A Thighearna Dia, cuidich leam gus a bhith a’ feuchainn ri nithean mòra a dhèanamh air do shon-sa,
agus gus a’ bhith a’ sùileachadh nithean mòra bhuat. Amen.
Stèidhichte air ùrnaigh William Carey (1761-1834)
A Thighearna Dia, an uair a bheir thu dha d’ sheirbheisich
a bhith a’ strì ann an gnothaich mòr sam bith,
ceadaich dhuinn cuideachd gum biodh fios againn
nach e an tòiseachadh, ach an cumail a’ dol aig an aon sin
chun deireadh – gus am bi e uile gu lèir coileanta –
a tha a’ buileachadh an fhìor ghlòir;
troimhesan a leag sìos a bheatha airson d’ obair-sa a choileanadh,
ar Fear-saoraidh, Ìosa Crìosd.
Sir Francis Drake (c. 1540-96)
A Thighearna, leig leam sìth a thoirt gu feadhainn eile;
Far a bheil fuath, leig leam gràdh a thoirt leam;
Far a bheil leòn, leig leam maitheanas a thoirt leam;
Far a bheil amharas, leig leam creideamh a thoirt leam;
Far a bheil eu-dòchas, leig leam solas thoirt leam;
Far a bheil bròn, leig leam aoibhneas a thoirt leam…
Amen.
Francis Assisi (1181-1226)
Athair treòraich mi, là thar là,
An còmhnaidh na do shlighe mhilis fhèin.
Teagasg dhomh a bhith fìor-ghlan is fìor
Seall dhomh de bu choir dhomh a dhèanamh.
Amen.
John Page Hopps (1834-1919)