1. Gairm gu adhradh
Abradh am ministear:
Gu robh gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd,
agus gràdh Dhè,
agus co-chomann an Spioraid Naoimh
maille ribh uile.
Amen.
Foadar cuid de na h-earrainnean a leanas a chleachdadh:
Thubhairt Ìosa, Feuch, tha mise maille ribh a-ghnàth,
gu deireadh an t-saoghail. (Mata 28: 20)
Is beannaichte iadsan a tha ri bròn,
oir gheibh iad sòlas. (Mata 5: 4)
Is e an Dia bithbhuan do thèarmann,
agus fodha tha na gàirdeanan sìorraidh. (Deuteronomi 33: 27)
Chan fhaca sùil,
agus cha chuala cluas,
agus cha tàinig ann an cridhe duine,
na nithean a dh’ullaich Dia
dhaibh-san aig a bheil gràdh dha. (1 Corintianaich 2: 9)
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair
ar Tighearna Ìosa Crìosd,
neach a rèir a mhòr-thròcair
a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas
tre aiseirigh Ìosa Crìosd o na mairbh. (1 Peadar 1: 3)
Tha beatha ’na dheagh-ghean;
rè oidhche mairidh bròn,
ach air madainn thig gàirdeachas. (Salm 30: 5)
Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna
a rinn nèamh agus talamh. (Salm 124: 8)
Dèanamid adhradh do Dhia.
2. Salm no laoidh
3. Ùrnaigh
Abradh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.
A Thighearna na beatha,
a cheannsaich cumhachd a’ bhàis,
is Tusa ar cobhair anns gach àm feuma.
Fo sgàile a’ bhàis,
tha Thu a’ toirt cofhurtachd do luchd a’ bhròin.
Tha sinn gar n-irioslachadh fhèin nad fhianais,
a’ creidsinn gu bheil Thusa a’ giùlan ar doilgheasan
agus a’ tuigsinn ar n- ionndarain.
Thoir dhuinn gràs gu bhith a’ dèanamh adhraidh dhut,
agus gu earbsa a chur
’na do mhaitheas agus ’na do thròcair.
Thoir dearbhachd dhuinn a chionn gu bheil Crìosd beò,
gum bi sinne beò mar an ceudna;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
A Dhè thròcairich,
tha sinn a’ cuimhneachadh le bròn
nach do ghràdhaich sinn a chèile
agus gun do chuir sinn doilgheas air do chridhe.
‘Na do choibhneas-gràidh,
thoir maitheanas dhuinn
airson nam peacaidhean a chaidh seachad,
saor sinn o chionta a’ pheacaidh,
agus dèan làidir sinn
gu bith a’ caitheamh ar beatha ann an gràdh,
tre Ìosa Crìosd do Mhac ar Slànaighear.
A Dhè a ghràis agus a’ chumhachd,
cuir do Spiorad nar measg,
ach an cluinn sinn do gheallaidhean
agus gun creid sinn gu bheil iad fìor,
agus mar sin gum faigh sinn
a’ chofhurtachd agus an t-sìth a thig bhuapa,
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
4. Cuibhreannan as na Sgriobtaran
Abradh am ministear:
A Thighearna, cò dh’ionnsaigh an tèid sinn?
Agadsa tha brithran na beatha maireannaich. (Eòin 6: 68)
Èisdibh ri Facal Dhè.
(Tha na cuibhreannan a leanas freagarrach aig seirbheis adhlachaidh – Eclesiastes 3: 1- 8, 14; Isaiah 25: 8 – 9, 26: 3 – 4; Isaiah 40: 28 – 31; Salm 23; Salm 103: 8 – 18; Salm 121; Salm 130; Ròmanaich 8: 18, 28, 31 – 39; 1 Corintianaich 15: 19 – 23, 35 – 38, 42 – 44, 50, 53 – 55, 57 – 58; Taisbeanadh 21: 1 – 4; 22: 3 – 5, Eòin 14: 1 – 4, 6, 27.)
An dèidh an leughaidh, abradh am ministear:
Gum beannachadh Dia dhuinn
a bhith a’ leughadh ‘Fhacail,
agus da ainm gu robh moladh agus glòir.
Amen.
5. Searmon
6. Ùrnaighean
Abradh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.
A Dhè ghràsmhoir,
moladh a bhith dhut gun do chuir Thu do Mhac, Ìosa,
airson cumhachd a’ bhàis a bhriseadh
agus beatha agus neo-bhàsmhorachd a thoirt gu solas
tren t-soisgeul.
Ghabh e compàirt nar beatha,
ghabh E air fhèin ar bàs,
agus dh’fhosgail E rìoghachd nèimh
do na h-uile a chreideas.
Na coimhead oirnne,
ach air-san anns a bheil ar dòchas,
agus treòraich sinn gu tèarainte tron bhreitheanas
gu aoibhneas agus sìth do làitheaireachd.
A Dhè shìorraidh,
tha gach anam ’na do làimh.
Tha sinn gad mholadh air an son-san
a choisich còmhla rinn air slighe na beatha seo,
agus a tha a-nis a’ sealbhachadh na beatha maireannaich.
Gu sònraichte, tha sinn a’ toirt taing dhut airson A…,
airson na thug Thu dha agus na rinn Thu ann,
airson na dàimh a bha aige
riusan aig an robh eòlas airagus aig an robh gràdh dha.
Tha sinn a’ cuimhneachadh le taingealachd
(Faodar na feartan sònraichte a bha aig an neach a chaochail ainmeachadh. Faodar cuideachd taing a thoirt airson cùram no coibhneis a chaidh a nochdadh do A…)
Agus a-nis tha sinn a’ toirt taing dhut a thaobh A…,
gu bheil gach cràdh agus fulangas air tighinn gu ceann,
agus gu bheil am bàs fhèin air a chùl.
Tha sinn a’ cuimhneachadh orrasan
a bhios ag ionndrainn A… anns na làithean air thoiseach,
gu h-àraidh B… agus C… agus D…,
agus buill an teaghlaich gu lèir.
Deònaich gum bi iad a’ tilgeil an uile chùraim ortsa,
ach am fiosraich iad cofhurtachd do ghràidh.
Athair nan tròcair,
agus a Dhè na h-uile chofhurtachd,
ann an teis-mheadhan ar cràidh
slànaich sinn le do ghràdh;
ann an dorchadas a’ bhròin
dealraich oirnn mar reul na maidne.
Dùisg annainn spiorad na tròcair,
ach am bi co-fhaireachdainn againn riusan a tha a’ fulang,
agus gun toir sinn dhaibh tomhas den chofhurtachd sin
a tha sinn a’ faighinn bhuatsa.
Treòraich sinne, fa-dheòidh, maille ri do shluagh gu lèir
gu rìoghachd do ghlòire,
far a bheil am bàs fhèin air tighinn gu crìch,
agus far an tiormaichear gach deur o gach sùil.
Dhutsa, an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
biodh glòir a-nis agus gu sìorraidh.
Ar n-Athair a tha air nèamh…
7. Salm no laoidh
8. Beannachadh
Gu robh sìth Dhè,
a tha thar gach uile thuigse,
a’ coimhead ur cridhe agus ur n-inntinn
ann an Ìosa Crìosd.
Agus gu robh beannachadh Dhè,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
maille ribh, a-nis agus gu sìorraidh.
Amen.
Anns a’ chladh
9. Earrainnean as na Sgriobtaran
Faodar cuid de na h-earrainnean a leanas a chleachdadh:
Cha tug sinn nì air bith leinn don t-saoghal seo,
agus is soilleir nach urrainn sinn nì sam bith a thoirt as. (1 Timòteus 6: 7)
Thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis:
beannaichte gu robh ainm an Tighearna. (Iob 1: 21)
Mar ann Àdhamh a tha na h-uile a’ faghail a’ bhàis,
is amhail sin mar an ceudna
a nìthear na h-uile beò ann an Crìosd. (1 Corintianaich 15: 22)
Na biodh eagal oirbh.
Is mise an ciad neach agus an neach deireannach.
Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh;
agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal. (Taisbeanadh 1: 17 – 18)
Oir tha dearbh-bheachd agam,
nach bi bàs, no beatha,
no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd,
no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh
o ghràdh Dhè a tha ann an Ìosa Crìosd ar Tighearna. (Ròmanaich 8: 38, 39)
Thubhairt Ìosa,
Do bhrìgh gu bheil mise beò,
bidh sibhse beò mar an ceudna. (Eòin 14: 19)
Thubhairt Ìosa,
Is mise an aiseirigh agus a’ bheatha:
an tì a chreideas annamsa,
ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:
agus ge b’e neach a tha beò,
agus a’ creidsinn annamsa,
chan fhaigh e bàs am feasd. (Eòin 11: 25 – 26)
10. Aig an uaigh
Abradh am ministear:
Tha sinn air ar bràthair (piuthar) A…
earbsa ri gleidheadh tròcaireach Dhè.
Tha sinn a-nis a’ càradh a dhuslaich anns an uaigh,
a’ tiomnadh a chuirp bhàsmhoir
don duslach as an tàinig e,
agus a’ tiomnadh ‘anama do Dhia
ar Cruitheadhair agus ar Fear-saoraidh,
ann an dòchas cinnteach na beatha maireannaich,
tre ar Tighearna Ìosa Crìosd,
a fhuair bàs, a chaidh adhlachadh,
agus a dh’èirich a-rithist air ar son,
a tha beò agus a’ riaghladh gu sìorraidh.
Amen.
Dèanamid ùrnaigh.
A Dhè shìorraidh,
ann an Ìosa Crìosd
thug Thu dhuinn creideamh fìor agus dòchas cinnteach.
Cuidich leinn a bhith beò
mar dhaoine a tha a’ creidsinn agus ag earbsa
ann an co-chomann nan naomh,
ann am maitheanas pheacaidhean,
agus anns an aiseirigh chun na beatha maireannaich.
Neartaich an creideamh agus an dòchas seo annainn
uile làithean ar beatha;
agus treòraich sinn aig ar dùsgadh deireannach
gu taigh agus geata neìmh,
ach an tèig sinn a-steach air a’ gheata sin
agus gun gabh sinn còmhnaidh anns an taigh sin,
far am bi sinn air ar n-aonadh riutsa
agus ri do naoimh gu sìorraidh;
tre Ìosa Crìosd at Tighearna.
Amen.
11. Am Beannachadh
Abradh am ministear:
Imichibh ann an sìth Dhè.
Agus gu robh beannachadh Dhè Uile-chumhachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spriorad Naomh,
maille ribh uile.
Amen.
(Faodar an t-òrdadh seo a chleachadh, le beagan atharrachaidh, ma tha an t-seirbheis air a cumail ann an crematorium.)