Beusalach

Nar leigeadh gum biodh aoibhneas agam ann an ni
ach na nì treòrachadh thugadsa,
no gum bithinn fo bhròn mu nì
ach na threòraicheas air falbh bhuatsa;
nar leigeadh gum bithinn a’ sireadh a bhith a’ toileachadh,
no gum biodh eagal orm a bhith a mì-thoileachadh,
aon sam bith ach thusa a-mhàin.
Gun robh na h-uile nithean a tha a’ dol seachad
a’ fàs gràineil na mo shùilean, A Dhè,
agus gum biodh a h-uile nì as leatsa prìseil dhomh air do shon-sa, agus thusa, O mo Dhia, tha thu as an cionn gu lèir.
Amen.
Tòmas Aquinas (1225-1274)

Ceadaich nach fàillig mi no nach tionndaidh mi,
fear seach fear, ann an saoibhreas no ann cruadal; nach tog aon dhiubh suas mi
agus nach cath am fear eile sìos mi.
Leig leam taing a thoirt dhutsa na mo shaoibhreas, agus m’ fhoighidinn a ghlèidheadh ann an cruadal.
Tòmas Aquinas (1225-1274)

Gun robh a h-uile aoibhneas buaireasach dhomh a tha as d’ aonais fhèin,
agus na miannaichinn nì sam bith a tha dealaichte bhuatsa.
Gun robh m’ obair air fad agus mo shaothair a’ toirt aiteas dhomh, a tha air do shon-sa,
agus a h-uile suaimhneas sàraichte , nach eil annadsa.
Ceadaich dhomh, A Dhè, an còmhnaidh
a bhith a’ togail mo chridhe suas thugad fhèin,
agus a bhith a’ toirt gu mo chuimhne, le bròn,
mo mhòran theachdan-gèarr,
le làn rùn a bhith gan cuir ceart. Amen.
Tòmas Aquinas (1225-1274)

Thoir dhòmhsa, A Dhè,
gum bi mi umhail gun ghearain,
bochd gun a bhith frionasach,
geamnaidh gun smàl,
foighidneach gun bhrunndail,
iriosal gun leigeil orm,
aoibhneil gun a bhi faoin,
fo eagal gun a bhith dìblidh,
fìrinneach gun atharrachadh cruth,
buailteach a bhith ri obraichean mhatha
gun a bhith a’ gabhail orm fhèin,
dìleas airson mo choimhearsnach a chronachadh
as aonais àrdanais,
agus an còmhnaidh deiseil airson a thogail suas
tro Fhacal agus eisimpleir gun leigeil orm.
Tòmas Aquinas (1225-1274)

Thoir dhomh, A Dhè,
cridhe a bhios an còmhnaidh ri faire, nach threòraich beachdachadh innleachdach sam bith air falbh bhuat fhèin. Thoir dhomh cridhe uasal, nach bi càil neo-airidh sam bith an comas a dhraghadh sìos chun na talmhainn.
Thoir dhomh cridhe dìreach, nach bi rùn mi-dhùrachdach sam bith an comas a chlaonadh.
Thoir dhomh cridhe daingeann, nach bi trioblaid sam bith an comas a phronnadh no a cheannsachadh.
Thoir dhomh cridhe saor, nach bi càil thruaillidh no bras an comas a thagairt dha fhèin.
Tòmas Aquinas (1225-1274)