,
a’ laighe oirnne agus air ar n-obair gu lèir
a tha air a dhèanamh na ainm-san.

Gun robh esan a’ toirt
solas dhuinn airson ar treòrachadh,
misneachd airson ar cumail suas,
agus gràdh airson ar n-aonadh,
an-dràsta agus gu sìorraidh.
Amen.
Ùghdar neo-aithnichte

Gun robh gràdh an Athair gar cuartachadh,
Gliocas a Mhic gar soillseachadh,
Teine an Spioraid gar lasadh;
Agus gun robh beannachd an Trianaid Dia a’ laighe oirnn,
Agus a’ fantainn còmhla rinn,
An-dràsta agus gu sìorraidh.
Amen.
Ùghdar neo-aithnichte

Beannaich na h-uile a tha ag adhradh riut,
Bho èirigh na grèine
Gu dol sìos an aoin sin fhèin.

A-mach à do mhaitheas – thoir dhuinn;
le do ghràdh – deachdaich sinn;
tro do Spiorad – treòraich sinn;
tro do chumhachd – dèan dìon oirnn;
na do thròcair – gabh ruinn,
a-nis agus gu sìorraidh. Amen.
Ùghdar neo-aitnhichte bhon Chòigeamh Linn

Gun robh an rathad ag èirigh airson do choinneachadh,
Gun robh a’ ghaoth an còmhnaidh aig do chùl,
Gun robh a’ ghrian a’ deàrrsadh gu blàth air d’ aghaidh,
Gun robh an t-uisge a’ tuiteam gu socair air do raointean,
Gun robh Dia ga do chumail ann an lag a làimh.
Ùrnaigh Ghàidhlig Thraidiseanta.

Glòir dhutsa, A Thighearna,
Glòir dhutsa, A Aoin naoimh,
Glòir dhutsa, A Rìgh!
Iain Chrysostom (c. 347-407)