Caraidean

O A Thighearna bheannaichte, a tha air àithne dhuinn a bhith a’ gràdhachaidh a chèile, ceadaich an gràs dhuinne – as dèidh dhuinn do shaoibhreas a shealbhachadh, air nach robhar airidh, gun gràdhaich sinn a h-uile neach annadsa agus air do shonsa.
Tha sin ag ùrnaigh airson d’ iochd airson a h-uile neach;
ach gu sònraichte airson na caraidean a tha do ghràdh air a thoirt dhuinn. Gràdhaich iadsan, a Fhuarain a ghràidh, agus thoir dhaibh gun gràdhaich iadsan thusa le an uile chridheachan, airson gun rùnaich, agus gun labhair, agus gun dèan iad
na nithean sin a-mhàin a tha toileach dhutsa.

Anslem (1033-1109)

Ceadaich, A Thighearna, gun cum sinn faire gun stad thairis air ar smuaintean agus ar dèighean, airson nach threòraich iad gu sìorraidh sinn dhan a pheacaidh; airson gum bi sinn beò ann an gràdh foirfe leis a chinne-daonna gu lèir, ann an càil leothasan a tha gar gràdhachaidh, agus ann a’ maitheadh nam muinntir sin, ma tha a leithid ann, a tha gar fhuathachadh.
Thoir dhuinn caraidean mhatha agus le dèagh bheusan.
Ann an ainm ar Tighearna beannaichte
agus ar Slànaighear Ìosa Crìosd.

Warren Hastings (1732-1818)