Dihaoine na Ceusta

A Thighearna tha thu a’ dol leat fhèin gu d’ ìobairt.
Tha thu gad thagradh fhèin gu bàs, a thàinig thusa airson a sgrios.
Dè as urrainn do pheacaich thruagh mar sinne a thagradh,
a tha a’ tuigsinn gur h-ann airson na gnìomhan a rinn sinne
a tha thu a’ dèanamh rèite?
’S ann leinne a tha a chiont, A Thighearna.
Ciamar mar sin a dh’fheumas tusa cràdh fhulang airson ar peacaidhean?

Thoir dha ar cridheachan gum biodh iad a’ gabhail roinn na d’ fhulangas gus a leithid de dh’ ìre is gun toireadh
ar co-fhulnagadairean cuireadh dha do thròcair.
Is e seo oidhche na deòir, agus na trì làithean mulaid, gus am bris an là leis a Chrìosd a dh’èirich, a’ toirt aoibhneis thucasan a tha ri bròn.
Gun robh sinne a’ fulang còmhla riutsa, a Thighearna chun na h-ìre is gum faod sinn pàirt a ghabhail na do ghlòir,
airson gun tèid na trì làithean bròin againne seachad
agus gun tig e gus a bhith na d’ aoibhneas Càisge.
Peadar Abelard (1079-1142)


A Thighearna Ìosa Crìosd, as e am fear,
airson an t-saoghal uile a shaoradh,
a chaidh suas air a’ chrann-ceusaidh,
agus chaidh an saoghal gu lèir
a thionndadh gu dorchadas,
ceadaich an còmhnaidh an solas sin dhuinne,
an dà chuid ann am bodhaig agus ann an anam,
troimhe a shealbhaicheas sinn a bheatha shìorraidh;
a tha cuide ris an Athair agus an Spiorad Naomh
beò agus a’ riaghladh, Aon Dia,
saoghal gun chrìch.
Amen.
Naomh Ambrose

Thighearna, tron chomharra mhilis agus shaorachail seo
Dèan dìon oirnn bho na nàimhdean againne agus an fheadhainn agadsa.

Ìosa, tro do chasan a chaidh an lotadh,
Treòraich ar slighe gu ceart.
Ìosa, tro do làmhan tron deachaidh tàirnean,
Gluais ar gnìomhan gràidh:
Ìosa, tro do chliathaich a chaidh a lotadh
Glan ar miannan:
Ìosa, tro do chrùn de dhroighinn,
Cur às dha ar pròis:
Ìosa, tro do shàmhchair
nàraich ar gearain:
Ìosa, tro do bhilean thartmhor,
Cuir stad air ar briathran an-iochdmhor:
Ìosa, tro do shùilean a’ dhùnadh,
Na seall tuilleadh air ar peacadh:
Ìosa, tro do chridhe briste,
Snìomh am fear againne riut fhèin.

Agus tron chomharra mhilis agus shaorachail seo,
A Thighearna, threòraich sinne gu do shìth-sa ’s am fear againne.
Richard Crashaw (1613-1649)

Tha mi a’ toirt glòir dhut, A Chrìosd, a chion gun do ghèill thusa,
an t-Aon-ghin, Tighearna nan uile, ri bàs a chroinn-ceusaidh
airson m’ anam-peacachsa a shaoradh bho shlabhraidhean a pheacaidh.
Dè a bheireas mi dhut, a Thighearna, mar dhìoladh airson a choibhneis seo?

Glòir dhutsa, A Thighearna,
airson do ghràdh, airson do thròcair, airson d’ fhoighidinn.
Glòir dhutsa, airson ar peacaidhean a mhaitheadh, airson tighinn gus ar n-anman a theasairginn,
airson do chorp-ghabhail ann am broinn na h-òigh.
Glòir dhutsa airson do bhannan, airson lotadh na h-iall-sgiùirsidh a ghabhail,
airson gabhail ris a mhaghadh.
Glòir dhutsa airson do cheusadh, airson d’ adhlaiceadh, airson d’ aiseirigh.
Glòir dhutsa airson d’ aiseirigh, airson a bhith air do theagasg do dhaoine,
airson a bhith air do ghabhail suas a nèamh.
Glòir dhutsa a tha a’ suidhe aig deas-làimh an Athair agus a thilleas ann an glòir.
Glòir dhutsa airson rùnachadh gum biodh am peacach air a shaoradh
tro do mhòr thròcair agus do thruas.
Ephraem Shirianach (c. 306-373)

A Thighearna, fhuair thusa maslachaidhean gun àireamh bhuapasan a bha toibheumach riut, ach a dh’ aindeoin sin gach là tha thu a’ saoradh anman a tha ann am braighdeanas fo ghreim an t-seann nàmhaid.
Cha do tionndaidh thu d’ aghaidh bhon a smugaid chuilbheartach, ach a dh’ aindeoin sin tha thu a’ glanadh ar n-anman ann an uisgeachan slàinte.
Ghabh thu ris an sgiùrseadh gun bhrunndail, ach a dh’ aindeoin sin tro d’ obair mar eadar-mheadhanair tha thu gar saoradh bho chronachaidhean gun chrìch.
Dh’ fhulaig thu droch-làimhseachadh dhen a h-uile seòrsa ach a dh’ aindeoin sin tha thu ag iarraidh roinn a thoirt dhuinn ann an còisirean nan aingeal ann an glòir sìor-mhaireannach.
Cha do dhiùlt thu a bhith air do chrùnadh le crùn dhroighinn, ach a dh’ aindeoin sin tha thu air ar saoradh bho lotan a pheacaidh.
Na do phàthadh ghabh thu ris an t-searbhachd aig an fhìon-gheur, ach a dh’ aindeoin sin tha thu gad ullachadh fhèin airson ar lìonadh le toileachais sìorraidh.
Dh’fhan thu sàmhach fon an urram mhagaideach a thug do luchd-cuir gu bàs dhut, ach a dh’ aindeoin sin tha thu a’ tagradh ris an Athair air ar son ged a tha thu co-ionnan ris ann an dhiadhachd.
Thàinig thusa a bhlasad bàis, ach a dh’aindeoin sin bu tusa a bheatha agus bha thu air tighinn airson a thoirt gu na mairbh.
Amen.
Gregory I (c. 540-604)

O mo phrìomh mhaith,
Ciamar a thomhaiseas mi a-mach d’ fhuil?
Ciamar a ni mi cunntadh air na thachair dhut,
Agus innse mun a h-uile dòrainn?

An àireamh mi d’ àmhgharan
A rèir na bha agad de nàimhdean?
No bhon a dh’fhoillsich aon rionnag do chiad anail
An dèan iad uile do bhàs?
George Herbert (1593-1633)

O mo Shlànaigheir, togte
Bhon talamh air mo shon,
Treòraich mi na do thròcair
Nas fhaisge ort fhèin.

Tog mo mhiannan saoghal-cheangailt’,
Suidhich iad, A Thighearna gu h-àrd;
Treòraich mise leis a mhagnait
Aig do ghràdh ro-chumhachdach.

Agus tha mi a’ tighinn, A Thighearna Ìosa,
An toireadh dùbhlan leam tionndadh air falbh:
Cha toireadh, tha do ghràdh air buadhachadh,
Agus tha mi tighinn an-diugh.
William Walsham How (1823-97)

A Thighearna, na do mhòr thròcair, cùm sinne bhon a bhi a dìochuimhneachadh na dh’ fhulaig thu air ar son ann am bodhaig agus ann an anam.
Nar leigeadh gum biodh sinne air ar treòrachadh tro chùraman na beatha seo bho Ìosa ar Caraid ’s ar Slànaigheir, ach gu làitheil gun robh sinn a’ fuireach nas fhaisge air a chrann aige.
Hedley Vicars (1826-55)