Leabhar Sheirbheisean: Sàcramaid a’ Bhaistidh

1. Faclan Barrantais

Abradh am ministear:
Tha an Soisgeul ag innse dhuinn:
Agus thàrladh anns na làithean sin
gun tàinig Ìosa o Nàsaret Ghalile,
agus bhaisteadh E le Eòin ann an Iòrdan.
Agus air ball, nuair a chaidh E suas as an uisge,
chunnaic E na nèamhan air am fosgladh,
agus an Spiorad mar chalaman a’ teachd a-nuas air.

Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh,
Is Tusa mo Mhac gràdhach,
anns a bheil mo mhòr-thlachd. (Marcus 1: 9 – 11)

Thubhairt Ìosa:
Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd
air nèamh agus air thalamh.
Uime sin, imichibh-se,
agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach,
gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic,
agus an Sprioraid Naoimh;
a’ teagasg dhaibh na h-uile nithean
a dh’àithn mi dhuibh a choimhead.
Agus, feuch, tha mise maille ribh a-ghnàth,
gu deireadh an t-saoghail. (Mata 28: 18 – 20)

Air Là na Caingis, thubhairt an t-Abstol Peadar:
Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh,
gach aon agaibh ann an ainm Ìosa Crìosd,
a-chum maitheanas pheacaidhean,
agus gheibh sibh tìodhlac an Sprioraid Naoimh.
Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn,
agus do na h-uile a tha fada o làimh,
eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia. (Gnìomharan 2: 38 – 39)

Ghairm Ìosa a’ chlann, agus thubhairt E:
Fuilingibh do na leanaban teachd am ionnsaigh-sa,
agus na bacaibh iad:
oir ann dan leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh,
ge b’e nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag,
nach tèid e air chor sam bith a-steach innte. (Lùcas 18: 16 – 17)

2. Mineachadh
   
Abradh am ministear:
Nuair a bhaisteadh Ìosa ann an uisgeachan Iòrdain,
thàinig Spiorad Dhè a-nuas air.
Choileanadh a bhaisteadh ’na bhàs agus ’na aiserigh.

Tha am baisteadh againne ’na chomharradh
air bàsachadh don pheacadh
agus èirigh gu nuadhachd beatha ann an Crìosd.
‘S e Crìosd Fhèin a tha gar baisteadh.

Le Spiorad na Càisge
tha e gar dèanamh nar buill de a chorp, an Eaglais,
agus tha e gar gairm gu bhith a’ gabhail compàirt
’na mhinistrealachd anns an t-saoghal.

Le uisge agus leis an Spiorad Naomh,
tha Dia a’ cur an cèill gum buin dinn dha,
gu bheil E gar glanadh o pheacadh,
agus gar cur saor o chumhachd a’ bhàis.

An seo tha fios againn
gu bheil sinn air ar n-aonadh ri Crìosd
’na cheusadh agus ’na aiseirigh,
gur buill sinn da chorp,
air ar gairm gu seirbhis a dhèanamh dha
anns an t-saoghal.

Anns an t-sàcramaid seo,
tha gràdh Dhè air a thairgsinn go gach aon againn.
Ged a tha e thar ar comais a thuigsinn no a mhìneachadh,
tha E gar gairm gu bhith a’ gabhail ris a’ ghràdh sin
le neo-chiontas agus earbsa an leanaibh bhig.

Anns a’ Bhaisteadh
tha Dia a’ toirt dearbhachd air a ghràdh do A…
agus tha comharradh agus seula an Spioraid Naoimh
air an cur air.

3. Aideachadh creidimh
   
Abradh am ministear ris na pàrantan:
Ann a bhith a’ toirt ur leinibh a-chum baistidh,
a bheil sibh a’ gabhail ri teagasg a’ Chreidimh Chrìosdail
a tha sinn ag aideachadh ann an creud nan Abstol?

Freagradh na pàrantan:
Tha.

Far a bheil inbheach ga bhaisteadh, abradh am ministear:
Ann a bhith ag iarraidh baistidh,
a bheil thu a’ cur cùl ri peacadh,
ag aideachadh d’fheum air gràs tròcaireach Dhè,
agus a’ gealltainn Dia a ghlòrachadh
agus do choimhearsnach a ghràdhachadh mar thu fhèin?

Freagradh an neach a tha ag iarraidh baistidh:
Tha.

Faodar Creud nan Abstol aithris, agus an coithneal nan seasamh:
Tha mi a’ creidsinn ann an Dia,
an t-Athair, Uile-chumhachdach,
Cruthaidhear nèimh agus na talmhainn:

Tha mi a’ creidsinn ann an Ìosa Crìosd,
aon Mhac-san, ar Tighearna,
a ghineadh on Spiorad Naomh,
a rugadh leis an Oigh Moire,
a dh’fhuiling fo Phontius Pìlat,
a cheusadh, a fhuair bàs, agus a dh’adhlaiceadh;
chaidh E sìos do dh’ifrinn.
Air an treas là dh’èirich E a-rithist o na mairbh;
chaidh E suas gu nèamh,
agus tha E ’na shuidhe air deas-làimh Dhè,
an t-Athair Uile-chumhachdach;
as an sin thig E a thoirt breith
air a’ bheò agus air a’ mharbh.

Tha mi a’ creidsinn anns an Spriorad Naomh;
anns an Eaglais naoimh choitchinn;
ann an co-chomann nan naomh;
ann am maitheanas pheacaidhean;
ann an aiseirigh a’ chuirp,
agus anns a’ bheatha mhaireannaich.

Amen.

4. Ùrnaigh

Abradh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.

Tha sinn a’ toirt taing dhut, a Dhè ghràsmhoir,
airson to thìodhlacan, an t-uisge agus an Spiorad Naomh.
Aig an toiseach bha Thu a’ gluasad os cionn nan uisgeachan
agus thug Thu solas agus beatha
do fhàsalachd gun dealbh.

Le uisgeachan na dìle,
ghlan Thu an saoghal,
agus rinn thu Nòah agus a theaghlach
gu bhith ’nan toiseach-tòiseachaidh ùr do gach sluagh.

Ri linn Mhaois, threòraidh Thu do shluagh
a-mach à braighdeanas tre uisgeachan na fairge,
a’ dèanamh coicheangail riu ann an dùthaich ùir.

Aig an àm shuidhichte,
ann an uisgeachan Iòrdain,
nuair a bhaisteadh Ìosa le Eòin,
chuir Thu do Spiorad a-nuas air.

Agus a-nis tre bhaisteadh
a bhàis agus ‘aiseirigh-san,
tha Crìosd gar saoradh on pheacadh agus on bhàs
agus a’ fosgladh na slighe chun na beatha maireannaich.

Faodaidh am ministear uisge a chur anns an amar-bhaistidh.
A Dhè bheannaichte,
dòirt do Spiorad Naomh oirnne
agus air an uisge seo,
ach am bi an t-uisge a’ foillseachadh dhuinn
crathadh fuil Ìosa Crìosd,
a’ dubhadh as ar peacaidhean;
a n-adhlacaidh maille ris ann am baisteadh;
ar togail suas gu nuadhachd beatha ’na aiseirigh;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna,
da bheil sinn a’ toirt gach urraim agus glòir,
dhutsa agus don Spiorad Naomh,
a-nis agus gu sìorraidh.

Amen.

5. Cur an cèill
   
Ri gach leanabh agus inbheach faodaidh am ministear faclan mar seo a chleachdadh:
A…,
is ann air do shon-sa a thàinig Crìosd don t-saoghal:
air do shon-sa bha E beò a’ foillseachadh gràdh Dhè;
air do shon-sa a dh’fhuiling E dorchadas Chalbhari
agus a ghlaodh E fa-dheòidh, ‘Tha e crìochnaichte’;
air do shon-sa thug E buaidh air a’ bhàs
agus dh’èirich E ann an nuadhachd beatha;
air do shon-sa chaidh àrdachadh gu bhith a’ riaghladh
air deas-làimh Dhè.

Rinn e sin uile air do shon-sa, A…,
ged nach b’aithne dhut sin fhathast.
Sin mar a tha facal nan Sgriobtar air a choileanadh:
‘Tha gràdh againn dhàsan, do bhrìgh gun do ghràdhaich
Esan sinne air tùs.’

6. Am Baisteadh
   
Crathadh am ministear uisge air ceann na leanaibh no an inbhich ag ràdh:
A…, tha mise gad bhaisteadh
ann an ainm an Athar,
agus a’ Mhic,
agus an Spioraid Naoimh.

Amen.

7. Am Beannachadh
   
Abradh am ministear:
Gun tigeadh beannachadh Dhè Uile-chumachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spriorad Naomh,
a-nuas ort,
agus gun gabhadh e còmhnaidh nad chridhe gu sìorraidh.

Amen.
   
  
Faodar am beannachadh aithris:
Gum beannachadh an Tighearna,
agus gun gleidheadh E thu;
gun tugadh an Tighearna air ‘aghaidh dealrachadh ort,
agus gum biodh E gràsmhor dhut;
gun togadh an Tighearna suas a ghnùis ort,
agus gun tugadh E sìth dhut.

Amen.

Abradh am ministear:
Chaidh A…, a bhaisteadh ann an ainm Ìosa Crìosd.
Tha sinn ga ghabhail agus a’ cur fàilte air
mar bhall den aon Eaglais, naomh, coitcheann agus abstolach.

8. Na Geallaidhean   

Abradh am ministear ris na pàrantan:
Buinidh ur leanabh do Dhia ann an Crìosd.
Bho seo a-mach tha àite aige
ann an co-chomann sluagh an Tighearna.

Innsibh dha mu a bhaisteadh,
agus cuiribh an cèill dha an tìodhlac luachmhor
a fhuair e an-diugh,
ach am bi fios aige gun deach a bhaisteadh,
ach am fàs e suas
gu bhith a’ seulachadh nam bòidean seo
ann an creideamh agus ann an gràdh
aig Bòrd a’ Chomanachaidh.

A bheil sibh a’ gealltainn,
an crochadh air gràs Dhè,
fìreannan agus dleasdanasan a’ chreidimh Chrìosdail
a theagasg do ur leanabh;
agus, le ùrnaigh agus eisimpleir,
altram ann am beatha
agus ann an adhradh na h-Eaglaise?

Abradh na pàrantan:
Tha.

9. Coisrigeadh a’ Choitheanail

Abradh am ministear ris a’ choitheanal:
Tha sibhse cruinn an seo
a’ riochdachadh na h-Eaglaise gu h-iomlan,
an Eaglais choitcheann.

Tha Facal agus Sàcramaid a’ toirt thugaibh
aoibhneas làithearachd Chrìosd.
Tha iad cuideachd a’ cur dhleasdanas mar fhiachaibh oirbh
mar shluagh an Tighearna anns an ionad seo.

A bheil sibh a’ cur fàilte air A…;
agus ag ath-nuadhachadh ur bòidean,
le cuideachadh Dhè,
ur beatha a chaitheamh gu Crìosdail coibhneil
am fianais clann Dhè,
agus eòlas agus gràdh Chrìosd
a phràirteachadh riu?

Abradh an coitheanal:
Tha.

Abradh am ministear agus an coitheanal le chèile:
Cuidichidh sinn a chèile
gu bhith a’ fàs ann an creidimh,
neartachidh sinn a chèile ann an ùrnaigh,
misnichidh sinn a chèile ann an obair an Tighearna.

 10. Ùrnaighean

Abradh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.

A Dhè ghràsmhor, tha sinn as ùr le gàirdeachas
a’ gabhail ri do ghràs ann am Facal agus Sàcramaid.
Chuala sinn do ghuth,
agus tha sinn air ar n-ath-nuadhachadh le do Spiorad.

Treòraich agus dìon A…, uile làithean a bheatha.
Gu robh do ghràdh ga ghleidheadh,
d’fhìrinn ga stiùireadh,
d’aoibhneas ga riarachadh.

Beannaich a phàrantan,
ach am fàs e suas
ann an dachaigh shona thèarainte.

Deònaich da theaghlach
gliocas agus misneachd,
ceòl-gàire agus sìth,
agus an gràdh sin a ghliùlaineas na h-uile nithean.

A Dhè nan gràs,
nad Eaglais-sa tha aon Tighearna,
aon Chreideamh, aon Bhaisteadh:
cuidich leinn gu bhith aig aideachadh
gur e Ìosa Crìosd an Tighearna,
an t-aon chreideamh fìor
aideachadh le ar beatha gu lèir,
agus a bhith a’ tighinn beò ann an gràdh agus aonachd
leis na h-uile a tha air am baisteadh ’na ainm,
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna,
a tha beò agus a’ rìoghachadh,
dan toirear adhradh agus glòir,
maille riut-sa, Athair, agus maille ris an Spiorad Naomh,
aon Dia gu sìorraidh.

Amen.

Ar n-Athair a tha air nèamh,
gu naomhaichear d’ainm.
Tigheadh do rìoghachd.
Gun dèanar do thoil
air thalamh, mar a nithear air nèamh.
Tabhair dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil.
Agus maith dhuinn ar fiachan,
mar a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.
Agus na leig ann am buaireadh sinn;
ach saor sinn on olc;
oir leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd,
agus a’ ghlòir gu sìorraidh.

Amen.

An còrr den t-seirbheis a’ leantainn mar as àbhaist.