Dòchas

Annadsa, A Thighearna Ìosa, a tha mise air mo dhòchas a chuir;
Na leig leam a bhith air mo chuir troimhe chèile gu bràth.
Is tusa a-mhàin a tha math.
Is tusa a-mhàin a tha cumhachdach.
Is tusa a-mhàin a tha sìorraidh.
Thugadsa a-mhàin gun robh onair agus glòir,
Gràdh agus taingealachd
Gu bràth is gu sìorraidh.
Peter Julian Eymard (1811-68)

Gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd
a’ fosgladh na sùilean againn uile, airson gum faic sinn
an dòchas bheannaichte thuige a tha sinn air ar gairm;
airson gun glòirich sinn uile-gu-lèir an aon Dia
agus Ìosa Crìosd, a chuir e sìos thugainn bho nèamh,
thuige, cuide ris an Athair agus an Spiorad Naomh gun robh gach onair agus glòir air a thoirt
gu fàd rè na shìorraidheachd.
John Jewel (1522-71)