Buaireadh

Neartaich mo bheatha, A Thighearna,
an aghaidh a h-uile buaireadh,
agus tionndaidh mo nàmhaid air falbh bhuam
air a nàrachadh agus na bhreisleach
a h-uile uair a ghabhas e ionnsaigh orm.
Neartaich a h-uile ceum
a th’aig m’ inntinn ’s mo theanga,
agus a h-uile gluasad aig mo bhodhaig.
Iain Criosostam (c. 347 – 407)


A Thighearna, ar n-Athair nèamhaidh
a tha ag òrdachadh ann an aimhreitean:
irioslachd ann an co-fhurtachdan,
leantalas ann am buairidhean,
agus buaidh thairis air ar n-uile nàimhdean spioradail.
Ceadaich bròn dhuinn airson ar peacaidhean,
taingealachd airson do shochairean,
eagal mu do bhreitheanas,
gràs airson do thròcairean,
agus mothachadh mu do làthaireachd;
an-dràsta agus gu bràth tuilleadh.
John Cosin (1594-1672)

A Thighearna, is aithne dhutsa na h-uile nithean a tha a’ laighe mu ar coinneamh, an dà chuid de dhleastanas is de bhuaireadh. Glèidh sinne, tha sinn ag ùrnaigh, bho na h-uile nithean a tha leònmhor dhan bhodhaig agus dhan anam.
Neartaich annainne a h-uile ni a tha airidh air moladh agus fìor, agus ceadaich nach tig nì eadar sinne agus do làthaireachd naomh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.
John Hunter (1849-1917)

Ar n-Athair, mar leigeadh gum biodh an saoghal gar dealbh-ne an-diugh, ach gum biodh sinne cho làidir is gun cuidicheadh sinne
gus a’ bhith a’ dealbh an t-saoghail;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.
J. H. Jowett (1864-1923)

O mo Shlànaighear, na leig leam tuiteam beag air bheag,
no a bhith a’ smaoineachadh mu mo dheidhinn fhèin gu bheil mi an comas a bhith a’ toirt cead do pheacadh aithnichte sam bith
a chionn gu bheil e a’ coimhead cho suarach.
Cùm mi bho thoiseachd-tòiseachaidhean pheacach, gun fhiosta nach threòraich iad air adhart mi gu crìochan dhòrainneach.
C. H. Spurgeon (1834-1892)

A Thighearna Ìosa, smaoinich ormsa
An uair a dhòirteas an doinnean àrd
An uair a tha an nàmhaid a ruith air adhart
O a Shlànaigheir, bi thusa faisg!
Synesius Cryrene (375-450)

O Athair nèamhaidh, ceannsaich annamsa
ge b’ e dè a tha an aghaidh do rùin naoimh.
Ceadaich gum bithinn an còmhnaidh
ag oilean airson a bhith eòlach air do rùn,
gus am bi fios agam ciamar a thoilicheas mi thu.
Ceadaich, A Dhè, nach ruithinn gu bràth
a-steach dha na buairidhean sin a tha mi,
nam ùrnaighean,
a’ miannachadh a sheachnadh.
A Thighearna na ceadaich dhomh gu bràth
gum biodh mo dheuchainnean as cionn mo neart.
Thomas Wilson (1663-1755)