Teagasg dhomh, A Thighearna Dia,
A bhith a’ dèanamh a h-uile nì
A nì mi an-diugh,
Mar gum bithinn ga dhèanamh dhut fhèin.
George Herbert (1593-1633)
Là thar là, a Thighearna phrìseil,
tha mi ag ùrnaigh airson trì nithean bhuatsa –
a bhith nas eòlaiche ort ann an dòigh nas soilleire,
a bhith ga do ghràdhachadh le barrachd gràidh,
a bhith gad leantainn ann an dòigh nas dlùithe.
Là thar là.
Amen.
Stèidhichte air ùrnaigh le Richard Chichester (1197-1253)
Tha mi ag èirigh an-diugh le cumhachd Dhè airson mo threòrachadh,
Spionnadh Dhè airson mu chumail suas,
Gliocas Dhè airson sùil a chumail thairis orm,
Cluais Dhè airson mo chluinntinn,
Facal Dhè airson cainnt a thoirt dhomh,
Làimh Dhè airson mo dhìon,
Slighe Dhè airson laighe mu mo choinneamh,
Sgiath Dhè airson fasgadh a thoirt dhomh,
Feachd Dhè airson mo theasraiginn
An aghaidh ribidhean an diabhail agus buairidhean an t-saoghail,
An aghaidh a h-uile duine a bhios na mheadhan airson mo leòn,
Ge b’ e fad air falbh no faisg.
Uchd-Èideadh Phàdraig.