Deiscioblachd

A Ìosa, tha thu air mo choisrigeadh gu aon taobh bhon t-saoghal; dè, mar sin, a shireas mi ann?
Tha thu air mo cruthachadh airson nèamh; dè, mar sin a th’agam ri dhèanamh leis an t-saoghal?
Air falbh bhuam a shaoghail chealgaich, le d’ fhàoineasan! Bhon àm seo a-mach leanaidh mi slighe a chroinn-ceusaidh a dhealbh m’ Fhear-saoraidh a-mach dhomh, agus ni mi mo shlighe air adhart gu mo dhachaigh nèamhaidh,
airson a bhith a’ fuireach an sin gu bràth is gu sìorraidh.
Naomh Francis (1181-1226)

O m’ Ìosa, ghiùlain thusa m’ eallach agus cuideam trom mo pheacaidhean. Am bu choir, air sgath sin, nach fhulainginn eallach an aonaidh leatsa, m’ eallach fhurasta de dh’ fhulangas agus a bhith a’ gabhail ri cuing mhilis d’ àithntean?
Tha do chuing milis agus d’ eallach aotrom:
tha mi mar sin a’ gabhail ris gu deònach.
Togaidh mi suas mo chrann agus leanaidh mi thusa.
Naomh Francis (1181-1226)