Madainn
Meòraichibh air mar a tha lilidhean nan achaidhean a’ fàs; cha shaothraich iad ’s cha shnìomh iad, ach tha mise ag ràdh ribh nach robh fiù ’s Solamh, na ghlòir gu lèir, air èideadh mar aon dhiubh seo. (Mata 6: 28 – 29)
Taing dhut, a Dhè, airson mo dhùsgadh agus cothrom èirigh. Mar a tha mi a’ cur aodaich air mi chorp, cuir thusa sgàil do thròcair thairis air m’ anam. Agus mar a tha blàths na grèine a’ togail ceò bho na cnuic, tog ceò m’ as-creidimh le blàths do ghràidh.
Amen.
Feasgar
Tha mi a’ sgrìobhadh thugaibhse, a chlann bheaga, oir tha ur peacaidhean air am mathadhair sgàth ainme‑san. (1 Eòin 2: 12)
O Ìosa, gun pheacadh, Rìgh nèimh agus na talmhainn, Slànaighear an t-saoghail, cuartaich sinn a-nochd led ghràdh… (bràthair agus piuthar, athair agus màthair, seanair agus seanamhair). Taing dhut airson biadh is aodach agus mo dhachaigh le a bhlàths. Beannaich luchd mo ghràidh gus do chlann anns gach àite. Cruthaich annamsa cridhe glan, a Dhè.
Amen.