Gliocas

A Thighearna mhilis, leig Gliocas ma sgaoil
bho chathair do mhòralachd
airson gum bi e:
còmhla ruinn,
a’ saothrachadh còmhla ruinn,
ag obair còmhla ruinn,
a’ bruidhinn annainn.

Gun robh e, a-rèir do thoil mhaith,
a’ stiùireadh ar smuaintean, ar briathran,
agus ar n-uile obraichean is chomhairlean,
gu onair d’ ainm-sa,
gu buannachd na coimhearsnachd,
agus gu ar slàinte-ne.
Tro ar caraid Ìosa Crìosd, thuige,
còmhla riutsa ’s an Spiorad Naomh,
gun robh onair agus glòir tro na h-uile h-aoisean.
Amen.
Aelred à Rievaulx (1109-1167).

A Dhè, builich an t-soineanntas ormsa
a ghabhas ri na rudan
nach urrainn dhomh atharrachadh,
am misneachd airson a bhith ag atharrachadh
na rudan as urrainn dhomh,
agus an gliocas a dh’aithnicheas
an t-eadar-dhealachadh.
Reinhold Niebuhr (1892-1971).