A’ dlùthachadh ri Dia

L.M. LAOIDH 1

1 Gach uile shluagh air thalamh tha,
Seinnibh le iolach àrd do Dhia;
Le aoibhneas dèanaibh seirbheis dha,
’S le binn-cheol àrdaichibh an Triath.

2 Tuigibh gur Dia Iehòbha treun,
’S e mhàin a chruthaich sinn ’s a dhealbh;
Mar shluagh ’s mar chaoirich fòs dha fhèin,
Is leis-san sinn gu lèir mar shealbh.

3 Le buidheachas na làth’r a-steach,
Na gheat’an àlainn thigibh dlùth;
Togaibh an cùirtean naomh’ a theach,
Dha ainm-san moladh àrd is cliù.

4 Oir tha an Tighearn’ math gu fìor,
Gu bràth cha dìobair tròcair Dhè;
Bidh fhìrinn maireannach gu sìor,
Gun chaochladh buan o rè gu rè.

C.M. LAOIDH 2

1 Dhè Bheteil, led làimh thoirbheartaich
’S tu bheathaich d’ Isr’el fhèin,
’S a threòraich feadh an turais sgìth.
Ar sinnsearan gu lèir.

2 Ar bòid ’s ar n-ùrnaigh nis a tha
Aig làth’r do chathair ghràis;
O Dhia ar n-aithrichean, bi ’d Dhia
Dhan ginealach gu bràth.

3 Tro cheuman dorch ar beatha bhos,
O treòraich thusa sinn,
’S o là gu là ar n-èideadh-cuirp
’S ar teachd-an-tìr thoir dhuinn.

4 Fo sgàil do sgèith O dèan ar dìon
Gu crìoch ar seachrain sgìth;
Is thoir dhar n-anman fois fa-dheòidh,
Nad chòmhnaidh shuas an sìth.

5 Na tiodhlacan seo, Dhè nan Gràs,
Thoir dhuinn od làimh gu fial;
’S is tu ar cuibhreann is ar Dia,
Air feadh gach linn is ial.

L.M. LAOIDH 44

1 Leag Dia na theampall, bhos gu leòir
De bhunaitean air son a ghlòir’;
Tha pàillean lacoib taitneach dha,
Ach ann an Sìon ’s fheàrr leis tàmh.

2 Tha tròcair caomhail ris gach taigh
’Tha-ghnàth ri adhradh fìor air leth;
Ach nì e tàmh na ’s taitnich dhuinn,
An eaglaisean na ’ainm tha cruinn.

3 Cia lìonmhor glòir chaidh chur an cèill,
Mu Shìon is mu làithean-fèill!
A bhaile naoimh ar Dia a bhos,
Mu d’ mhaise gheibh gach cinneach fios.

4 Trath chunntas Dia a suas gu caomh,
Na ghineadh air an t-sliabh ro naomh,
Bidh e na onair feadh gach linn,
Gun d’ iompaichear gu Crìosd ’s a’ bheinn.

C.M. LAOIDH 46

1 Cia taitneach dhòmhs’ an t-ionad naomh
’S a bheil mo Dhia a-ghnàth!
Nach nèamh a bhith fo shoills’ a ghnùis,
Na ’theampall bhos air làr!

2 An sin tha Dia Iehòbha Mòr
A’ nochdadh meud a ghràis,
’S tha solas ’deàlradh oirnn a steach,
’S a’ sgapadh dubh-neòil bàis.

3 Le thìodhlacan tha ’n Spiorad Naomh,
Mar dhrùchd a’ teachd a-nuas,
’S tha Crìosd a’ taisbeanadh a ghràidh,
’S ga sgaoileadh measg a shluaigh.

4 An sin tha d’ fhacal, a thì naoimh,
A’ cur an cèill do rùin;
O deònaich dhuinn do thròcair phailt,
Is molaidh sinne thu.

5 Aig dorus d’ ionaid naoimh, a Dhè,
Dh’fheithinn, is Crìosd a-staigh;
Mo roghainn seo dhen chruinne-chè,
’S a shòlasan fa-leth.

6 Is fheàrr aon là dhe d’ adhradh fhèin
Na mìle ’n aoibhneas baoth;
B’ fheàrr leam an t-àit’ is isle ’d theach
Na àgh is neart an t-saogh’l.

7 An domhan uile ged bu leam,
Le ’chuan ’s lo ’fhonn gu lèir,
An t-iomlan bheirinn seach gu luath,
Air ghaol bhith ghnàth leat fhèin.

11.11.11.11. LAOIDH 52

1 Mo Dhia, ’s i do thròcair tha dhomh na bun-sgèil,
Na h-aoibhneas dham chridhe, ’s na h-uaill ann am bheul;
Do shaor-ghràs gu h-iomlan, o thoiseach gu crìch,
Air m’ aigne thug buaidh ’s chuir mo chridhe fo chìs.

2 As eugmhais do thròcair chan fhaodainn bhith beò,
Oir peacadh, gun dàil, dhèanadh m’ fhàgail gun treòir;
Ach tro do shaor-mhaithis chùm thusa mi suas,
’S an tì sin a dhealbh mi bheir esan dhomh buaidh.

3 Tha doras do thròcair-sa fosgailt’ gach là,
Don bhochd is don fheumach a bhuaileas gach tràth;
Is peacaich thruagh, chìocrach, à Ìosa nì bun,
Nior chuir e uaith falamh, ’s am feasta cha chuir.

4 Do thròcair an Crìosd nì mo shaoradh o thruaigh,
À glòir bidh mi seinn, ’s air a h-ioghnadh a’ luaidh;
’S e Ìosa, m’ fhear-tagraidh, a cheusadh am àit’,
An t-slighe ’s an fhirinn nach dìobair gu bràth.

C.M. LAOIDH 53

1 Dhar Dia rinn nithe mìorbhaileach,
Gu sìorraidh gu robh glòir;
’S e ghàirdean treun thug buaidh a-mach,
’S a dh’obraich slàinte mhòr.

2 Dhàsan a thaisbean dhuinn a ghràdh,
Gu bràth biodh moladh nuadh,
Oir rinn e air na cinnich gràs;
A shlàinte chì gach sluagh.

3 Choilean e ’ghealladh naomh o shean,
Le fìrinn is le gràs;
’S do dh’uile shlòigh an domhain mhòir,
Taisbeanaidh e a shlàint’.

4 Seinneadh an domhan is a shluagh,
An cuan is na bheil ann;
Seinnibh don Dia ’ghabh còmhnaidh leinn,
Le greadhnachas nach gann.

C.M. LAOIDH 56

1 Fad às o shiantan dorch an t-saogh’l,
Tha glòir nach traoigh gu bràth,
Is ionad sona thar gach smaoin,
Nach lèir do dhaoine ’n tràths’.

2 Am fearann àlainn, fada, cian,
Nan tuigteadh trian dha àgh,
Ghrad dhùisgeadh ann ar n-anam miann
Bhith ’n sin gu sìorraidh ’tàmh.

3 Chaoidh cha bhi tinneas ann no pèin,
’S cha chluinnear èigh luchd-bròin;
Bidh slàint’ is òig’ ann feadh gach rè,
’S gach teang air ghleus gu ceòl.

4 Gu soilleir, deàlrach, feadh gach uair,
A’ ghrian cha ghluais fo neul,
Oir peacadh, sìol gach uile thruaigh,
Cha tèid a-suas do nèamh.

5 Cha bhi ann oidhche feadh gach ial,
’S cha bhuail a’ ghrian san là;
Oir glòir a’ teachd o chathair Dhia,
’S e sin an grian gu bràth.

C.M. LAOIDH 60

1 Cia ait an là ’s an abair daoin’,
“Thèid sinn gu adhradh Dhe;”
Cia ait bhith uile teachd na làth’r,
’S a’ cur a ghràis an cèill.

2 Na theach tha Dia a’ leigeil ris
A chumhachd is a ghràis,
’S na h-uile buaidh co-naisgt’ le chèil,
Thoirt dhuinne rèit’ is slàint’.

3 Don ionad seo thèid suas na slòigh,
Thoirt glòir dhan Rìgh ro chaomh;
’S o fhacal cluinnidh iad a’ bhreith
Gheibh peacaich agus naoimh.

4 O guidhibh sìth do dh’eaglais Dhia,
larraibh a leas a-ghnàth;
Sìth gu robh dhuibhsan thug dhut spèis,
Is aoibhneas buan gu bràth.

5 O guidheam fhèin dhut gach aon là,
Sìth agus àgh ro mhòr,
Soirbheachadh pailt ’s an t-saoghal seo,
Is mèudach’ air an Glòir.

6 Sìth dhut ’s a bheil mo chairdean caomh’
Is luchd mo ghaoil gu lèir!
Sìth dhut ’s a bheil mo Dhia na thàmh,
’S am bi, gu bràth, mi fhèin!

C.M. LAOIDH 62

1 Cia luachmhor dhuinn an leabhar naomh
’Dheacadh le Spiorad Dhè!
Mar lòchran tha a theagasgan
Gar stiùireadh chun nan speur.

2 Togaidh e suas ar crìdh’ gu caomh,
Dol tro ghleann dorch nan deur;
Beatha is solas bheir e dhuinn,
Is sìth do ghnàth ’s gach ceum.

3 An lòchran seo nì dhuinn an t-iùl,
Tro dhorchadais a bhos,
Gu ruig an t-àm ’s am meal sinn shuas,
Sòlas bith-bhuan is fois.

C.M. LAOIDH 63

1 O b’ fheàrr gun stiùireadh Dia mo cheum
An sligh’ a lagh’ ro naomh’,
’S gun deònaicheadh mo Dhia dhomh gràs
Gu triall na thoil ro chaomh.

2 O cuir do Spiorad nuas is sgrìobh
Do lagh air clàr mo chridh’,
’S na leig dham theanga bhith ri ceilg,
No cainnt a thogas strì.

3 Rèir d’ fhacail treòraich fhèin mo cheum;
Mo chrìdh’ cum saor o ghò;
Na faigheadh peacadh ’n uachdar orm,
Is gleidh mo chogais beò.

4 Ro thric mo cheuma shleamhnaich uait,
’S chaidh m’ anam fada ’thaobh;
Aisig do sheachranaich air ais,
Air sgàth do thròcair chaoimh.

5 Thoir orm gun gluais mi ann ad reachd,
Is sligh’ ro thaitneach e;
’S na leig dham làmhan no dham chridh’,
Oilbheum thoirt duts’, a Dhe.

C.M. LAOIDH 65

1 B’ fhada a shuidh mi, Dhia nam Feart,
Fo fhuaim do shlàinte chaoimh;
Gidheadh, cia beag mo chreideamh ann,
’S m’ eòlas air d’ fhacal naomh.

2 M’ Athair, mo Dhia, ’s mo Dhaingneach treun,
’S glè bheag tha m’ eòlas ort,
Le d’ bheannachdan a dhòirt thu nuas,
’S do bhreitheanais ro ghoirt.

3 Cia fuar is fann mo ghràdh gach uair,
D’ eagal cia beag tha ’m chrìdh’,
M’ inntinn cia toileach tàmh a’ bhos,
’S gu falbh o Rìgh na Sìth.

4 O Uile-chumhachdaich, thoir seach
Dhad fhacal naomh mòr bhuaidh;
Sgrìobh fhèin do shlàinte air mo chrìdh’,
’S biom umh’l da seo gach uair.

5 Dha m’ anam diochuimhneach leig ris
An t-sligh’ nad ionnsaigh fhèin,
Anns a bheil aithne ’s àgh a’ fàs,
Is gràdh air feadh gach rè.

C.M. LAOIDH 80

1 Cia sona ’n tì do theagasg Dhè,
Bheir èisteachd gach aon uair,
’S ri gliocas nèamh le mòran tlachd,
Chromas gu moch a chluas.

2 Is fhèarr a stòr nan t-ionmhas faoin
A tha ’s an t-saogh’l gu lèir;
’S is luachmhoire a dhuais gu mòr,
Na òr a’ chruinne-chè.

3 Is gheibh e shuas le Dia, fadheoidh,
Onair is glòir bhith-bhuan;
Gach neach a bheir dha gèill is gràdh,
’S leo sìth is slàint’ an Uain.

4 Dhan òg ’s dhan aost’ bheir e le chèil’,
Nan slighe sòlas pailt;
Is gheibh iad coron glòir’ gu bràth,
’S tròcair o Dhia gun airc.

5 Cia sona, uime sin, an dream
Tha umh’l do dh’Aon Mhac Dhè;
De shòlasan tha shlighe làn,
Is sìth a-ghnàth ’s gach ceum.

C.M. LAOIDH 66

1 ’S e Crìosd an stèidh tha daingean, buan,
Ged chuir droch shluagh ris cùl;
Seasaidh e dh’aindeoin cumhachd nàmh,
Rèir òrdugh Dhè nan Dùl.

2 Taghte le Dia is luachmhor dhuinn,
Bho ’naoimh gheibh esan cliù;
Annsan tha ’n dòchas airson slàint’,
’S gu bràth cha mheall e ’n dùil.

3 Sgrìobhaich is sagairtean gun chèill,
Binn tàir air Rìgh nan Sluagh,
Gidheadh s e stèidh na h-Eaglais e,
’S bheir e fa-dheòidh dhi buaidh.

4 Ciod ged a chathaich ifrinn fhèin,
Meudaichidh eaglais Dhè;
’S e seo do ghnìomh, a Dhè nan Sluagh,
Cia iongantach leinn e!

7.7.7.7.D. LAOIDH 69

1 Ìosa ’thug do m’ anam gràdh,
Gu d’ uchd bàigheil teicheam fhèin,
Nuair a dh’ èireas tonnan àrd’,
’S doinionn làidir taigh’nn on speur.
O m’ Fhear-saoraidh, falaich mi
Gus an tèid a’ ghaillionn seach’;
Sàbhailte do chala sìth,
Gabh mi aig a’ chrìch a steach.

2 Didein eile chan eil ann,
’S tusa ’s taic dham anam truagh;
O na fàg mi diblidh, fann,
Ghnàth bi fhèin gam chumail suas.
Annad tha mo dhòchas teann,
Tha mo chòmhnadh uat gu lèir;
O cuir falach air mo cheann,
Steach fo dhubhar sgàil do sgèith.

3 ’S tusa-mhàin, a Chrìosd, tha uam;
Gheibh mi uat gach uile nì;
Tog mi ’n àird is cum mi suas,
Leighis agus treòraich mi.
’S ceart ’s is naomha d’ ainm gu bràth,
’S mise ’m peacach gràineil, baoth;
Làn de thruaill’eachd tha mi ghnàth,
’S thusa làn de ghràs ’tha saor.

4 Agadsa tha pailteas gràis,
Gràs gu m’ pheacadh ionnlad uam;
Èireadh sruithean beò an àird
Gus mo nàdar ’dhèanamh nuadh;
’S tusa ’n Tobar Beò, gu fìor,
’Chaisgeas m’ iotadh mhòr gu saor,
’Chuireas sòlas ann am chrìdh’,
’S fad na sìorraidheachd nach traoigh.

C.M. LAOIDH 79

1 O Molaibh Dia na theampall naomh,
‘S an leig e ris a ghràs;
Togaibh ur guth ’s ur cridh’ gu h-ait
Ris-san ’s na flaitheas àrd’.

2 Air son a ghnìomhan iongantach,
Sìor thugaibh moladh dha;
Ur cliù gu bràth cha chuir an cèill
Ro mhèud a ghlòir’ ’s a ghràidh.

3 Seinnibh dha ceòl le gàirdeachas,
An cian a bhios sibh beò;
Ach seinnidh sinn nas àirde dha,
Na làthair shuas an Glòir.

4 Gach duine bhos, gach aingeal shuas,
O thugaibh cliù do Dhia;
An cian a bhios an t-anam beò
Sìor thugaibh glòir dhan Triath.

C.M. LAOIDH 99

1 O Thighearn is a Dhè nam Feart,
Cia maiseach d’ àros naomh,
’S a bheil thu nochdadh ann ad ghlòir,
Deàlradh do ghnùis gu caomh.

2 Tha m’ anam fannachadh le dèigh
Do chùirtean àrd’ gach lò;
’S mo chridhe ’s m’ fheòil ri sgairteachd chruaidh,
’N geall air an Dia tha beò.

3 Is fheàrr aon là nad chùirtean naomh’,
A’ feitheamh ortsa fhèin,
Na mile là, a Dhè, chur seach,
’N àit eil’ air bith fon ghrèin.

4 O Dhè nam Feart, mo Dhia ’s mo Rìgh,
Cia sona iad tha-ghnàth
A chòmhnaidh ann ad theampall naomh,
Toirt molaidh dhut gach là.

5 Dhan Ath’r, dhan Mhac, ’s dhan Spiorad Naomh,
An Dia dhan dligheach glòir,
Bitheadh mar tha, is mar a bha,
Àrd chliù is urram mòr.

C.M. LAOIDH 111

1 Athair gach dùil a-bhos is shuas,
Dhan dual gach cliù is glòir,
Nad làthair strìochdaidh sinne sìos,
Gu h-iosal mar is còir.

2 D’ ainm naomhaichear ’s a’ h-uile h-àit’,
Is adhradh dha na slòigh,
Craobh-sgaoil do Shoisgeul ’s thoir dha buaidh,
Is luathaich Rìogh’chd na Glòir’.

3 Dèanadh gach dùil air thalamh bhos
Do thoil mar ainglean nèamh;
Dhi gèilleadh iad le cridhe ait,
’S le giùlan macant’, sèimh.

4 Ar n-aran làitheil deònaich dhuinn,
Is cridhe taingeil, naomh;
Is ciod air bith is cuibhrionn dhuinn,
Cuir leis do bheannachd caomh.

5 Maith dhuinn ar fiachan trom’, a Dhè,
Do rèir mar mhaithear leinn
Dhar fèich’nibh fhèin an eu-ceartan,
’S gach beum a thug iad dhuinn.

6 Na leig am buaireadh sinn, ach glèidh
Sinn o gach lochd, a Dhè;
Oir rìoghachd, cumhachd, agus glòir,
Is leat, mar chòir, gach rè.

C.M. LAOIDH 112

1 Thugadh gach uile aon fainear,
Le cridhe aoibhinn, ait,
Tha tromp an t-Soisgeil ’gairm gu h-àrd,
’S a’ tairgseadh slàint’ gu pailt.

2 O sibhs’ tha bàsachadh gun lòn,
’S a’ beathachadh air gaoith,
Tha strith ri ’r n-anma shàsachadh
Gach là le sòlas baoth,

3 Tha sògh is fheàrr air ullachadh
Le gliocas sìorraidh Dhè,
O thigibh, ithibh, ’s sàsaichibh
Ur n-anma bochd gach rè.

4 O sibhs’ tha ’g iarraidh uisge bheò,
’S a tha le tart dol bàs,
An seo làn chaisgidh sibh ur n-iot’,
A tobar fìor nach tràigh.

5 Tha ionmhais phailt do ghràidh, a Dhè,
Nan doimhneachd mhòr, a-ghnàth,
Cho domhain ri ar n-uireasbhaidh,
’S neo-chrìochanach gu bràth.

6 Tha geataibh gràis an t-Soisgeil naoimh
Fosgailt’ gach oidhch’ is là;
Tha sinne, ’Shlàn’gheir chaoimh, a’ teachd;
O taisbean dhuinn do ghràdh.

C.M. LAOIDH 114

1 A Nèamha, togaibh luathghair ait;
A thalaimh, binn-cheol seinn;
A shlèibhte, canaibh co-sheirm chiùil,
’S gach dùil air feadh gach lìnn.

2 Seallaibh cia tròcaireach ar Dia,
Cluinnibh a bhriathran gràis,
Dhan anam thruagh bheir comhfhurtachd,
Is saors’ o dhochann bàis.

3 Sguiribh, an làithean goirt ur claoidh,
Dhur caoidh ’s dhur gearan cruaidh;
An saoil sibh nach toir Dia fainear
Staid gach aon neach dha shluagh?

4 An dìobair màthair cìochran maoth
A broillich le h-an-iochd?
Nach maothaich osna ’s deòir a crìdh’,
’S nach gabh i truas dha sliochd?

5 Ach, arsa Dia, ged chaochail iochd
Dha gineal anns gach mnaoi,
M’ iochd-sa dham shluagh, agus mo ghaol,
Gun chaochladh mairidh chaoidh.

6 Domhain air deàrnaibh mo dha làimh,
Ainm Shìoin gheàrr mi sìos;
A balla briste càiridh mi,
’S a h-àrois togaidh ris.

L.M. LAOIDH 115

1 Cia taitneach dha na naoimh a-bhos,
’N dèigh pian is buaireadh nan sè là,
’Tha suaimhneas latha tàimh is fois,
Falaicht’ on t-saoghal is a-ghnàth.

2 A-nis, am mùirn an dachaidh fhèin,
Tha ’n anail rèidh o uspairn gniomh’;
Tha sàmhchair air gach nì fon ghrèin,
’S gach dùil a’ nochdadh mùthadh fiamh.

3 Cia blast’ an crannchur a bhith ’n taic
Rì tìr ’s an d’ fhuair an Soisgeul buaidh;
Nì Dia mar mhil e ’m beul gach neach,
A leigheas àmhgharan a shluaigh.

4 Ged mheasar iad nan culaidh-thruais,
Le bochdainn, anshocair, is bròn,
Is ionmhas dhoibh bhith dol a suas
Gu altair Dhè a dh’iarraidh lòin.

5 Dha theampall ’s taitneach leo bhith triall,
’S an tric a chòmhlaich Crìosd r’ a shluagh;
Oir ’s cuirm dhan crìdh’ a ghràsan fiar,
A dh’fhuadaicheas gach doilghios uath’.

6 O ’s mòr an t-sochair Facal Dè;
R’ a theagasg cromamaid ar cluas,
’Sìor abachadh fo sgàil a sgèith,
An dùil ri saorsainn shìorraidh shuas.

7 Gabh glòir do latha naoimh dhut fhèin,
Coilean do ghealladh caomh dhad shluagh;
Is dòirt a-nuas oirnn, a rèir feum
Ar turais, Spiorad treun nam buadh.

C.M. LAOIDH 117

1 Grad-iarraibh Dia, am feadh tha ’chlua.
Ga cromadh nuas rir glaodh;
’S nuair tha e tairgseadh dhuibh a ghràis,
Gabhaibh ri ’shlàinte shaoir.

2 Trèigeadh an t-aingidh shlighe chlaon,
’S an droch dhuin’ smaoin a chridh’,
Is tilleadh iad ri Dia gun dàil,
Is gheibh iad slàint’ is sìth.

3 Oir Dia tha saibhir ann an iochd,
Is laghaidh e gach beud;
Chan ionann nàdar dha ’s do dhaoin’;
A thròcair chaomh cha trèig.

4 Oir mar is àrd an speur, thuirt Dia,
Os cionn na talmhainn faoin,
’S co-àrd tha m’ iùl ’s mo smaointean-sa
Thar iùl is smaointean dhaoin’.

5 Nuas silidh frasan sneachd is uisg’,
’S cha phill a-rìs an àird,
An talamh gus an taisich iad,
A ghiùlan lòin ’s gach àit’.

6 Mar seo, aon smid a labhras mis’,
Cha tig air ais gun bhuil;
Mo ghairm gheibh èisteachd o gach dùil,
Is bidh iad umh’l dham thoil.

7.7.7.7.7.7. LAOIDH 126

1 Chreag a sgoilteadh air mo sgàth,
Bi nad fhasgadh dhomh ’s nad stà!
Anns an uisge ’s anns an fhuil
’Thaom o leòn do chlèibh mar thuil,
lonnlaid uam gach peacadh ’s truaigh;
Saor o chiont’ an uilc ’s o ’bhuaidh.

2 Chan e gnìomh mo làmh, gu beachd,
’Fhreagras iarrtais theann do reachd;
Eud gun sgìos is saothair chruaidh,
Deòir, ged chlaisinn leo mo ghruaidh,
’N èirig m’ uilc cha diongadh sìon;
’S tusa mhàin bheir slàint’ is dìon.

3 Falamh tha mi ’teachd, ’s gun treòir;
M’ uile dhòigh tha ’d ìobairt mhòir;
Deònaich còmhdachadh dham ’nochd,
Gràs dham laigsinn is dham lochd;
Neò-ghlan, ruigeam d’ fhuaran gràis;
lonnlaid mi, no ’s dàn dhomh ’m bàs.

4 Feadh a mhaireas plosg mo chrè,
’S trath bhios mì, aig crìch mo rè,
’Triall an turais-aineoil mhòir
Thun do Mhòid gu h-àrd an Glòir,
’Chreag a sgoilteadh air mo sgàth,
Bi nad fhasgadh dhomh ’s nad stà!

C.M. LAOIDH 146

1 O Thriath, na till do ghnùis air falbh
Bhon dream ro ìosal tà
A’ caoidh gu goirt am peacaidh fhèin,
Le deòir is èigheach àrd.

2 Do dhorsan tròcair fosgailt’ tha
Dhan dream a tha fo bhròn;
Na dùin iad oirnn, a Thriath nan Gràs,
’S thèid sinn a staigh dhar deòin.

3 Ar ciont cha chuirear leinn an cèill,
Oir ’s aithne dhut gach sìon;
Gach nì a rinn ’s gach nì a tha,
’S lèir dhut o cheann gu crìch!

4 Tha sinn le grìosadh ’s guidhe ghèir,
’S le deòir a’ teachd nad làth’r,
Mar strìochdas clann eas-umhail, chlìth,
Aig glùn an athar ghràidh.

5 An ruig sinn leas, ma-thà, a Thriath,
Ar n-iarrtais chur an cèill?
Mu ’n labhrar iad is aithne dhut
Ar n-uireasbhaidh gu lèir.

6 Tròcair, O Dhia nà tròcair chaoimh,
’S e sud tha oirnn a dhìth;
’S i tròcair fàth ar n-athchuinge –
O thigeadh i an sìth.

L.M. LAOIDH 154

1 An àros Dhè co ghabhas tàmh,
A dh’fhanas ann gu buan ’s gu bràth?
An tì an ìonracas a ghluais,
’Tha cleachdadh fìreantachd gach uair:

2 An fhirinn ’labhaìrt, tha gach là,
Na chridhe steach ’fhuair ionad-tàimh;
Nach lot a choimhearsnach le bheul;
Nach tog ’s nach aithris air droch sgeul:

3 Nach dèan a chron ged gheibh e fàth;
A rùnaicheas a leas gach là;
Bheir cliù don dream dhan eagal Dia;
Le ’n suarach luchd an uilc nach fhiach:

4 Ri ’fhacal seasmhach ’tha gach uair;
Nach caochail teist ged gheibhadh duais;
Nach agair airson airgid ’s òir,
Bonn rèidh a bharrachd air a’ chiòr:

5 ’N aghaidh an ionraic nach gabh duais:
An neach a nì mar seo gach uair,
Buan chòmhnaidh gheibh an àros Dhè,
Seadh, còmhnaidh ann gu sìor gheibh e.

L.M. LAOIDH 157

1 O m’ anam, dùisg, is leis a’ ghrèin,
Imich air sligh’ do dhleasnais fhèin;
Cuir dhiot gach leisg ’s gu tograch, fial,
An iobairt-mhaidne tairg dhad Dhia.

2 Gach cliù do Dhia a ghlèidh mi slàn,
’S a dh’ùraich mi le fois is tàmh;
Deònaich on uaigh nuair dh’èireas mi,
Beatha gun chrich an riogh’chd na sìth.

3 Dh’ìocainn as ùr mo bhòid dhut fhèin;
Fuadaich mo chiont’ mar dhrùchd ron ghrèin,
Mo smuaintean stiùir, is glèidh mo chrìdh’,
’S le d’làithreachd fhèin O sàsaich mi.

4 Na labhras mi ’s na thig am bheachd,
Stiùir thusa ’n diugh a rèir do reachd,
’S gun tugainn dutsa mar is còir,
Lem thoil ’s lem chridhe cliù is glòir.

5 Molaibh, uil’ fhineachan chlann-daoin’,
An Triath, on sruth gach maitheas caoin;
Molaibh air nèamh, ainglean caomh,
An t-Ath’r, am Mac, ’s an Spiorad Naomh.

C.M. LAOIDH 160

1 O Athair, ciod air bith is àill
Led thoil a chumail uam,
Gu taitneach aig do chathair-ghràis,
Gabh m’ ùmaigh lag a-suas.

2 Aon nì bu mhiann leam nis, a Dhè;
Thoir cridhe taingeil seach,
Gu saibhir dòirt a-nuas do ghràs,
Is dèan mi umh’l dhad reachd.

3 Le dòchas math gur leamsa thu,
Biom treun am beatha ’s bàs;
’S deàlradh do làithreachd orm gu crìch
Mo thurais, anns gach càs.

4 Mar seo bidh mise sàbhailte,
’S gheibh thusa uamsa cliù;
Air d’ onair nì mi luaidh ’s gach àit’
Airson ’s gum molar thu.

6.6.4.6.6.6.4. LAOIDH 168

1 Le creideamh seallaidh mi
Riut fhèin, Uain Chalbharì,
Mo Shlàn’ghear naomh;
Nis èist rim ùmaigh ghèir;
Glan uam mo chiont gu lèir;
O bitheam beò dhut fhèin,
Na dhèigh seo chaoidh.

2 Biodh do ghràs gach àm
’Toirt treòir dham chridhe fann;
Dèan m’ eud nas mò;
Bhon bhàsaich thu gu m’ dhìon,
O biodh mo ghràdh dhut fìor,
Glan, beothail, ’s buan gu sìor,
Na ghrìosaich bheò.

3 Troimh fhàsach dorch an t-saogh’l,
Is teinn ’taigh’nn orm gach taobh,
Dèan fhèin dhomh iùl;
An duibhre dùisg gu là,
Siab uam deur bròin is cràidh,
Mo chèuman stiùir a-ghnàth
Gu tàmh dhut dlùth.

4 An uair thig crìoch mo làith,
’S sruth duaichnidh fuar a’ bhàis
Ag iadhadh dlùth,
A Shlàn’gheir chaoimh, na trèig;
Cuir geilt ’s an-earbs’ an cèin;
O giùlain mi gun bhèud,
A sheinn do chliù.

C.M. LAOIDH 172

1 Fada on ionad dhorcha seo,
Tha glòir gun chrìch a-ghnàth,
San t-saogh’l tha làn de shòlasan
Nach aithne dhuinn an tràths’.

2 A dhùthaich chèin, na ’in faiceadhmaid
Ach leth do shonais mhòir,
Cìonnas a bhiodh ar n-anma ’n geall
Air dol a dh’ionnsaigh Glòir’!

3 Eucail an sin gu bràth cha tig,
No trioblaid, truaigh, no pèin,
Ach slàint’ is sòlas thig gu pailt
A-mach o làithreachd Dhè.

4 Duibh-neoil ’s an ionad ud cha bhi,
Ach sòlas glan gach tràth;
Tobar na h-uile thruaigh, ar lochd,
Cha tig an sin gu bràth.

5 Oidhche cha bhi an sin gu bràth,
No boillsgeadh loisgeach grèin’;
’S e Dia an grian, ’s o ’chathair naoimh,
Sìor-sgaoilidh là an cèin.

8.8.8.6. LAOIDH 178

1 Thigeam mar tha mi, dh’easbhaidh còir’,
Ach gun do dhìol d’ fhuil fhèin gu leòir,
Is cuireadh saor do mhaithis mhòir,
O Uain neo-lochdaich Dhè!

2 Thigeam mar tha mi – gun dàil fhaoin
A chur air m’ anam duaichnidh caoin’ –
Gu d’ fhuil a ghlanas eu-ceart dhaoin’,
O Uain neo-lochdaich Dhè!

3 Thigeam mar tha mi – ànrach fann,
Le gleachd ’s le imcheistean nach gann;
A steach ’s a-mach, geilt ’s còmhrag teann-
O Uain neo-lochdaich Dhè!

4 Thigeam mar tha mi, bochd, ’s mi ’n tì
Air lèirsinn, saibhreas, ’s slàinte-crìdh’;
Is gheibh mi uat gach sìon tha ’m dhith,
O Uain neo-lochdaich Dhè!

5 Thigeam mar tha mi, ’s gheibh mi còir
Air ionnlad, saorsa, fàilt’, is fòir,
Oir tha mo stèidh nad ghealladh mòr,
O Uain neo-lochdaich Dhè!

6 Thigeam mar tha mi – chuir do ghaol
Gach bacadh doilgheasach fa-sgaoil –
Gabh mi dhut fhèin gu saogh’l nan saogh’l,
O Uain neo-lochdaich Dhè!

7 Thigeam mar tha mi, ’s meud do ghràidh,
Gu h-iomlan dearbham – cuan gun tràigh! –
An seo, ’s fa-dheòidh an Tìr an Aigh,
O Uain neo-lochdaich Dhè!

L.M. LAOIDH 185

1 A Spioraid Naoimh, rir n-ùrnaigh èist,
’S an taigh seo O dèan tàmh;
Tùirling le d’ fheartan àrd’ gu lèir,
O Spioraid Dhè, gun dàil.

2 Thig mar an Solas, ’s foillsich dhuinn
Ar cor tha bochd is truagh,
Is air na ceuman treòraich sinn,
Tha cleachdte aig do shluagh.

3 Thig mar an Teine, ’s glan ar crìdh’,
Mar lasair ìobairt naoimh,
Airson ’s, làn-choisrigte do Chrìosd,
Gum bi sinn nis ’s a chaoidh.

4 Thig mar an Drùchd le braonan tlàth’,
Gar n-ùrachadh le ’bhuaidh;
Is fàsaidh toradh trom is blàth,
Bhon fhearann thioram, chruaidh.

5 Mar Chalman thig, le sgiathan sgaoilt’,
Na sgiathan caomhail, sèimh,
’S bidh ’n Eaglais, eadhon anns an t-saogh’l,
Beannaicht’ mar tha air nèamh.

6 Thig mar a’ Ghaoth, le neart is fuaim,
Air Là-na-Cuingeis mòr,
’S gum faic gach fine agus sluagh
Do ghnùis làn gràis is glòir’.

7 A Spioraid Dhè, rir n-ùmaigh èist;
’S an t-saoghal chaillt’ gabh tàmh;
Tùirling led fheartan àrd’ gu lèir,
O Spioraid Dhè, gun dàil.

6.5.6.5. LAOIDH 192

1 Ìosa àrd ’s na nèamhan,
Crom do chluas rir glaodh;
’S Nuair a nì sinn sleuchdadh,
Èist ar guth gu caomh.

2 Ged tha thu cho naomha,
Àrd-Rìgh mòr nan dùl,
Cromaidh tu gar n-èisdeachd
’Cur an cèill do chliù.

3 ’S leanaban beaga, faoin, sinn,
Ullamh gu dol ceàrr;
Shlàn’gheir, glèidh is stiùir sinn
Chun na tìr’ is fheàrr.

4 Cùm sinn o gach eu-ceart,
Stiùir ar ceum gach là;
Glan sinn o gach peacadh;
lion ar crìdh’ led ghràdh.

5 ’N sin nuair ghairmeas Crìosd sinn
Suas gu Tìr an Àigh,
Freagramaid gu h-aoibhneach –
“Thig, a Shlàn’gheir ghràidh!”

8.6.8.6.D. LAOIDH 198

1 O dèan-sa, Dhè, de neòil mo phèin,
Luath charbadan nan speur,
A thogas mi gu teach mo Rìgh
Thar iarmailt ghorm nan reul.
Thar àrmailtean àrd-ainglean treun,
Seach còisir bhinn a’ chiùil,
Gu soillse glan do làithreachd fhèin,
A dh’fhaotainn sàth mo rùin.

2 Dèan carbadan de neòil mo phèin,
A ghiùlan m’ anma suas
Bho dhuslach maoin an t-saoghail fhaoin,
Bho nithe dìblidh, truagh,
Bhon fhèinealachd a tha gam chlaoidh,
Bho fhaoineis bhaoth gun stà,
Gu lànachd sìth gu bràth nach traoigh,
Is àirde shìorraidh gràidh.

3 Dèan carbadan de neòil mo phèin,
’S an ruith mo chridh’ gach là
A chòmhnadh neach air bith fon ghrèin,
Le caoimhneas bàigheil, tlàth,
An cridhe brist’ a tha fo bhròn
A cheangal suas gu sèimh,
’S a dhòrtadh air gach cneadh is leòn,
Saor-iocshlaint ghràsmhor nèimh.

4 Nan carbad dhut O dèan mo neòil,
Is tuigidh mi, gu luath,
Gur taisbean glòir’ a th’ anns a’ cheò,
Ag iadhadh orm mun cuairt;
Bheir sgàilean ciar’ an fhàsaich liath’
Binn-òràn ait om bheul,
Oir fàilticheam do theachd, mo Rìgh,
’S gach neul a thig am speur.

8.7.8.7.4.7. LAOIDH 216

1 Stiùir mi, O Iehòbha ghlòrmhoir,
Coigreach anns an fhàsach chruaidh;
Tha mi lag, O dèan mo chòmhnadh;
Biodh do làmh gam chumail suas;
Arain nèamhaidh,
Beathaich mi rè fad mo chuairt.

2 Fosgail dhomh an tobar buadhmhor,
Sruth na slàinte, farsaing, fial;
Biodh an carragh neòil is teine
Dèanamh stiùraidh dhomh gach ial;
Shlàn’gheir neartmhoir,
Bi nad dhaingneach dhomh ’s nad sgiath.

3 Nuair a ruigeas mi an abhainn,
Cuir gach fiamh is geilt air chùl;
Ìos’, a cheannsaich bàs is ifrinn,
Gu Tir Chànaain dean dhomh iùl;
Orain mholaidh,
Bheir mi ghnath do Rìgh nan Dùl!

L.M. LAOIDH 219

1 An uair thig duibhre air gach dùil,
A bheil ann sùil d’ an lèir mo bheus?
O tha; tha Dia na sholus glan,
’Nì latha geal dhen dorcha fhèin.

2 Nach faod mi, Nuair tha ’n saogh’l na shuain,
Gun bhacadh, gluasad ’s gach droch nì?
Chan fhaod, oir nì e faire bhuan
Air uile smuain gach uile chrìdh’.

3 Nam faighinn còmhnaidh ann an uaimh
Nach d’ fhuaradh le sliochd dhaoine riamh,
Leam fhèin chan fhaodainn innte tàmh;
Air gach aon làimh dhomh bhitheadh Dia.

4 Le gruaim ’s an t-sloc, le bàigh air nèamh,
Tha cuan is speur is fonn de làn;
Na fhianais feumaidh mi bhith beò;
Bho ’chorraich mhòir chan eòl dhomh àit’.

5 O ’s aithne! oir ’s e fhèin a dh’iarr
Mi dhol gu Ìosa Crìosd gun dàil;
’S nuair chì e mi an sin ri bròn,
Cha bhi na ’shùil ach tròcair thlàth.

8.8.6.8.8.6. LAOIDH 221

1 A Dhè, cia mòr a bhiodh ar n-àgh,
Nam b’ urrainn dhuinn ach taic rid ghràdh,
’S sinn fhèin thoirt suas air fad;
A’ creidsinn gu bheil aon air nèamh,
Tha iomlan glic, ’s de thròcair làn,
Ag òrduchadh ar staid.

2 Nam b’ urrainn dhuinn ach sleuchdadh sìos;
Ar n-uallach uile chur air Crìosd,
Is èirigh suas gun sgàth;
’S gun ag nach fòir an làmh tha sìnt’
Aig glaodh nam fitheach air son bidh,
A rèir mar chì e ’n càs.

3 Cia fhad o seo tha sinn gach là,
Le strì, le h-iom’gain, bròn, is cràdh,
Is clisgidh chràiteach, ghoirt!
Uainn fhèin nam b’ urrainn dhuinn ach tàmh,
’S ar trom, le h-earbs’, a thaic, a-mhàin,
Air gàirdean Dhè nam Feart!

5.5.8.8.5.5. LAOIDH 222

1 Ìosa, stiùir ar ceum,
Fad ar cuairt fon ghrèin,
Gus, o shlighe naomh do reachdan,
Chaoidh nach tèid ar cas air seachran;
Stiùir-sa sinn led làimh,
Gu ruig’ Tìr an Àigh.

2 Cruaidh ged robh ar crann,
Gèilleadh na biodh ann,
Gun a bhith ri monmhur idir,
Làithean sàraicht’, olc, ged thigeadh;
’S ann tro àmhghar cruaidh
Thèid sinn dachaidh ’suas.

3 Tràth bhios sinn fo leòn,
Fo throm uallach bròin,
Geilt is buairidhnean gar deuchainn,
Thig a Dhia, ’s ar foighid meudaich;
Nochd dhuinn Tìr an Àigh,
’S nach bi bròn no bàs.

4 Bi mar seo ’s gach ceum,
Romhainn ’s as ar dèigh,
Cheannaird nèamhaidh, bi-sa dlùth dhuinn;
Deònaich misneach, neart, is stiùireadh
Gus an ruig sinn tràigh
Ann an Tìr an Àigh.

7.7.7.7.7.7. LAOIDH 240

1 Lùb, a Dhè, mo chridhe olc;
Teagaisg dhomh bhith simplidh, ciùin,
Trèibhdhireach, gun cheilg, gun lochd,
Mar an naoidhean caisgt’ air glùn;
Bho an-earbs’ is farmad, saor,
Thaobh do fhreasdail ri mo ghlaodh.

2 Gach nì bheir thu dhomh an-diugh,
Gabham uat mar naoidhean tlàth;
’S an là màireach biodh a’ cluich,
Rèir do fhreastail is do ghràidh;
’S leòir bhith fo do stiùireadh fhèin,
As mo los, ’s do làmh cho treun.

3 Mar a mhealas naoidhean ciùin
Cùram thar a chùraim fhèin,
Fiosrach ’bhith gun neart, gun iùl,
Is gun taic, gun lùth na cheum,
Fanam-sa fo sgàil do sgiath,
Mar mo thèarmann is mo Dhia.

4 Saor o luibean an fhir-sgrios,
Bho gach cunnart, geilt, is dìth;
’N deàlradh glan do ghnùis bidh mis’
‘Feitheamh coileanadh do ghnìomh’;
Nuair a shealbhaicheas do chlann
Glòir gun sgur, gun chrìch, gun cheann.

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 245

1 Ar stèidh ’s e Ìosa Crìosd,
Togaidh sinn air a-mhàin;
Le ’naoimh bha dìleas, fìor,
Tha cùirtean nèimhe làn:
Na ’choimhneas gràidh
Ar dòchas tha
A-nis ri gràs,
’S air nèamh ar n-àgh.

2 Ar cliù ’s ar moladh àrd
Lìonaidh na cùirtean shuas!
Is seinnidh sinn gu bràth
Do Thrianaid mhòr nam buadh,
A’ cur an cèill
Le òran naomh
Àrd ainm ro chaomh
Is cliù ar Dè.

3 A Dhè ro ghràsmhoir, bì
Dlùth dhuinne nis ’s gach rè;
Gabh ri ar bòidean fìor
Is cluinn ar n-osnaidh ghèur’;
Gu pailte lìon
Luchd-ùrnaigh caomh,
Gach latha naomh,
Le sonas fìor.

4 Cuir oirnn a-nuas o nèamh
Saor ghràs a rèir ar miann;
Is biodh do ghràs mar sheilbh
A’ leantainn ruinn gach ial,
Gu ruig an là
’S an teid do shluagh
Gu fois bhith-bhuain
A ghairm an àird.

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 249

1 Àrd-thriath nan nèamh gu h-àrd,
Cia taitneach, àillidh, aoidh
Taigh-còmhnaidh caomh do ghràidh,
Do theampall talmhaidh gaoil;
Do theach is è
Mo thlachd gach là,
Le iarraidh bhlàth
Air làithreachd Dhè.

2 Cia tlachdmhor sleuchdadh sìos
San àite dh’òrdaich Dia;
Cia sona ’n sluagh, gu fior,
Nì adhradh ann gach ial –
Le chliù ga luaidh!
Cia sona ’n dream
Le ’n caomh an ceum
Gud thulaich shuas!

3 Thèid iad o neart gu neart,
Tro fhàsach duibhr’ is deòir,
’S an nochdar iad nad theach,
Am flaitheas àrdna glòir’:
On t-ionad àigh,
Dhan stiùir an Rìgh
Ar ceuman shìth,
Aig crich ar là!

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 251

1 Os cionn gorm-bhrat nan speur,
Am flaitheanas na glòir’,
Tha feachd àrd-ainglean Dhè,
A’ seinn a chliù ro mhòr.
Hallelùiah!
Biodh gràdh a’ luaidh
Air Dia nan Sluagh,
Hallelùiah!

2 Gheibh Dia o lean’ban òg’,
Air thalamh cliù is glòir;
Is sinne fòs nì ceòl
’S a’ chòisir mar is còir.
Hallelùiah!
Nì sinne luaidh
Air Dia nan Sluagh,
Hallelùiah!

3 Dhè bheannaichte, do ghràs
Thoir dhuinne, d’ òigridh mhaoth,
Is foillsich dhuinn gu bràth,
Do mhaitheas is do ghaol.
Hallelùiah!
Nì sinn sìor luaidh
Air Dia nan Sluagh,
Hallelùiah!

4 O gum biodh d’ fhacal naomh
A’ ruith o thràigh gu tràigh,
’S gum faigheadh sluagh an t-saogh’l
Saor theachdaireachd an àigh.
Hallelùiah!
Gach dùil nì luaidh
Air Dia nan Sluagh,
Hallelùiah!

4.4.6.D. LAOIDH 258

1 Tha ghrian dol siar,
’S am feasgar ciar
Ag iadh mun cuairt mo chinn;
Athair gu h-àrd,
Molam do ghràdh
’Nì coimhead orm gu grinn.

2 ’S tu fhèin gam dhìon,
Cha gheilt leam sìon,
’S an duibhre air gach làimh;
A Shlàn’gheir ghràidh,
’S gach uile chàs,
Dìon mi led neart gach tràth.

3 Mo lochd cuir sìos,
Is ann am chrìdh’
Led bheannachd bi a-ghnàth.
A Spioraid Dhè;
Gabh mi dhut fhèin,
’S na trèig-sa mi gu bràth.

C.M. LAOIDH 272

1 Ciùinich mi, Dhè, is cùm mi ciùin,
Feadh mhaireas teas na gaoith;
Bi dhomh gu fionnar mar tha ’n drùchd
Do dh’fhiabhras dian an t-saogh’l.

2 Ciùinich mi, Dhè, is cùm mi ciùin,
’S mo cheann air uchd do ghràidh,
Led laoidh ’s led shalm gam thàladh dlùth,
Is thoir dham spiorad tàmh.

3 Ciùinich mi, Dhè, is cum mi ciùin;
Do sgiath biodh os ar cinn,
Mar bha aig Elim barrach dùmh’l
An tobair chùbhraidh, ghrinn.

4 Seadh, cùm mi ciùin, ge cruaidh an fhuaim
Ruigeas mo chluas ’s gach àit’;
Ciùin ’s mi leam fhèin, gun neach mun cuairt;
Ciùin am measg fuaim na sràid’.

5 Ciùin nuair tha neul na slàint’ am ghruaidh,
Ciùin ann an iargain sheirbh,
Ciùin ann an sògh no ’m bochdainn chruaidh,
Ciùin ann am chall ’s am thairbh’.

6 Ciùin ann am fulang pèin is gruaim,
Mar bha m’ Fhear-saoraidh caomh;
Ciùin ann an tàir ’s an spìd o shluagh
Lem fuathach d’ aìnm ro naomh.

7 Ciùin mar an reul no ’n grian-ghath ùr,
Air cùl nan doinionn mòr’;
Triallam gu rèidh tro strì nan-dùl,
Gu caladh ciùin an Glòir.

8.8.6.8.8.6. LAOIDH 279

1 Na biodh oirbh sgàth no geilt, a threud,
Ron nàmh tha dian air ti ur beud;
Na clisgibh ri feirg dhaoin’;
Ged bhios ur crìdh’ gu tric fo fhiamh,
An caithream-bhuaidh thar poball Dhia,
Cha mhair ach sealan faoin.

2 Na strìochdaibh; dhàsan buinidh ’bhuaidh –
Fear-tagraidh agus neart a shluaigh;
Earbaibh à Dia ro thrèun;
A rùintean ged nach lèir dhar sùil,
Togaidh e Gideon-dìon is iùil
Dha shluagh ’s dha Fhacal fhèin.

3 Oir mar tha ’fhacal fìor, gu beachd,
Ifrinn no talamh len cuid feachd
A’ bhuaidh cha tabhair dhinn.
Nan culaidh-mhagaidh tha ar nàimh;
Dia leinne, ’s sinne ’n glaic a làimh’,
Buaidh-làrach glacar leinn.

4 Amen! A Cheannaird, cluinn ar glaodh,
Is cothaich fhathast air ar taobh;
Lom-rùisg do ghàirdean treun;
’S le uaill is caithream bidh do shluagh
Air meud do threubhachais a’ luaidh,
Gu saogh’l nan saogh’l. Amen.

11.11.11.11. LAOIDH 280

1 Cia taitneach an sgeul gu bheil ainglean na glòir’
Gach madainn a’ tèarnadh gu saogh’l bochd a’ bhròin,
A’ fàgail nan òran is còisir an àigh,
A dh’innseadh gu fìor dhuinn mu Ìosa ’s ma ghràdh.

2 Air sgiathan na maidne gun tarraing iad teann,
A stiùireadh ’s a threòrach’ an fhògaraich fhann;
Thoirt misnich is seòlaidh dhan deòraidh tha truagh,
No ’ghiùlan gu sàbhailt’ gu Slàn’ghear nam buadh.

L.M. LAOIDH 287

1 A Spioraid Dhè, o chian a ghluais
Air aghaidh dhorch’ nan uisge fàs,
Thig nuair a bhios ar cridhe fuar,
Is dùisg ar aigne suas led ghràs.

2 ’S e ’s ainm dhut Neart is Sìth le chèill,
Cumhachd gun chrìch, is Gràdh ro naomh;
Do shamhladh doineann gharg nan speur,
Is tàladh sèimh a’ chalmain chaoimh.

3 Coimhead, is stiùir, is cùm sinn suas
Le còmhnadh mòr do ghàirdein thrèin;
Na trèig ar crìdh’chan ’bha aon uair
Nan ionaid-chòmhnaidh naomh’ dhut fhèin.

4 Na mùchamaid do shoillse grinn;
Ar n-anma gluais led anail chaoimh;
O teagaisg agus treòraich sinn,
A Chofhurtair, a Spioraid Naoimh!

C.M. LAOIDH 291

1 O Thus’ on sruth gach math a-nuas,
Riut togam suas mo chrìdh;
’S gach doilghios, còmhrag, agus caoidh,
A Thighearn’, cuimhnich mi.

2 Nuair dh’èigheas mi, ’s an crìdh’ am chòm,
Ri peacadh trom a’ strì,
Thoir sìth, is maitheanas, is gràs;
Led ghràdh O cuimhnich mi,

3 Buairidhean dian is peacadh dàn,
Tha laighe ghnàth am shlìgh’;
O Dhia, thoir neart dhomh mar mo là;
Gu gràsmhor cuimhnich mi.

4 Nuair chì thu mo chorp lag ga chlaoidh,
Le galar, pian, ’s cion sìth,
Thoir faochadh, fois, is foighidinn;
Cluinn agus cuimhnich mi.

5 Ma ’s e ’s am aghaidh, air do sgàth,
Spìd agus tàir gum bi,
Dhan tàir ’s dhan spìd biodh fàilte chaomh,
Ma chuimhnichear leat mi.

6 Tha nuair sin dlùth ’s an fheudar dhomh
Bhith strìochdadh sìos gach nì,
B’ e m’ fhacal deireannach ’s a’ bhàs,
“O Shlàn’gheir, cuimhnich mi.”

C.M. LAOIDH 295

1 Imich san t-soills’! is gheibh thu beachd
Air companas a’ ghràidh,
Tron Spiorad Naomh a-mhàin ’tha teachd
Bho rìoghachd àrd an àigh.

2 Imich san t-soills’! is peacadh trèigt’
Cha chuir a-rìs ort sal;
Glanaidh fuil Ìos’ do lochd gu lèir,
’S nì d’ anam fiorghlan, geal.

3 Imich san t-soills’! is bidh do chridh’
Mar sheilbh aig Crìosd an Triath;
Esan tha ’tàmh an soills’ gun chrìch
Bidh dhut mar ghrian ’s mar sgiath.

4 Imich san t-soills’! is chì do shùil’
Do dhuibhre ’dol fa-sgaoil,
Oir dhealraich ort an solas-iùil
Tha ’teachd o Shoills’ an t-Saogh’l.

5 Imich san t-soills’! ’s cha bhi gu bràth
Ort fiamh ro sgàil na h-uaigh’;
Sgapar a gruaim ron deàrrsadh àigh,
Oir Crìosd air bàs thug buaidh.

6 Imich san t-soills’! ’s ge doirbh do shligh’,
Soilleir bidh i mar ghrèin;
Oir Dia, troimh ghràs, nì tàmh nad chrìdh’,
An Dia is Soills’ e fhèin!

S.M. LAOIDH 297

1 An Dia tha uile-ghlic,
Ar Slàn’ghear, Rìgh nan Dùl,
Biodh ’uile naoimh a tha fon speur
A’ cur an ceill a chliù.

2 A chomhairle ro chaomh,
A chùram mòr, ’s a ghràdh,
Rinn iad ar dìon o chunnart dìan,
Bho pheacadh, is o bhàs.

3 Ar n-anma cuiridh e,
Gu foirfe is gu fìor,
An làthair glòir a ghnùise fhèin,
Le aoibhneas mòr gun chrìch.

4 Mu ’chathair rìoghail shuas
Coinnichidh ’uile naoimh,
A’ luaidh air mìorbhuilean a ghràidh
Is ’uile ghràsan caomh’.

5 Buinidh do Chrìosd, ar Dia,
Gliocas is neart, gu fìor,
Àrd-choron mòralachd is glòir’,
Is òran-molaidh sìor.

L.M. LAOIDH 305

1 Orts’ tha mi gairm, a Dhia nan Sluagh,
Is tuiteam sìos nad làth’r gu luath;
Nuair thèid na tuiltean thar mo cheann,
Na trèig-sa m’ anam bochd ’s e fann.

2 A charaid chaoimh an dìob’raich thruaigh,
Càit’ an teid mi am èiginn chruaidh?
Càit’ ach gu teach mo Thriath ’s mo Rìgh,
’Tha tairgseadh còmhnaidh dhomh gun dìth?

3 Aon neach a thagair riamh nad làth’r,
An deachaidh chur air falbh le tàir?
Nach ’eil an gealladh fìor gach ial,
“Sir agus gheibh o Dhia gu fial’”?

4 Bu chàramh sin gun choimeas truagh,
Nam biodh tu diùltadh glaodh do shluaigh;
Ach Dia ’bheir cluas is freagradh caoin,
Nì e gach uallach aotrom, faoin.

5 Mo chrannchar thuit an ionad brèagh,
Oir tha m’ Fhear-tagraidh shuas le Dia;
An dream, san t-saogh’l seo, ’s àirde miadh,
Cha d’ fhuair am fàbhar cèudna riamh.

6 Ged tha mi ’m dhìob’rach truagh san dìth,
Mo Dhia gu bràth chan fhàg e mì;
’S cha ghèill an neach do chall no chruadhs
Dhan deònaich Crìosd a thagradh shuas.

8.7.8.7.D. LAOIDH 310

1 Dhia, faic comann beag de dh’òigridh,
’Sheinn do chliù, mar chòmhla cruinn;
Tha thu àrd, is naomh, is glòrmhor;
Giùlan stòlda bhuineadh dhuinn.

2 Lìon ar crìdh’ le gràdh do dh’Ìosa,
Is dhan tìr sa bheil e ’tàmh;
’S O na gabhamaid toil-inntinn
Ann an nì a nì a chràdh.

3 Oir tha fios aig Dia na Fìrinn
Air gach uile nì nì clann,
Is na ’leabhar tha e ’sgrìobhadh
Smuain is gnìomh gach neach a th’ann.

4 Maith ar lochdan dhuinn gu gràsmhor,
Biodh oirnn sgàth ro ghnàths nan daoi;
’S aig ar bàs, nad dhachaidh àghmhoir
Ullaich àite dhuinn a chaoidh.

L.M. LAOIDH 312

1 O dùisg, O dùisg, is glac do neart!
O dùisg, a ghàirdein Dhè nam Feart!
A rìs, mar anns na làithean cein,
Seinnear do chliù led Israel fhèin.

2 A ghàirdein Dè, ’s a bheil ar dòigh,
Bhon duslach bhreun tog suas do shlògh;
Tha d’ fhìreantachd air teachd nar còir;
A-nis leig ris do Shlàinte mhòr.

3 An saogh’l a bhos is nèamh nan speur
Thèid às mar bhaideal-neòil gu lèir,
Ach bidh do Shlàinte seasmhach, teann,
’S chan fhaic do Rìoghachd crioch no ceann.

4 Ro fhad’ tha sinn fo shlat do smachd;
A ghàirdein Dè, do chumhachd glac,
Is nochd do dh’fhògraich Israeil thruaigh,
Do ghràs le ’uile ghlòir ’s le ’bhuaidh.

5 Dhè, ruigeadh solas fìor do Ghrèin’
An dream tha ’tàmh san duibhr’ o chèin;
’S tro chlais a’ chuain, o thràigh gu tràigh,
Treòraich do phoball saorta gràidh.

6 ’S gu Sion tillidh feachd do shluaigh,
Le aoibhneas naomh a’ dol thar luaidh;
Is seinnidh iad le caithreim bhinn
Do chliù ’s do ghlòir gu linn nan linn.

L.M. LAOIDH 313

1 San fheasgar, ro dhol sìos dhan ghrèin,
A Chrìosd, ad ionnsaigh ghluais gach tinn;
Nuair chruinnich iad bha ’n com fo phèin;
A’ falbh, bha ’n cridh’ nan com a’ seinn.

2 San fheasgar, fòs, tha sinne ’n-diugh,
Le ’r n-eucailean eug-samhla cruinn;
Is ged nach lèir dhar sùil do chruth,
Tha fios againn gu bheil thu leinn.

3 A Shlàn’gheir chaoimh, tog dhinn ar cràdh;
Oir cuid tha tùrsach ’s cuid tha fann;
Cuid cha d’ thug dhut ach glè bheag graidh,
’S chaill anam cuid an gràdh a bh’ ann.

4 Dh’ fhàg peacadh cuid fo imcheist thruaigh;
Thuit cuid fo bhuaireasan an t-saogh’l;
Tha cuid ga ’n lot le miannan cruaidh’
Nach cuir ach thusa-mhàin fa-sgaoil.

5 Cuid, ’s ris an t-saogh’l cha d’ thug iad cùl,
Ged fhuaradh leò e mealltach, faoin;
Is tric thug càirdean deòir air sùil
Cuid nach d’ iarr thusa, Charaid chaoin.

6 Cha d’ fhuair neach fhathast lànachd sìth’,
Oir chan eil neach tur saor o lochd;
’S an dream a ghèilleadh dhut ’s gach nì,
Tha olc an cridh’ gan cur fo sprochd.

7 A Mhic an Duine, Shlàn’gheir naoimh,
A dh’fhuiiing buaireadh, bròn, is tàir,
Is lèir dhad shùilean fìor-ghlan, caomh,
Na lotan sin a cheileadh nàir’.

A cumhachd cha do chaill do làmh;
Dhad fhacal buinidh feart is fòir:
Ar n-ùrnaigh èist aig crìch an là;
Dean slàn sinn uile ’d thròcair mhòir.

10.10.11.11. LAOIDH 315

1 Sàr urram gun tàmh do dh’Àrd-Rìgh na Glòir’,
O luaidhibh a ghràdh ’s a chumhachd ro mhòr,
Ar Sgiath ’s ar Fear-daingneachaidh, Aosta nan Là,
’Tha còmhdaicht’ le soillse, ’s ion-mholta gu bràth.

2 O seinnibh ma ghràs, ’s a mhòrachd o chian:
’S e flaitheas a sgàil, ’s a thrusgan a’ ghrian;
’S e carbad a chorraich neul-torrainn nan sian,
’S air dubh-luirg na doininn tha chos-chèuman dian.

3 An saoghal gu leir, le ’iunntas neo-ghann,
’S tu chruthaich, a Dhè, led thrèine gun cheann;
’S tu shuidhich a bhunait neo-chaochlaideach, buan,
’S a chàirich mun chruinne, mar fhallaing, an cuan.

4 Cò ’n teanga ’nì sgeul air d’ fhiùghantas grin?
Tha ghaoth ’s an gath-grèin’ ga nochdadh gach linn;
Dhan ghleann tha e ’taomadh o aodann nan stùc,
’S gu milis a’ braonadh san uisge ’s san drùchd.

5 Lag oighreachan bàis – fann, bàsmhor, gun cheist –
Ar n-earbs’ tha à d’ ghràs nach fàilnich am feast;
Do thròcair ro chaomhail gu siorraidh cha chrìon,
Ar Dia, ar Fear-saoraidh, ar Caraid, ’s ar Dìon!

7.7.7. LAOIDH 321

1 Thighearn’, leis an dà no trì,
’Làthair deònaich fhèin gum bì,
’S riutsa togaidh sinn ar crìdh’.

2 Ìosa, ’s ann trid d’ fhuil, gu beachd,
’Dhòirt thu ’ghlanadh uainn ar peac’,
Gu do chathair ’nì sinn teachd.

3 Thus’ tha eòlach air ar teinn,
Glaodh a’ chreidimh deònaich dhuinn,
’S gu bhith ’tagradh teagaisg sinn.

4 Stiùir thu sinn san t-sligh’, is sheòl,
’S “Abba, Athair” chuir nar beòil,
’Teachd le ’r n-ùrnaigh chum do stòil.

5 Spioraid Naoimh, O crom do chluas;
Ri ar laigse mhòir gabh truas;
Èist an glaodh a thèid uainn suas.

6 Ghèilleadh feòil is crìdh’ san dàil,
Ach tha neach taobh staigh dhen sgàil
Dhan toir Dia gach nì mar ’àill.

7 Dia – an t-Athair, am Mac caoin,
Is an Spiorad Naomh faraon –
Glòir gu bràth dhan Tri-an-Aon!

C.M. LAOIDH 323

1 Is sona luchd a’ chridhe ghlain,
Oir Dia an sùilean chì;
Tha rùn an Tighearn aig a shluagh,
’S tha Crìosd a’ tàmh nan crìdh’.

2 An Tighearn thàinig nuas à nèamh,
A dh’aiseag beatha ’s sìth’,
A thàmh gu h-iriosal measg dhaoin’,
Mar Eisimpleir ’s mar Rìgh.

3 Pàirtichidh e dhan anam umh’l
E fhèin mar rinn o chian;
Mar chòmhnaidh is mar chathair-rìgh
’S e ’n crìdhe glan a mhiann.

4 A Dhia, do làithreachd shireamaid;
Na diùlt am beannachd grinn;
Thoir cridhe glan is iriosal,
’S dean còmhnaidh ann gach linn.

6.5.6.5. LAOIDH 339

1 Reultan beag’ tha deàrrsadh
Às na speuran nuas,
’S crìdh’chan beag ’cur ùmaigh
Gus na nèamhan suas.

2 Bilean beag’ tha ’g aithris
Cliù is moladh Dhè,
’S iad ag iarraidh stiùraidh,
Agus cùrsa rèidh.

3 Làmhan beag’ tha paisgte
Air gach broilleach caomh,
Mu ’n teid iad a chadal,
’Guidhe beannachd naoimh.

4 Casan a bu luaineach,
’S sùilean briosg, fo shuain;
Ainglean caomh an Athar
’Faireadh a chuid uan.

L.M. LAOIDH 342

1 Tha ghrian a-nis a’ streap nan speur;
A’ chruitheachd dhùisg fo ’gathan blàth’;
A Thriath ro chaoimh, bi leinn gu lèir,
Tro uile dhèanadais an là.

2 Dhia, cruthaich annainn cridhe nuadh;
Cuir treibhdhireas nar briath’r ’s nar mèin;
Sa mhadainn ùr is deàlrach snuadh,
Cuireadh nar crìdh’ a suaimhneas fhèin.

3 ’S an sin, nuair chìaras feasgar nuas,
’S a bhios an duibhre ’g iadhadh dlùth,
Bho chogais fhìorghlain èireadh suas
Ar n-òran-molaidh gu do chliù.

4 Glèidh siinn an-diugh, a Thriath ro mhòir;
Gach iarrtas peacach fuadaich uainn,
Is cuireamaid an cèill do ghlòir,
Nar n-uile ghnìomh, is bhriath’r, is smuain.

8.7.8.7. LAOIDH 343

1 Nis mu ’n laigh mi sìos gu cadal,
M’ ùrnaigh èist, O Athair naoimh;
Dèanadh d’ ainglean maiseach, fìorghlan,
Taobh mo leapadh faire chaomh.

2 ’S trom mo chiont’, ach ’s mòr is truime
Na mo lochdan, tròcair Dhè;
Fàgam iad aig crann do cheusaidh;
’S e do chòmhnadh m’ uile stèidh.

3 Gleidh mi rè na h-oidhch’ o chunnart;
Dìon-bhrat d’ ìobairt tharam sgaoil;
Guidheam ort, gud shuaimhneas gabh mi,
Nuair thig crìoch mo chuairt san t-saogh’l.

4 D’ fhoighidinn tha ’dol thar tomhais,
Fad’ os cionn ar cainnt ’s ar smuain;
Cò dhan aithne meud nan gràsan
’Choisneadh dhuinn tre fhuil an Uain?

5 Maith gu saor dhomh m’ uile lochdan;
Fad mo rè thoir neart is fòir;
Stiùir is dìon mi le do bheannachd,
Gus an gairm thu mi gu Glòir.

CM. LAOIDH 345

1 Ceud-Ghin na seachdain’! tostach, caomh,
Sàbaid ar Dè, cia grinn!
Là fois dhan sgìth, is tlachd nan naomh,
Là cliù is molaidh bhinn.

2 Chuir gnùis mo Shlàn’gheir ortsa sgiamh,
Is miadh le ’ais’righ fhèin;
’S e rinn diot là o nèamh ’s o Dhia,
Os cionn gach là fon ghrèin.

3Mar chuireas an ceud-thoradh àgh
An dèigh a’ bhàrr’ gu lèir,
An dream a bheir dhan t-Sàbaid gràdh,
Chì seachdain àigh dha rèir.

4 Seasam an-diugh an aobhar Dhè –
’S leat fhèin an là, mo Thriath;
’S airson ’s gum faigh mi ’mhath gu lèir,
Gluaiseam ’s gach ceum le fiamh.

5 Sguireadh gach saothair ’s gach faoin-chleas,
’S feitheam air Dia an sìth;
Labhram ri Dia, is gluaiseam leis,
’S mealaidh mi ’ghràdh gun dìth.

L.M. LAOIDH 350

1 Duibhre an fheasgair orm mu ’n dùin,
’S mu ’n laigh mi sìos gu cadal ciùin,
Togaidh mi ’n àird, a Thriath ro mhòir,
Laoidh shimplidh leinibh gu do ghlòir.

2 O cuir mo ghuth air ghleus gu binn,
Gus m’ oran-feasgair dhut a sheinn;
O dòirt do ghràdh am chridhe nuas,
Airson ’s gun ruig mo laoidh do chluas.

3 Gabh fhèin mo chridhe beag gu caomh,
Is teagaisg e od chridhe naomh
A luaidh do thròcair is do thrèin’,
Bho èirigh gu ruig laighe grèin’.

4 Glèidh mi led shùil, a Dhè bhith-bhuain,
’S gu gràsmhor dèan mo dhìon am shuain;
Is teachd an là mo shùil nuair chì,
Thugad-sa èirigh smuain mo chridh.

L.M. LAOIDH 353

1 Moladh is cliù biodh dhutsa, Dhè;
Do mhòrachd cuiridh sinn an cèill;
Na cinnich sleuchdaidh dhut a-sìos,
Gad aideachadh mar Thriath ’s mar Rìgh.

2 Bheir sinn dhad ainm ro naomha glòir,
Le seraphan is ainglean mòr’;
Na cumhachdan air nèamh gu h-àrd,
Cuiridh do chliù an cèill gu bràth.

3 O, naomha, naomha, naomha, Dhè,
Iehòbha, beannaichte gach rè,
Tha nèamh is talamh làn dhed ghlòir,
Dhed sholas, is dhed chumhachd mòr.

4 Na h-abstoil fòs tha seirm do chliù,
’S a’ cur am meud àrd fhuaim a’ chiùil;
Na fàidhean is na mart’raich ghrinn’,
Sgaoilidh do ghlòir gu linn nan linn.

5 Moladh dhan Athair, Dia nam Feart,
Airson a mhòrachd is a neirt;
Dhan Mhac ro chaoin, ’s dhan Spiorad fhìor,
Aon Trianaid, beannaichte gu sìor.

C.M. LAOIDH 355

1 Air tròcairean mo Thriath ro naoimh
Mo theanga-ghnàth nì luaidh;
Cia ait bhith ’seinn ma thròcair chaoimh,
Is fòs ga ’mealtainn uaith.

2 Gu deàlrach, maireann, mar tha ghrian,
’S cho àrd rì nèamh nan speur,
Gun chaochladh, buan, o chian gu cian,
A Dhè, tha d’ fhìrinn rèidh.

3 Saor chùmhnant gràidh ar Righ ’s ar Dè,
Mairidh gu linn nan linn;
’S gu muinghineach fo sgàil do sgèith,
Do naoimh nì tèarmann grinn.

4 ’S leat fhèin, a Dhè, an cuan ’s am fonn,
A chruthaich thu led làimh;
Aig d’ òrdugh èiridh fearg nan tonn,
’S aig d’ òrdugh nì iad tàmh.

5 Air thalamh ’s anns na nèamhan àigh,
Cò ’s Tighearn’ mar thu fhèin?
O lìonadh buaidh do Shoisgeil ghràidh,
Gach ceàrn a tha fon ghrèin.

8.7.8.7.8.7. LAOIDH 359

1 Stiùir sinn, Athair nèamhaidh, stiùir sinn
Thar muir bhuairt an t-saogh’l nach fiù;
Beathaich, treòraich, dìon, is gleidh sinn’;
Chan ’eil còmhnadh ann ach thu;
Ach a’ mealtainn gach aon bheannachd,
Ma tha Dia na ’Athair dhuinn.

2 Maitheanas, a Shlàn’gheir, thoir dhuinn;
Meud ar laigse dhuitse ’s lèir;
Chaidh thu trid an t-saogh’l seo romhainn;
Mhothaich thusa ’uile phèin;
Lag is buairte, fann is claoidhte,
Trid an fhàsaich chaidh thu fhèin.

3 ’Spioraid Dhe, a’ teachd gar n-ionnsaigh,
Lìon le aoibhneas nèimh ar crìdh’;
Measg le gràdh ar n-uile ruintean,
Sòlas dhe nach fàs sinn sgìth;
Mar seo, sàthach, saorta, stiùirte,
Nì air bith cha mhìll ar sìth.

L.M. LAOIDH 364

1 A Spioraid, thig – a Chalmain naoimh –
Is m’ èucail pheacach cuir a thaobh;
Bi dhomh mar shoills’ is mar fhear-iùil;
Mo smaoin ’s mo cheum glèidh fhèin led shùil.

2 Le leus na fìrinn treòraich mi,
’S gum faic ’s gun roghnaich mi mo shligh’;
Am chridhe suidhich gràdh is fiamh,
Airson ’s nach claon mo cheum o Dhia.

3 Stiùir mi gu Crìosd, an t-slighe nuadh,
’S na leig mi chaoidh air seachran uaith;
Stiùir mi gu naomhachd – slighe rèidh,
Troimh ’mhàin an ruig mi tigh mo Dhè.

4 Gu tèaraint’ glèidh mi le do làimh
Bho pheacadh is o eangach nàimh;
Stiùir mi gu Dia, mo shuaimhneas grinn;
’S mo shonas faigheam ann gach linn.

10.10.10.10. LAOIDH 367

1 Stiùir sinn, O Athair, ann an slìgh’ na sìth,
Oir claonaidh sinn mur stiùir thu sinn gach lò,
Is fàsaidh imcheist agus doilghios-crìdh’;
Stiùir sinn tro Chrìosd, an t-slighe fhìor is bheò.

2 Stiùir sinn, O Athair, anns an t-slighe fhìor;
Mur treòraich thu, ’s e ’s dàn duinn ribe ’s càs,
larrtais neo-ghlic a’ cur ar n-òige clì,
’S gun earbs’, gun dòigh, a’ triall gu aois is bàs.

3 Stiùir sinn, O Athair, anns an t-slighe cheirt;
Gun d’ iùl-sa gheabh sinn tuisleadh dall is pèin,
Fo ghruaim ’s fo dhuibhre ’strì, gun eòl, gun neart;
Cha bhi ar turas tèaraint’ ach leat fhèin.

4 Stiùir sinn, O Athair, gu do shìth gu h-àrd,
Cas agus garbh gam bi ar slìgh’ fon ghrèin,
Aoibhinn no brònach, mar a chì thu ’s fheàrr,
’S an ruig sinn beatha iomlan annad fhèin.

L.M. LAOIDH 368

1 Athair air Neamh! do ghràdh neo-ghann,
Fhuair èirig dha ar n-anma fann;
Nad làth’r tha sinne, peacaich thruagh,
A’ grìosadh maitheanais o shuas.

2 Mhic Shìorraidh! ar Fear-saoraidh gràidh,
Ar Triath, ar Sagart, is ar Fàidh
Nad làth’r tha sinne, peacaich thruagh,
A’ grìosadh gràis or n-Athair shuas.

3 A Spioraid Naoimh! a thogas ’n àird
An t-anam bochd o chiont’ ’s on bhàs,
Nad làth’r tha sinne, peacaich thruagh,
A’ griosadh cumhachd bheò o shuas.

4 Dhia – ’n t-Athair, Spiorad, ’s Mac faraon,
An Diadhachd dhìomhair, Trì-an-aon,
Nad làth’r tha sinne, peacaich thruagh –
Gràs, saorsa, ’s neart, cuir oirnn a-nuas.

– 7.8.7.D. LAOIDH 369

1 Shlàn’gheir, deònaich dhuinn do bheannachd,
Nis mu ’n laigh sinn sìos gu tàmh;
’S aithne dhut ar lochd ’s ar n-easbhaidh;
Slàint’ is saorsa thig od làimh;
Ged tha cunnartan is saighdean
Ghnàth ag iadh mun cuairt ar cinn,
D’ ainglean naomh tha ghnàth gar faire;
’S tèaraint’ sinn is thusa leinn.

2 Cianail, dorch, ged bhios an oidhche,
Dorchadas chan fhalaich uat;
’S tusa ’n tì tha ghnàth, gu coibhneil,
’Cumail faire air do shluagh;
’S bàs nan glacadh sinn ’s an oidhche,
Is gum b’ i ar leab’ ar n-uaigh,
Sgeadaicht’ ann am maise shìorraidh,
Dùisgeamaid ’s na nèamhan shuas.

L.M. LAOIDH 370

1 Molamaid d’ ainm, a Dhia ro mhòir,
Mar chòmhla ’seinn do chliù ’s do ghlòir;
’S gach àite adhraidh dhut do naoimh,
Dhan aithne meud do mhaithis chaoimh.

2 Na h-ainglean glaodhaidh riut gu lèir,
A’ seinn do chliù os cionn nan speur;
Cerub is seraph àrd an glòir,
Nèamh is a chumhachdan ro mhòr.

3 Na h-abstoil bidh ’s a’ chòisir àigh,
A’ seinn le cuideachd naomh nam fàidh;
Na mart’raich ghlòrmhor, feachd nam buadh,
Air d’ urram nì gu sìorraidh luaidh.

4.4.6.D. LAOIDH 381

1 Tha mhadainn àill’,
Le ’soillse àigh,
Gam dhùsgadh suas à m’ shuain;
Is fios dhomh ’s e
Gràdh saibhir Dhè,
’Ghabh cùram caomh dha uain.

2 Tron là gu lèir,
Guidheam ort fhèin,
Thoir dìon is stiùireadh caomh;
Gach lochd glan uam,
Nad fhuil thar luach,
Is fanam aig do thaobh.

3 O cuir do shìth
A staigh am chridh’,
A Spioraid mhaith is mhòir;
lompaich mi, Dhè,
Gud choltas fhèin,
Is ullaich mi son Glòir’.

8.7.8.7. LAOIDH 383

1 Cliù dhan Tighearn anns na h-àrdan;
Ainglean, molaibh e gu lèir;
Grian is gealach seinneadh dhàsan,
’S sibhse, ’reultan glan nan speur.

2 Cliù dhan Tighearn! thug e àithne,
Chual’ a’ chruitheachd Dia nam Feart;
Rinn e reachdan buan is daingean,
Gus an stiùireadh anns a’ cheart.

3 Cliù dhan Tighearn! tha e glòrmhor,
’S buan a ghealladh is a ghràs;
Thug a naoimh le ’neart ’s le ’chòmhnadh,
Buaidh air peacadh ’s air a’ bhàs.

4 Cliù dhan Tighearn, Dia ar slàinte!
Feachd nan naomh tha ’luaidh a ghlòir’;
Talamh ’s nèamh ’s a’ chruitheachd àillidh,
Seinneadh cliù dha ainm ro mhòr!

L.M. LAOIDH 385

1 O Thus’ tha ’tàmh sna nèamhan mòr’,
Os cionn nan reul is deàlrach glòir –
An t-ionad nach cuir feum gu bràth
Air gealach oidhch’, no grian ’s an là;

2 Ged shleuchdas mìltean dhut gun tàmh,
Air sgàth do Mhic aig do dheas-làimh,
Furtaich air cuspairean a ghaoil,
A’ triall fo dhoilgheas anns an t-saogh’l.

3 Ar n-oidhch’ tha dorch’ ’s ar là fo sgàil,
’S ma bheir thu uainn do làithreachd àill’,
Dè ’s dàn dhuinn, duslach truaillidh, fann
’S gun fhurtachd no fear-dìon dhuinn ann?

4 Tha ’n duibhre ’s a cuid feachd gach taobh,
Gun mheas air Dia no ’Mhac ro chaomh;
’S tha sinn’ air chrith le uamhann balbh;
Na tionndaidh d’ aghaidh uainn air falbh.

5 O cuidich sinn, a Dhia ro mhòir;
Led ghàirdean furtaich agus fòir;
Na lasadh ruinn do chorraich cheart;
Till ruinn nad ghràdh, O Dhia nam Feart!

C.M. LAOIDH 386

1 Dhia, crom do chluas rim ghuidhe dhèin,
Is m’ ùrnaigh dhìomhair cluinn;
Mo Rìgh ’s mo Dhia, cò ach thu fhèin
’Nì furtachd orm am theinn?

2 Mo Dhia, ’s a’ mhadainn ruigeam thu,
’S gu moch tràth dh’èireas grian,
Le dòchas togam riut mo shùil;
Na diùlt dhomh m’ iarrtas dian.

3 Am fìrean mealaidh beannachd caomh
Bho làmhan fialaidh Dhè,
’S le ’fhàbhar nì e ’uile naoimh
A chuartach’ mar le sgèith.

8.7.8.7.7.7. LAOIDH 391

1 Ghlèidh do mhaitheas rè an là sinn;
Èist ruinn mu ’n tig àm dhuinn tàmh;
Fad na h-oidhche dìon led làimh sinn;
Tèarainn sinn o bhuaireas nàmh.
Ìosa bi dhuinn nad fhear-dìon,
Riutsa earbaidh sinn gach sìon.

2 Coigrich anns an t-saogh’l, ’s luchd-turais,
’S nàimhdean umainn air gach taobh,
Dìon sinn fhèin ’s ar caoimh o chunnart;
Gheibh sinn fois nad asgall naomh:
’S trath thig sinn gu crìch ar rè,
Nì sinn tàmh an àros Dhè.

7.7.7.7.D. LAOIDH 395

Glòir Iehòbha biodh ga luaidh,
Ghnàth na chùirtean naomh’ le shluagh;
Seinneadh ainglean rìogh’chd an àigh,
’S fòs an dream a bhlais a ghràdh –
Sluagh a’ seinn gu nèamh a-suas,
Ainglean ’gairm gu talamh nuas.
Linn gu linn, is cuan gu cuan,
Moladh ’ainm gu sìorraidh buan.

7.6.7.6.D. LAOIDH 397

1 Mòr chliù do Dhia an t-Athair,
Mòr chliù dhan Mhac ro chaomh,
Mòr chliù do Dhia an Spiorad,
An Trianaid shìorraidh, naomh.

2 A phoball saorta, sleuchdaibh
Mun cuairt dhan chathair mhòir,
A’ toirt do Dhia na aonar,
Gach urram, neart, is glòir.