Beò cuide ri Ìosa

Na fàg mi, agus na dìobair mi gu bràth,
Bi an còmhnaidh nad charaid dhomhs’.
Tha feum agam ort bho thoiseachd beatha,
Gus a chrìch aice cuideachd.

Stèidhichte air ùrnaigh le W. J. Mathams (1842-1906)


Ìosa, charaid chloinne bige,
Bidh nad charaid dhomhs’.
Gabh mo làmh agus glèidh an còmhnaidh
Mise faisg ort fhèin.

Stèidhichte air ùrnaidh le W. J. Mathams (1842-1906)

A Thighearna,
Thoir dhomh gum faic mi do ghlòir,
Anns a h-uile àite.
Amen.

Michelangelo (1475-1564)


A Thighearna Ìosa fan còmhla ruinn an còmhnaidh,
Dèan ar mòmaidean uile sìtheil is soilleir
Cuir ruaig air oidhche dhorch a pheacaidh,
Sgaoil tron t-saoghal do sholas naomh.

Ùrnaigh Laidinn, 12mh linn

Crìosd gun robh còmhla rium, Crìosd gun robh nam bhroinn,
Crìosd gu m’ chùl, Crìosd air thoiseachd orm,
Crìosd ri m’ thaobh, Crìosd airson mo bhuannachadh,
Crìosd airson mo chofhurtachadh agus m’ ath-aiseag,
Crìosd fodham, Crìosd as mo chionn,
Crìosd ann an sàmhchair, Crìosd ann an cunnart,
Crìosd ann na cridheachan nan uile aig a tha gràdh dhomh,
Crìosd ann am beul caraid agus coigrich.

Uchd-Èideadh Phàdraig