Dìcheall

Ceadaich, A Thighearna, fhad ’s a tha sinn a’ dol air adhart aon uair eile gu ar saothair làitheil gun robh sinn a’ cuimhneachadh na fìrinnean a dh’ionnsaich sinn, agus gun coileanadh sinn na rùintean-sheasmhach a rinn sinn air do là naomh.
Glèidh sinn bho ar peacaidhean a tha gar cuartachadh, agus neartaich sinn gus a bhith a’ dèanamh do rùn naomh, airson nach dìochuimhnich sinn gu bràth cò leis a tha sinn agus cò dha a tha sinn a’ dèanamh seirbheis; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.

William Walsham How (1823-97)