Gum biodh a h-uile duine eòlach air Dia

A Thighearna Ìosa, a shìn a-mach gàirdeanan do ghràidh air fiodh cruaidh a chroinn-ceusaidh, airson gum b’urrainn dha na h-uile dhaoine tighinn air taobh a-staigh do ghlacaibh saoraidh, gun robh thu gar n-èideadh na do Spiorad fhèin, airson gum biodh sinne, a’ sìneadh a-mach ar làmhan ann an saothair ghràdhach airson feadhainn eile, an comas an fheadhainn sin aig nach eil aithne ortsa a thoirt leinn, gu eòlas agus gràdh dhutsa, a tha leis an Athair
agus an Spiorad Naomh
beò agus a’ riaghladh,
aon Dia.
Charles Henry Brent (1862-1929)


A Dhè, a tha de dh’aon fhuil air uile dhùthchannan dhaoine a dhèanamh airson a bhith a’ fuireach air aghaidh na talmhainn,
agus a chuir do Mhac beannaichte, Ìosa Crìosd, airson sìth a theagasg dhaibhsan a tha fad’ às,
agus dhaibhsan a tha faisg;
deònaich gun robh uile dhaoine an t-saoghail a’ faireachdainn as do dhèidh agus ga do lorg;
Cuir cabhaig, A Dhè, ri do ghealladh-sa a bhith a’ dòrtadh do Spioraid air a h-uile feòil,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
George Edward Cotton (1813-66)

Tha mi ag ùrnaigh thugadsa, Tighearna Dia Abrahàim, Isaaic agus Iàcoib, Athair ar tighearna Ìosa Crìosd.
Tha tusa neo-chrìochnach ann an tròcair, agus ’s e do rùn-sa gun ionnsaicheadh sinne eòlas a bhith againn ort.
Chruthaich thu nèamh agus an talamh,
tha thu a’ riaghladh thairis air na h-uile.
Is thusa an fhìor, an aon Dia, agus chan eil Dia eile as do chionn. Ceadaich, tro ar tighearna Ìosa Crìosd agus tro obrachadh an Spioraid Naoimh, gun tigeadh na h-uile gus a bhith a’ cur eòlais ort, oir is tusa a-mhàin Dia.
Leig leotha neart a tharraing bhuatsa agus gun robh iad air an glèidheadh bhon a h-uile teagasg a tha saobh-chreidmheach no as aonais Dhè.
Irenaeus (c. 130 – c. 200)