Diluain

Madainn

Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Sìth dhuibh! Mar a chuir an t‑Athair a‑mach mise, mar sin tha mise cuideachd gur cur‑se a‑mach.” (Eòin 20: 21)

A Thighearna, cuir mise a-mach an-diugh le do shìth,
Far a bheil fuath a’ cur gràidh,
Far a bheil cron, tròcair,
Far a bheil mi-chòrdadh, rèite,
Far a bheil teagamh, creideamh,
Far a bheil eu-dochas, misneachd,
Far a bheil dorchadas, solas,
Far a bheil bròn, aoibhneas.
Amen

Feasgar

Glèidh mi mar chloich na sùla, fo sgàil do sgiathan falaich mi. (Salm 17: 8)

A Thighearna, dèonaich gum bi mi a’ toirt cofhurtachd, an àite bhith ag iarraidh cofhurtachd;
gum bi mi ullach gu èisteachd, an àite a bhith ag iarraidh èisteachd;
gum bi mi a’ gràdhachadh an àite a bhith ag iarraidh gràidh.
Oir is ann nar fèin-àicheadh a tha sinn gar lorg fhèin,
ann a bhith tròcaireach a gheibh sinn tròcair,
agus ann am bàsachadh a tha sinn air ar breith anns a’ bheatha mhaireannaich.
Amen.